A’dol
air ais ann an eachdraidh, bha àireamh bheag de dhaoine, mu
180 ann an 1697, aig an robh am fearann air mhàl o uachdaran
a bha a’ fuireach ann an àiteigin eile, mu dheireadh
MacLeòid Dhùn Bheagain san Eilean Sgitheanach. Bha tuineachadh
beag aca sa Bhaile agus àirighean sa Ghleann airson an t-samhraidh.
Bha bàillidh aig an uachdaran a bhiodh a’ togail a’
mhàil dha uair sa bhliadhna nuair a thigeadh e a Hiort. Bha
fear de mhuinntir Hiort fhèin aige ga riochdachadh air an eilean
gus dèiligeadh ri cùisean o latha gu latha. Suas gu
faisg air deireadh an naoidheamh linn deug, bha a’ mhòrchuid
dhen mhàl ga phàigheadh le bathar. Bha am bàillidh
a’ reic a’ bhathair agus a’ toirt stuth dha na h-eileanaich
a fhuair e air tìr-mòr. |