Tha thu an seo: Club Hiort

Club Hiort

Chaidh Club Hiort a stèidheachadh o chionn fichead bliadhna. Tha e a’ brosnachadh ùidh ann a’ Hiort agus a’ cruthachadh dàimh am measg dhaoine a thadhail air an eilean. Cha do chleachd gum faodadh duine a bhith na bhall nas lugha na bha e air co-dhiù 24 uairean a chur seachad air an eilean, ach a-nis faodaidh duine sam bith le ùidh a bhith ann mar ‘Charaid do Hiort.’ Tha h-uile sochair aca sin ’s a tha aig na buill àbhaisteach ach a-mhàin nach eil cead bhòtaidh aca aig a’ Choinneimh Bhliadhnail.

Tha Ballrachd a’ Chlub a’ cosg £10 sa bhliadhna.

Tha Co-bhallrachd ann aig £15 sa bhliadhna do dhithis aig an aon sheòladh agus gheibh iad aon lethbhreac de chàil sam bith a bhios sa phost.

Tha cruinneachadh dhe na buill ann gach bliadhna. Tha an iris, St Kilda Mail, ga fhoillseachadh uair sa bhliadhna agus tha e a’ dol gu 800 ball air feadh an t-saoghail. Tha an Club air £20,000 a thoirt do dh’Urras Nàiseanta na h-Alba airson caochladh phroiseactan-glèidhteachais air na h-eileanan – agus airson na làraich-lìn seo.

 

Tuilleadh fiosrachaidh agus bileag tagraidh ballrachd bho:

Colin Govier
7 Montpelier Terrace
Dùn Eideann
EH10 4NE
United Kingdom
colin.govier@virgin.net

© Urras Nàiseanta na h-Alba