|
Tha thu an seo: Hiort
An-diugh > A’ sgrùdadh
na h-Àrainn Nàdarra > Caoraich Shòdhaigh
Proiseact
Caoraich Shòdhaigh
|
| Buinidh
caoraich Shòdhaigh do dh’Eilean Shòdhaigh. ’S
dòcha gur e seo a’ chaora challa as tràithe
a tha fhathast am bith. Chan eil cinnt cò às a thainig
caoraich Shòdhaigh o thùs. Tha an seann fhacal Lochlannach
Sauda-ey a’ ciallachadh Eilean nan Caorach. Mar sin, ’s
iongantach mura robh iad ann a’ Sòdhaigh ri àm
nan Lochlannach (an 9mh ’s an 10mh linn AD).
Gu 1932, nuair
a chaidh treud de 107 caora à Sòdhaigh a thrusadh
agus a chur a Hiort, cha robh sìol fhìor de chaoraich
Shòdhaigh ri fhaighinn ann an àite sam bith eile.
|
|
Tha a h-uile gin de chaoraich Shòdhaigh air an t-saoghal
air tighinn bhon fheadhainn air Sòdhaigh ann a’ Hiort.
’S e caoraich bheaga a th’ annta agus tha iad air eisimpleir
cho tràth ’s a th’ ann air caoraich air an cumail
le daoine. ’S iongantach gun tàinig atharrachadh sam
bith orra bho chionn iomadh mìle bliadhna. Chan eil duine
cinnteach cuin dìreach a thàinig na caoraich a Hiort,
ach bidh e coltach on fhianais gun tàinig iad còmhla
ris a’ chiad luchd-tuineachaidh bho chionn timcheall air 4000
bliadhna. Nuair a ràinig na Lochlannaich eileanan Hiort san
9mh agus san 10mh linn AD, thug iad Sauda-ey – ‘Eilean
nan Caorach’ air an eilean.
Suas gu 1932 cha robh Sòdhaich le gintinn glan rim faotainn
ach ann an Sòdhaigh. Chaidh an uair sin treud de 107 Sòdhach
a chur air Hiort fhèin. An-diugh, tha treudan de chaoraich
Shòdhaigh air feadh an t-saoghail.
Tha treudan gun riaghladh sam bith an-diugh ann an Sòdhaigh
agus ann a’ Hiort agus, bho na 1950an, tha ùidh mhòr
air a bhith aig bith-eòlaichean ann an atharraichean sna
h-àireamhan aca. An-dràsta, tha luchd-rannsachaidh
bho ghrunnan oilthighean is ionadan rannsachaidh an sàs ann
an sgrùdadh eadar-dhreuchdail air nithean a tha a’
toirt buaidh air eag-eòlas àireamhan nan caorach ann
a’ Hiort. Chaidh an rannsachadh seo fhoillseachadh bho chionn
ghoirid:
Clutton Brock, T.H. & Pemberton J. (2004) Soay Sheep air fhoillseachadh
le Cambridge University Press. ISBN 0521823005
|

Reithe na ruith
Dealbh: Ken Wilson
|
|
|
|
Tha iomadh cuspair sgrùdaidh ann, mar an ceangal a tha eadar
àireamhan caoraich Shòdhaigh agus na lusan a tha a’
fàs ann a’ Hiort agus an t-adhbhar a tha, no nach eil,
adhaircean air na caoraich seo. Gach bliadhna, thathar a’
beireachdainn air na h-uain san sgìre sgrùdaidh ann
am Bàgh a’ Bhaile. Tha na h-uain air an tomhas, sampaill
fala gan toirt bhuapa agus comharra a’dol orra mus tèid
an leigeil mu sgaoil. Aon uair ’s gu bheil uan air a chomharrachadh,
tha e furasta aithneachadh agus cumar sùil air fad iomadh
bliadhna.
Prìomh
bhuilean a’ phroiseict gu ruige seo:
- Tha
àireamhan nan caorach ann a’ Hiort agus ann am Boraraigh
a’ dol suas is sìos aig an aon àm.
-
Tha an àireamh a’dol sìos nuair a tha na h-àireamhan
àrd agus a tha droch shìde ann sa gheamhradh, ach
tha e fhathast doirbh a ràdh le cinnt.
- ’S
e na reitheachan as sine agus le adhaircean àbhaisteach
as soirbheachaile a thaobh gintinn, ach (mar a sheall rannsachadh
DNA) tha reitheachan òga gun adhaircean cuideachd a’
gintinn uain gu math tric.
-
Mar as motha a tha caoraich Shòdhaigh air gintinn nam measg
fhein, ’s ann as lugha a tha de dhìon aca an aghaidh
bhiastagan agus chan eil iad cho buailteach a bhith soirbheachail
a thaobh gintinn.
|

Muinntir an airm a’ clàradh fiosrachadh an uain
a chaidh a chomharrachadh
Dealbh: Davina Graham
|

Treud reitheachan
Dealbh: Ken Wilson
|

Luchd rannsachaidh a’ gabhail beachd air caoraich Shòdhaigh
Dealbh: Ken Wilson
|
| Tuilleadh
Fiosrachaidh
Jewell, P.A.
et al. 1974 Island Survivors: The Ecology of the Soay Sheep of
St Kilda Athlone Press, Lunnainn
Clutton-Brock,
T.H. et al. 1991 'Persistent instability and population regulation
in Soay sheep' Journal of Animal Ecology 60, 593-605
Gulland, F.M.D.
1992 'Epidemiology of nematode parasites in Soay sheep (Ovis
aries L.) on St Kilda' Parasitology 105, 481-492
Illius, A.W.
et al. 1995 'Selection for foraging efficiency during a population
crash in Soay sheep' Journal of Animal Ecology 64
Proiseact
Caoraich Shòdhaigh
|