| Tha
thu an seo: Àm a dh’fhalbh
>
Creideamh agus Dualchas
Creideamh
agus Dualchas
San 18mh linn,
bha ministearan agus miseanairidhean gan cur chun an eilein na bu
thrice. Chaidh eaglais agus mansa a thogail tràth san naoidheamh
linn deug, agus bha sgoil ann o 1884.
A’ chlann san sgoil
Dealbh: Urras Nàiseanta na h-Alba
’S ann
de mhuinntir Innse Gall a bha na Hiortaich agus ’s e a’
Ghàidhlig a bha aca. Bha an aon seòrsa aodaich orra
ri muinntir nan Eilean Siar. Ann an 1697 sgrìobh Màrtainn
Màrtainn gun robh iad measail air ceòl is geamachan.
Aig deireadh an naoidheamh linn deug bha iad air gabhail ri Eaglais
Shaoir na h-Alba agus cha robh uiread de dh’fhaoineas nam
beatha.
Boireannaich Hiortach ann an 1886
Dealbh: Cruinneachadh George Washington Wilson,
Oilthigh Obar Dheathain
|