|
Tha thu an seo: Hiort
An-diugh > A’
sgrùdadh na h-Àrainn Nàdarra
>
Fàsmhorachd
Fàsmhorachd
|
| Air
sgàth an t-suidheachaidh aige, chan eil uiread de lusan a’
fàs a’ Hiort ’s a tha air tìr-mòr
na h-Alba. Tha cuid de ghnèathan gu math tearc ann. A dh’aindeoin
sin, chaidh 174 lus le dìthean a chlàradh air na h-eileanan.
Chan eil craobhan no pris ann. Tha beagan seilich is seileach-an-airgid
ann ach chan fhàs iad barrachd air a dhà no trì
òirlich. Seach nach eil an talamh a-nis ga àiteach,
chan eil luibhean àitich ann. Ach dh’fhaodadh gu bheil
sìol fhathast san talamh a chleachd a bhith ga àiteach
agus gum fàsadh iad nan deidheadh a thionndadh.
|

Buidheagan is seileastairean air Lianagan a’ Bhaile
Dealbh: Taighean Tasgaidh Ghlaschu
|

Sòbhragan air bearraidhean fosgailte Oiseabhal
Dealbh: Taighean Tasgaidh Ghlaschu
|
| Tha
buaidh mhòr aig caoraich Shòdhaigh air fàsmhorachd.
Tha tòrr ionaltraidh ga dhèanamh air an eilean agus
’s e todhar nan caorach a tha a’ dol dhan talamh. Ach
tha iomadh lus a’ fàs air na bearraidhean, air ballachan,
air mullaich nan cleitean agus ann an àitichean eile nach ruig
na caoraich orra. Tha pàircean a chleachd a bhith a’
dìon a’ bhàrr on ghaoith agus o chathadh na mara
a-nis a’ dìon lusan fiadhaich o chaoraich. |

Tha samh pailt ri taobh tuill nam buthaigirean air an Dùn
far a bheil todhar nan eòin agus far nach fhaigh na caoraich
thuige
Dealbh: Taighean Tasgaidh Ghlaschu
|

Lus nan laoch a’ grèimeachadh ri aghaidh creige
Dealbh: Jim Vaughan
|
|
|