|
|
Tha thu an seo: Hiort
An-diugh > A’ sgrùdadh
na h-Àrainn Nàdarra > Eòin-mhara
Eòin-mhara
|
| JNCC
Eòin-mhara 2000 agus Rannsachadh Eòin-mhara air Hiort
Sa Chèitean,
san Ògmhios agus san Iuchar 1999, chunnt buidheann eun-eòlaichean
na bha de dh’eòin-mhara a’ sìolachadh
ann a’ Hiort. ’S e luchd saidheans o Cho-chomataidh
Glèidhteachais Nàdair (CCGN), buidheann-chomhairleachaidh
Riaghaltas Bhreatainn, a bha an urra ris an rannsachadh. ’S
ann an 1987 a chaidh cunntas mhòr a dhèanamh ann a’
Hiort roimhe. Bha cunntas 1999 mar phàirt de phroiseact nas
motha, Seabird
2000, a tha ag amas air a h-uile eun-mara a tha a’ sìolachadh
ann am Breatainn ’s ann an Èirinn a chunntas.
Tha còrr
is leth mhillean eun-mara a’ sìolachadh ann a’
Hiort. Tha an t-àireamh as motha air an t-saoghal de shùlairean
an seo le còrr is 60,000 pàidhir. Tha an clàr
gu h-ìseal a’ sealltainn nan àireamhan airson
1999 agus 1987 de chuid dhe na h-eòin. Chaidh a h-uile h-aon
eun, pàidhir no nead (a rèir dè an gnè
a bh’ann) a chunntas gu mionaideach. Bha seo uabhasach trom
air na sùilean nuair a thàinig e gu na sùlairean,
oir chì thu iad mar spotan geala air feadh bhearraidhean
a tha 300m de dh’àirde. Ged a chaidh a’ mhòrchuid
dhe na h-eòin air Hiort fhèin a chunntas air tìr,
chaidh an fheadhainn air na h-eileanan eile a chunntas on dà
shoitheach-rannsachaidh againn, MV Cuma agus Popular Diver, oir
bha e cho doirbh faighinn thuca. Chan eil e furasta a bhith a’
coimhead tro phrosbaig air soitheach luasganach ann an sruth a’
Chuain Shiar agus chan eil e furasta air an stamaig uaireannan nas
mò.
|

Deagh spiris airson eòin-mhara a chunntas air bearraidhean
àrda Hiort
Dealbh: Ian Mitchell
|

Dithis ag obair còmhla gus nach bi mearachdan ann. Chunntadh
a h-uile pàidhir de 64,842 pàidhear fhulmairean air
bearraidhean Hiort
Dealbh: Ian Mitchell
|
| De
na gnèithean nach eil sa chlàr, chaidh na sùlairean
a chunntas mu dheireadh on iarmailt do dh’Ionad an Eigeòlais
agus Stòras Uisge na Tìre mar phàirt de sgrùdadh
a bhithear a’ dèanamh a h-uile 10 bliadhna air àitichean-neadachaidh
nan sùlairean ann am Breatainn. Chaidh tòiseachadh
air na buthaigirean, fachaich, luaireagan agus gobhlain-mhara a
sgrùdadh ann an 1999. Thathar ag amas crìoch a chur
air sgrùdadh nan eòin sin, a tha a’ fuireach
ann an tuill fon talamh, ann an 2000. Ged a tha am buthaigire am
muigh tron latha, chan eil na luaireagain agus na fachaich. Mar
sin,’s e fuaim a thathar a’ cleachdadh airson an cunntas
seach fradharc. Tha gairm luaireagain is fhachaich air teip ga chluiche
ann an àite-neadachaidh iomchaidh agus bidh na h-eòin
a tha a’ neadachadh a’gairm air ais. Seo a’ chiad
turas a chaidh cunntas cheart a dhèanamh air na gnèathan
seo ann a’ Hiort. Tha e uabhasach cudromach fhaighinn a-mach
cia mheud dhe na gobhlain-mhara a tha a’ neadachadh ann a’
Hiort, oir chan eil ach beagan cheudan phàidhrichean a’
neadachadh ann an àitichean eile ann am Breatainn. Mar sin,
’s iongantach mura h-ann air Hiort a tha an àireamh
as motha air an taobh seo dhen Chuan Shiar.
|
| 
A’ cunntadh nam mìltean de thuill bhuthaigirean
air leòidean casa Bhoraraigh
Dealbh: Ian Mitchell
|
| Gnè |
1987 |
1999 |
| Fulmaire |
62,786 |
64,842
|
| Sgarbh |
52 |
20 |
| Fasgadair
mòr |
52 |
163 |
| Faoileag |
0 |
1 |
| Farspach
bheag |
154 |
25 |
| Faoileag
ghlas |
59 |
6 |
| Farspach |
56 |
10 |
| Fàireag |
7,829 |
3,886 |
| Eun
dubh an sgadain * |
22,705 |
23,457 |
| Làmhaidh
* |
3,814 |
2,545 |
Àireamhan
nan eòin-mhara a bha a’ sìolachadh air Hiort
ann an 1999 an taca ri cunntadh 1987. (Dàta: JNCC)
* (’s
e àireamh nan eòin aig ìre sìolachaidh
a tha ann airson eun dubh an sgadain agus an làmhaidh, agus
àireamh phàidhrichean a tha a’ sìolachadh
ann an càch)
|

Luchd sgrùdaidh a’ dol air tìr ann am Boraraigh
Dealbh: Ian Scott
|

Prosbaigean gan cleachdadh gus àitichean fad às
a chunntadh
Dealbh: Tim Dunn
|
| Tuilleadh
fiosrachaidh
Harris, M.P.
& Murray, S. 1977. 'Puffins on St Kilda'. British Birds
70: 50-65.
Harris, M.P.
& Murray, S. 1989. Birds of St Kilda. Institute of Terrestrial
Ecology & Natural Environmental Research Council, UK.
Tasker, M.L.,
Moore, P.R. & Schofield, R.A. 1987. 'The seabirds of St Kilda'.
Scottish Birds 15: 21-29 .
Wanless, S.
& Murray, S. 1996. 'A census of the St Kilda Gannetry in May 1994'.
Scottish Birds 18(3): 152-158.
Joint Nature
Conservation Committee
Seabirds & Cetaceans
Dunnet House
7 Thistle Place
Obar Dheathain AB10 1UZ
Breatainn
Fòn:
(+44) 01224 655704
URL: www.jncc.gov.uk
|
|