Tha thu an seo: Hiort An-diugh > Coinnich an luchd-obrach


Coinnich an luchd-obrach  

Paul Sharman – Neach-raoin Hiort

Thòisich mi ag obair mar thuathanach gàrraidh aig ùghdarras ionadail. Seach gun robh obair ‘ghorm’ tarraingeach dhomh, chaidh mi an sàs ann an riaghladh dùthcha. An dèidh corra dhreuchd ràitheil aig Urras Nàiseanta Shasainn is na Cuimrigh agus Pàirce Nàiseanta Dartmoor, chuir mi seachad aona bliadhna deug nam Neach-gleidhidh airson Oighreachd Killerton an Urrais Nàiseanta ann an Devon; b’ e seo dachaigh shinnsireil teaghlach Dyke-Acland. Nuair a dh’fhàg mi an t-Urras Nàiseanta ann an 2000, chuir mi romham feabhas a thoirt air òige nach robh tairbheach agus chaidh mi dhan oilthigh! Cheumnaich mi aig ìre Ollamh ann an Cruinn-eòlas Daonna ann an 2008. B’ e eag-eòlas cultarail seallaidhean-tìre Bhreatainn am prìomh chuspair a bh’ agam. Fhuair mi cuideachd BA ann an Cultar, Àrainneachd agus Seallaidhean-tìre Cultarail agus Ceum Maighstir ann an Glèidhteachas Sheallaidhean-tìre Cultarail. On uair sin bha mi nam òraidiche geàrr-ùine ann an colaistean àiteachais ann an Devon agus Somerset.

Tha ùidh agam cha mhòr sa h-uile càil a bhuineas dhan dùthaich gu ruige a bhith a’ cluich ceòl folk agus ag innse sgeulachdan. Bha mi fiù ’s uair no dhà aig muir ann an currach agus bidh mi tric a’ coiseachd nam beann agus a’ falbh air baidhsagail. Thug mo smuaintean agus mo shiubhal mi, chan ann a-mhàin dha na Stàitean Aonaichte agus dhan Roinn Eòrpa ach, cuideachd, a bheanntan Ladakh, talamh àrd, tlàth Chameroon agus Fàsach Sahara.

Mar neach-taic san 19mh linn, thug Thomas Dyke-Acland taic dhan taigh-còmhnaidh do luchd-obrach a chleachd a bhith agam dìreach mar a rinn e dha na Hiortaich nuair a bha e beò. Mar neach a tha air tighinn às ùr dha na h-eileanan, tha mi a’ leantainn a cheumannan à Devon.

Ian McHardy – Arc-eòlaiche

Buinidh Ian McHardy dhan Eilean Dubh ann an Siorrachd Rois. Thòisich e ag obair an toiseach ann an Gnìomhachas Inntrigeadh Ròpa agus bha e an sin fad trì bliadhna. An dèidh sin rinn e Arc-eòlas agus cheumnaich e bho Oilthigh Ghlaschu ann an 1999. On uair sin tha e air a bhith ag obair air a cheann fhèin mar arc-eòlaiche, a’ cladhach agus/no a’ sgrùdadh làraich ann am Meadhan Alba agus air a’ Ghàidhealtachd, sna h-Eileanan a Tuath agus sna h-Eileanan Siar, am Poblachd na h-Èireann, Afraga a Deas agus Aotearoa/Sealan Nuadh. An dèidh a dhà no trì bhliadhnaichean a’ siubhal san leth-chruinne a deas agus anns na tropaigean, agus le ùidh mhòr aige ann an cultar agus ann an arc-eòlas, fhuair e sealladh nas fharsainge air cùisean. Fad nan còig bliadhna mu dheireadh tha e air a bhith a’ fuireach agus ag obair ann an Leòdhas. Tha e air a bhith an sàs ann an iomadh pròiseact air feadh nan Eilean Siar an dà chuid ann an rannsachadh agus ann an arc-eòlas malairteach eadar sgrùdadh farsaing air Arc-eòlas Stacan-mara Leòdhais, cladhach coimhearsnachd aig taighean-cuibhle a’ Bhaile Shear ann an Uibhist a Tuath agus pròiseactan coimhid, sgrùdaidhean coiseachd agus measaidhean mus tòisich leasachadh no coilltearachd. Còmhla ri ionad-ealain an Lanntair, chruthaich e pròiseact ealain agus arc-eòlais do sgoiltean air an robh ‘Artefact’. Bha seo air chuairt air feadh Leòdhais agus na Hearadh ann an 2009. Bidh e a’ sgrìobhadh colbh arc-eòlais gach mìos dhan Stornoway Gazette agus tha e a’ dèanamh rannsachadh pearsanta air tursachan Chalanais.

© Urras Nàiseanta na h-Alba