|
Cunnartan Nàdarra
Cunnartan o Dhaoine
Truailleadh
Lorg Ola
A’ dìon Hiort
Cunnartan
Nàdarra
Dè tha
mach air Hiort sna ceud bliadhna a tha romhainn? Feumaidh na h-eòlaichean
a tha ag obair ann an-diugh na cunnartan a mheasadh agus ceumannan
a ghabhail gus na h-eileanan a dhìon. Tha na siantan a’
toirt droch bhuaidh air na toglaichean, agus bleith a’ chladaich
air cumadh na tìre. Tha cunnart ann cuideachd o luachair
oir faodaidh na freumhaichean làraichean nan togalach a mhilleadh.
Tha e mar dhleastanas
air an Urras dèanamh cinnteach gum bi gleidheadh buan air
an eilean, a chum math na rìoghachd, mar a tha sin air a
shònrachadh san lagh-chomasachaidh, Achdan Dearbhaidh Òrduigh
Urras Nàiseanta na h-Alba 1935 agus 1938. Tha seo a' còmhdach
dualchas, nàdar agus dealbh-tìre nan eilean. Tha riaghladh
an dualchais nàdarra fo sgèith Dualchas Nàdair
na h-Alba (DNA). Tha iadsan a' riaghladh nan eilean mar Thèarmann
Nàdair Nàiseanta (TNN), a rèir cùmhnantan
aonta a' mhàil leis an Urras. Tha an t-Urras agus Dualchas
Nàdair na h-Alba còmhla a' fastadh neach-gleidhidh
airson an t-seusain, a tha air a mhaoineachadh le . Tha an t-Urras
a' maoineachadh airceòlaiche, le taicairgid o Alba Eachdraidheil,
gus program rannsachaidh airceòlais a riaghladh. Ann am beagan
fhaclan, tha an t-Urras a' dèanamh cinnteach gu bheil gleidheadh
buan air nàdar, dualchas is dealbh-tìre nan eilean;
seach gu bheil na h-eileanan air an comharrachadh mar Làrach
Dhualchas na Cruinne, tha dleastanas eadar-nàiseanta air
an Urras gus dèanamh cinnteach gu bheil gach raon dhen dualchas
ga ghleidheadh, co-dhiù tha e fo riaghladh dìreach
an Urrais no nach eil.
brùth
airson dealbh nas motha

Luachair a’ sgaoileadh o chionn beagan bhliadhnaichean
Dealbh: Jacqui Huntley
|
| Truailleadh
Tha na h-eòin
a tha ag ithe timcheall nan eilean, agus a’ neadachadh ann
a’ Hiort, ann an cunnart o stuthan rèidio-beò
sa mhuir, o ola a dhòirteas agus o sgudal mar phlastaig,
loidhnichean-iasgaich phlastaig agus polaidhstaidhrean air sgaoileadh.

Sùlaire mharbh air Stac Lì le loidhne iasgaich
mu sgèith
Dealbh: Jim Vaughan
Faic
Lorg
airson Ola (Ann am Beurla)
A’
dìon Hiort
Tha iomadh
comharrachadh a’ dìon
cumadh na tire, nan toglaichean agus an fhiadh-bheath ann a’
Hiort. ’S e na h-eileanan an aon Làrach Dhualchas na
Cruinne ann an Alba a tha air aithneachadh airson dualchas nàdarra
a tha sònraichte. Thathar an dòchas gun urrainnear
an comharrachadh a leudachadh gu bhith a’ gabhail a-steach
na tha air fhàgail de dhualchas Hiort agus àrainneachd
na mara. Tha e an urra rinn uile uallach a bhith oirnn mu dheidhinn
dè thachras dha na h-eileanan seo agus taic phoblach a chumail
a’ dol airson an gleidheadh agus an dìon.

A’ tighinn timcheall an Dùin o Bhàgh a’
Bhaile ri droch mhuir
Dealbh: Rohan Holt
|