|
|
Tha thu an seo: Hiort An-diugh
Hiort an-diugh
Coinnich ris an luchd-gleidhidh
A’ sgrùdadh Eachdraidh nan
Daoine
A’ sgrùdadh na h-Àrainneachd
Nàdarra
Ealan, Cànan agus Dualchas
A’ riaghladh Hiort
|
|
Dh’fhàg
an còigeamh Iarla Bhòid Hiort aig Urras Nàiseanta
na h-Alba mar dhìleab ann an 1957. Chaidh a chomharrachadh
san aon bhliadhna mar Thèarmann Nàdair Nàiseanta
le Glèidhteachas Nàdair (Dualchas Nàdair na
h-Alba a-nis). Dìreach mus do chaochail e, dh’aontaich
Iarla Bhòid pìos beag fearainn a thoirt air mhàl
do Mhinistrealachd an Dìon mar stèisean-lorgaidh ràdair
airson raon nan urchraichean ann am Beinn a’ Bhaoghla ann
an Innse Gall.(Chaidh an aonta màil ùrachadh ann an
1976 airson 25 bliadhna eile.)
An-diugh,
tha na trì buidhnean seo, Urras Nàiseanta na h-Alba,
Dualchas Nàdair na h-Alba agus Ministrealachd an Dìon,
ag obair ann an co-bhanntachd gus program glèidhteachais
agus rannsachaidh a leudachadh air na h-eileanan airson a bhith
cinnteach gun tèid Làrach Dhualchas na Cruinne a chumail
gu math agus a dhìon.
Chaidh Hiort
a chomharrachadh iomadh uair aig ìre eadar-nàiseanta
airson dualchas agus nàdar air leth.
Liosta
comharrachaidh
|

Sràid a’ Bhaile
Dealbh: Urras Nàiseanta na h-Alba
|
| A’
riaghladh Hiort
Urras Nàiseanta
na h-Alba
Dualchas Nàdair na h-Alba
Ministrealachd an Dìon
|
|
Urras
Nàiseanta na h-Alba
Tha
uallach air an Urras dèanamh cinnteach gum bi gleidheadh
buan air an eilean, a chum math na rìoghachd, mar a tha sin
air a shònrachadh san lagh-chomasachaidh, Achdan Dearbhaidh
Òrduigh Urras Nàiseanta na h-Alba 1935 agus 1938.
Tha seo a’ gabhail a-steach nàdar, dualchas agus dealbh-tìre
nan eilean. Cuideachd, ann an 1986 chomharraich UNESCO Hiort mar
a’ chiad Làrach Dhualchas na Cruinne ann an Alba. Tha
an sònrachadh seo a’ cur dleastanas
eadar-nàiseanta air an Urras gus dèanamh cinnteach
gu bheil dualchas nàdair nan eilean air a dhìon is
air a ghleidheadh.
Eadar 1957
is 2003 bha riaghladh an eilein fo sgèith Dualchas Nàdair
na h-Alba (SNH) agus bha e air a riaghladh fo aonta com-pàirteachais
eadar an t-Urras, SNH agus Ministrealachd an Dìon (MoD).
Dh’atharraich seo san t-Sultain 2003 nuair a thug SNH ‘Inbhe
Cheadaichte’ dhan Urras gus Hiort a riaghladh gu dìreach
mar Thèarmann Nàdair Nàiseanta.
Tha an com-pàirteachas
fhathast a’ riaghladh nan eilean, agus chaidh a leudachadh
gu bhith a’ gabhail a-steach (a bharrachd air an Trust, SNH
agus MoD) Alba Eachdraidheil, QinetiQ (riochdairean MoD) agus Comhairle
nan Eilean Siar. Bidh riochdairean o gach buidheann a’ coinneachadh
gu cunbhalach gus aontachadh air cùisean mu ro-innleachd
agus an dòigh sa bheil Hiort air a riaghladh. Tha an t-Urras
cuideachd a’ cur neach-raoin
agus airceòlaiche an dreuchd
airson an t-sèasoin, le taic airgid bho SNH agus Alba Eachdraidheil.
Fon lagh-comasachaidh,
tha an t-Urras a’ dèanamh cinnteach gu bheil cothroman
aig a’ mhòrshluagh tadhal air na làraichean
aca airson toileachaidh far a bheil sin comasach. Ri linn cho doirbh
’s a tha e faighinn a Hiort, tha an t-Urras a’ toirt
cothrom a dhol ann tro phrogram nam buidhnean-obrach.
Tha fàilte ro dhuine sam bith a thig ann air an ceann fhèin,
ach feumar sùil a chumail air na h-àireamhan air sgàth
cho cùramach ’s a dh’fheumar a bhith mu nàdar
’s mu dhualchas nan eileanan. Tha an t-àite mar sin
ga riaghladh, mar a dh’fheumar, gus nach toirear droch bhuaidh
air na h-eilean. Tha an t-Urras cuideachd ag obair air cothroman
a thoirt gus barrachd tuigse agus luach a chur air Hiort, chan ann
a-mhàin do dhaoine a ruigeas na h-eileanan, ach cuideachd
do dhaoine san fharsaingeachd nach urrainn tadhal.
|
| Airson
fiosrachadh mu chùis sam bith co-cheangailte ri Hiort nach
eil a’ nochdadh air an làrach-lìn seo, cuir
fios gu:
Urras
Nàiseanta na h-Alba
Stìuiriche nan Eilean Siar
Taigh Bhaile an Fhàin
40 Sràid Hùnndaidh
Inbhir Nis
IV3 5HR
Fòn:
01463 232 034
|

A’ fosgladh an taigh-tasgaidh ann an Taigh 3, 1982
Dealbh: Taighean Tasgaidh Ghlaschu
|
| Chan
e roinn dhen riaghaltas a tha ann an Urras Nàiseanta na h-Alba,
ach buidheann-charthannais neo-eisimeileach le taic on bhallrachd.
Feuch an toir thu taic dhan obair againn le bhith a’ tadhal
air na làraichean againn, a’ toirt tìodhlac
airgid dhuinn, no a’ cur dìleab air dòigh. Faodaidh
tu ar cuideachadh le gabhail dhan Urras. Ma bhios tu na do bhall,
faodaidh tu tadhal air na làraichean againn an asgaidh. Bidh
thu mar sin a’ cuideachadh dualchas Alba – Hiort na
mheasg – gu bhith tèarainte san àm ri teachd.
Airson tuilleadh
fiosrachaidh, theirig chun a’ phrìomh làrach-lìn
againn:
http://www.nts.org.uk
no cuir fios
thugainn aig:
Urras Nàiseanta
na h-Alba
28 Ceàrn Charlotte
Dùn Èideann
EH2 4ET
Fòn: (0131) 243 9300
Facs: (0131) 243 9301
Post-dealain: information@nts.org.uk
|
|
Dualchas
Nàdair na h-Alba
Tha Dualchas
Nàdair na h-Alba (SNH) a’ riaghladh Hiort mar Thèarmann
Nàdair Nàiseanta (NNR). Tha iad fhèin agus
Urras Nàiseanta na h-Alba (NTS a’ maoineachadh neach-gleidhidh
ann a’ Hiort fad an t-seasoin (stèidhte ann an Taigh
a’ Bhàillidh) agus ’s e an obair aigesan na h-eileanan
a riaghladh mar TNN. Tha an dleastanas orra cuideachd airson obair
an airm sna h-eileanan a riaghladh agus smachd a chumail air.
Tha Hiort
air aon de 71 Thèarmann Nàdair Nàiseanta (NNR)
ann an Alba. Tha an t-uabhas eòin-mhara ann a’ Hiort
(nam measg an àireamh as motha air an t-saoghal de shùlairean
ceann a tuath a Chuain Shiar). Tha na caoraich, na luchainn feòir
agus na dreathain donn gun shamhail. Rinn SNH sgrùdadh o
chionn ghoirid a thug tuilleadh fiosrachaidh air beartas beatha
na mara timcheall nan eileanan. Tha e mar dhleastanas air NNR na
feartan sin a dhìon (a bharrachd air cùisean lusan,
geòlais, airceòlais is dualchais), agus cuideachd
a bhith a’ cur modh-riaghlaidh math air adhart, rannsachadh
agus toileachadh dhan mhòrshluagh. ’S ann ainneamh
a thig barrachd air 2000 duine sa bhliadhna. Mar sinn ’s ann
o thruailleadh mara agus o lusan is ainmhidhean nach buin dhan àite
a dh’fhaodadh tighinn a-steach as motha a tha an cunnart.
Feumaidh bàtaichean daoine agus uidheamachd a chur air tìr
ann an geòla, gun fhios nach tig radain no mionc dha na h-eileanan;
chan fhaod coin tighinn air tìr. Tha seo airson na caoraich
agus na h-eòin a dhìon, agus gus bacadh a chur air
fiolan fionn nan caorach o thighinn dha na h-eileanan.(Comhairle
do luchd-tadhail)
Tha Urras Nàiseanta
na h-Alba air fo-laghan a stèidheachadh
ach tha na h-eileanan air an dìon cuideachd le laghan eile
tro Dhualchas Nàdair na h-Alba, Alba Eachdraidheil, Comhairle
nan Eilean Siar, etc. ’S iad na comharrachaidhean sa bheil
SNH an sàs Sgìre Bòidhchead Nàiseanta,
Ionad de Shuim Shònraichte Shaidheansail (fo Achd an Fhiadh-bheatha
’s na Dùthcha 1981), Àite Sònraichte
Dìona (fo Òrdugh Eòrpach nan Eun), Àite
Sònraichte Glèidhteachais a thatar a’ moladh
(fo Òrdugh Eòrpach nan Àrainn ’s nan
Gnè) agus Làrach Dhualchais na Cruinne. Tha Hiort
cuideachd na Làrach Ath-sgrùdaidh Geòlais agus
na Sgìre-Chomhairleachaidh Mara, agus tha a’ mhòrchuid
dhe na togalaichean agus na làraichean airceòlais
nan Seann Làraich Chlàraichte. San Damhair 2003 ghluais
riaghladh NNR Hiort bho Dhualchas Nàdair na h-Alba gu Urras
Nàiseanta na h-Alba (Naidheachan).
Tha an Oifis Sgìreil ann an Stadhlaigearraidh ann an Uibhist
a Deas fhathast a’ coileanadh obair reachdail Dhualchas Nàdair
na h-Alba airson Hiort.
|
| Dh’fhoillsich
SNH postairean/cairtean puist, bileag dhathte, dhà-chànanach
mun Tèarmann Nàdair Nàiseanta agus bhideo goirid
ann an Gàidhlig is Beurla mu bheatha na mara. Tha iad rim
faotainn o Urras Nàiseanta na h-Alba no
bho SNH.
Dualchas
Nàdair na h-Alba
135 Stadhlaigearraidh
Uibhist a Deas
HS8 5RS
Breatainn
Fòn: (+44) 01870 620238
http://www.snh.org.uk
|

Tha an àireamh as motha air an t-saoghal de
shùlairean cheann a tuath a’ Chuain Shiar air Hiort
Dealbh: Jim Vaughan
|
|
|
|
Ministrealachd an
Dìon
Chaidh ionad
Mhinistrealachd an Dìon air Hiort a stèidheachadh
ann an 1957 mar stèiseanlorgaidh ràdair airson raon
nan urchraichean ann am Beinn a’ Bhaoghla, Innse Gall. Tha
QinetiQ a’ ruith an ionaid às leth Ministrealachd an
Dìon. ’S e luchd-obrach sìobhalta on chompanaidh
stiùiridh QinetiQ bho 1998. Tha luchd-obrach san ionad fad
na bliadhna. Tha seo a’ dèanamh obair nam buidhnean
glèidhteachais gu math nas fhasa.
Ionad QinetiQ
Dealbh: Calum Ferguson
|
|