|
Tha thu an seo: A’ tadhal air Hiort
A’
tadhal air Hiort
Riaghailtean do Shoithichean (Ann am Beurla)
Comhairle do Luchd-Tadhail (Ann am Beurla)
Bàtaichean Cùmhnant
A’ tadhal le iacht
A’ tadhal le heileacoptair
Buidhnean-Obrach
|
| Chan
eil e furasta faighinn a Hiort, ach tha barrachd air aon dòigh
ann.
Tòisichidh
a’ chuid as motha de chuairtean anns na h-Eileanan Siar. Ma
tha thu airson barrachd fhaighinn a-mach mu’n sgìre
inntinnich seo agus do chuairt a chur air dòigh, feuch gun
tadhail thu air www.culturehebrides.com
Mar as trice
gheibh luchd-tadhail a Hiort air fear dhe na dòighean a leanas:
|

Droch mhuir a’ tighinn timcheall an Dùin à
Bàgh a’ Bhaile
Dealbh: Rohan Holt
|
| Bàtaichean
cùmhnant (brùth
an seo airson liosta de bhàtaichean (Ann am Beurla))
Tha na bàtaichean
seo a’ falbh à iomadh port, Malaig agus an t-Òban
nam measg. Bu chòir dhut fios a chur chun a’ chompanaidh
airson fiosrachaidh mu phrìsean is amannan seòlaidh.
Tha ùine na bhòidse an urra ris an t-sìde agus
ris an làn, agus an seòrsa bàta a tha ann.
Bheir soitheach-einnsein co-dhiù mu 14 uairean a’ dol
a Hiort às an Òban. ’S dòcha nach toir
e ach mu 8 às na h-Eileanan Siar.
|

Soitheach-còrsachaidh ann am Bàgh a’ Bhaile
Dealbh: Taighean Tasgaidh Ghlaschu
|
| A’
tadhal le iacht
Faodaidh daoine
a dhol a Hiort air an ceann fhèin’s dòcha ann
am bàta no iacht. Tha e feumail ma chuireas daoine fios chun
an Urrais le na planaichean aca, gu h-àraidh na h-uairean
tighinn is falbh.
Urras Nàiseanta
na h-Alba
Stìuiriche
nan Eilean Siar
Taigh Bhaile an Fhàin
40 Sràid Hùnndaidh
Inbhir Nis
IV3 5HR
Fòn: 01463 232 034
PUINGEAN
CUDROMACH:
- Ma tha
thu air a chur air dòigh a dhol a Hiort, feumaidh tu innse
do dh’Urras Nàiseanta na h-Alba, Taigh Bhaile an
Fhàin, 40 Sràid Hunndaidh, Inbhir Nis, IV3 5HR agus
cuiridh iadsan fios chun an neach-ghlèidhidh.
- Chan eil
àite fuirich air an eilean ach làrach-champachaidh
bheag nach gabh ach sianar. Gheibhear fiosrachadh mu ghlèidheadh
agus na h-amannan a tha e saor on oifis gu h-àrd.
- Chan fhaodar
coin (no beathaichean calla eile) a thoirt dha na h-eileanan.
Bu chòir dhan h-uile duine innse dhan neach-gleidhidh nuair
a ruigeas iad.
- Feuch gun
tadhal Dimàirt no Dihaoine oir bidh am bathar a’
tighinn.
|
| A’
tadhal le heileacoptair
Chan eil sinn
geur air daoine tighinn ann a’ heileacoptair air sgàth
cho frionasach ’s a tha àitichean nan eòin timcheall
nan eilean agus ’s ann glè ainneamh a bheirear cead.
Tha cunnart ann bualadh ann an eòin agus cuideachd tighinn
a-steach air sgìre dearbhaidh làmhachais. Ged a tha
heileacoptair a’ toirt bathair chun an ionad QinetiQ, tha
riaghailtean teann ann mun t-slighe a ghabhas i.
|
| Buidhnean Obrach
Tha na buidhnean obrach aig Urras Nàiseanta na h-Alba air a bhith a’ gabhail an turais a Hiort o chionn leth cheud bliadhna. ’S e saor-làithean le obair gu leòr a tha sna buidhnean obrach agus bidh daoine an sàs ann an obair glèidhteachais riatanach; ’s dòcha a’ càradh nam ballachan cloiche, a’ càradh an tughaidh air na taighean, a’ glanadh dhrèanaichean agus a’ peantadh cho math ri bhith a’ cuideachadh a’ ruith an eilein o latha gu latha. ’S àbhaist dha na buidhnean obrach a bhith air an eilean eadar an Cèitean agus an t-Iuchar.
Bidh neach-treòrachaidh eòlach os cionn gach buidheann, a’ stiùireadh na h-obrach agus a’ toirt comhairle mun obair a tha ri dhèanamh; tha còcaire ann a bhios a’ deasachadh a’ bhìdh fhad ’s a tha na buidhnean air an eilean. Chaidh sia taighean air Sràid a’ Bhaile, a thogadh bho thùs sna 1860an, a leasachadh agus thathar gan cleachdadh mar àiteachan-fuirich, stòradh agus taigh-tasgaidh beag.
|
|
Bidh iomadh seòrsa duine sna buidhnean obrach – tha cuid a’ coimhead airson saor-làithean le obair glèidheachais eadar-dhealaichte, tha ùidh aig cuid eile sna h-eòin-mhara a th’ ann a’ Hiort agus tha feadhainn dìreach airson greiseag a chur seachad air an eilean. Thar nam bliadhnachan tha ceudan dhed leithid fhèin air a bhith an sàs ann am buidheann obrach ann a’ Hiort. Chan eil feum air sgilean sònraichte sam bith, ach feumaidh tu bhith fiot agus spòrsail. Faodaidh duine sam bith eadar 18 is 75 bliadhna a dhol ann. Airson tuilleadh fiosrachaidh is beachdan o fheadhainn a bha an sàs ann am buidheann obrach, brùth an seo.
Ma tha ùidh agad ann an obair shaor-thoileach no cothrom obrachadh sna saor-làithean ann an àitichean eile le Urras Nàiseanta na h-Alba, theirig gu www.thistlecamps.org.uk no www.ntslocalgroups.org.uk.
|

Buidheann obrach a’ cur mullach ùr air taigh 6 ann
an 1989
Dealbh: Taighean Tasgaidh Ghlaschu
|
| BUIDHNEAN OBRACH HIORT 2008
Bidh trì buidhnean obrach glèidhteachais a’ ruith ann 2008 eadar an16mh dhen Chèitean agus an 27mh dhen Ògmhios. Ma tha thu airson tagradh a dhèanamh, cuir SAE gu: (Cosgaidh cèis A5 £0.34 no £0.24 agus meud cèise sam bith eile £0.48 no £0.40)
Co-òrdanaiche Bhuidhnean Obrach Hiort
Urras Nàiseanta na h-Alba
Taigh Bhaile an Fhàin
40 Sràidh Hunndaidh
Inbhir Nis
IV3 5HR
Fòn: 01463 232 034
No luchdaich a-nuas am foirm an seo an seo agus cuir e chun an t-seòlaidh gu h-àrd
Tuilleadh fiosrachaidh a dhìth? - brùth an seo.
’S 1d An Gearran an latha mu dheireadh airson tagradh a chur a-steach.
Gheibh an fheadhainn a bhios soirbheachail fios ro 1d Am Màrt.
Feuch gum pàigh thu a' phostachd cheart airson nam foirmean tagraidh.
Mar bhuidheann carthannais, cha ghabh Urras Nàiseanta na h-Alba ri càil air am feumar cìs postachd a bharrachd a phàigheadh.
|
|
|