| Sgrìobh
Màrtainn Màrtainn ann an 1697 gun robh na taighean:
“ìseal,
de Chloich, agus de Thàthadh de dh’Ùir thioraim;
tha Cuplaichean agus Reangan orra le Sgrathan tana, agus le tughadh
de Chonnlaich leis a’ Mhullach ga chumail orra le Ròpan
Dùbailte de Chonnlaich no de Fhraoch, le Clachan air a’
cheann; tha na Leabannan mar as trice air an togail ann am Balla
an Taighe....airson rùm a dhèanamh dha na Mairt a
bhios iad a’ toirt a-steach sa Gheamhradh agus as t-earrach."
Fhuaradh lorg
air dealbh o chionn ghoirid a rinn George Clayton Atkinson dhen
Bhaile ann an 1831. Tha i a’ sealltainn grunnan thaighean-tughaidh
de chloich shìos faisg air a’ chladach. ’S dòcha
gu bheil sanas an seo mu thuineachadh sna meadhan linntean agus
às a dhèidh.
|
| Chaidh
Am Baile, mar as aithne dhuinn e an-diugh, a dhealbhadh leis a’
mhinistear, an t-Urr. Niall MacCoinnich, sna 1830an. Tha e a’
gabhail a-steach sreath thaighean, gach fear le imir-àitich
fhèin, an taobh a-staigh de ghàrradh crìche.
Bha na taighean a thogadh sna 1830an coltach ri na taighean-tughaidh
a bha air feadh Innse Gall. Cha robh annta ach aon rùm, agus
bhiodh an crodh a-staigh annta air a’ gheamhradh. Chaidh taighean
ùra a thogail sna 1860an. Bha iad seo a rèir an dealbhaidh
a bha bitheanta ann an Innse Gall le lobaidh mar a dheigheadh tu
a-steach, clòsaid bheag ris a’ chùl agus dà
rùm.
Brùth an dealbh airson a dhèanamh nas motha
Am Baile ann an 1886, a’ sealltainn taighean nan 1860an
le na mullaich agus taighean-tughaidh nan 1830an a-nis gan cleachdadh
nan sabhail ’s nam bàthchannan dhan chrodh. Tha an
Stòr, an Eaglais agus am Mansa shìos ris a’
chladach. Tha Taigh a’ Bhàillidh air ceann an ear a’
bhaile. Tha cleitean, sam biodh iad a’ stòradh rudan,
air feadh an àite, taobh a-staigh agus taobh a-muigh a’
ghàrraidh-chrìche. Tha corra lios ann airson rudan
a chur.
Dealbh: Cruinneachadh George Washington Wilson,
Oilthigh Obar Dheathain

A Bhan-Mhgr NicGillÌosa na suidhe taobh a-muigh an taighe
Dealbh: Urras Nàiseanta na h-Alba
|