|
Tha thu an seo:
Hiort An-diugh >Urras Nàiseanta na h-Alba 50 bliadhna ann a’ Hiort
Urras Nàiseanta na h-Alba 50 bliadhna ann a’ Hiort
Dh’fhàg Iarla Dhùn Phris eileanan Hiort aig Urras Nàiseanta na h-Alba mar dhìleab.
Thar nan leth-cheud bliadhna sin, tha an t-Urras, agus iomadh neach-obrach saor-thoileach, air a bhith a’ feuchainn ri àilleachd iongantach an eilein a dhìon...
|
| Anns na 1950an |
|

|
Bho shamhradh 1958 tha luchd-obrach saor-thoileach air na saor-làithean a chur seachad ag obair ann a’ Hiort, ris a h-uile seòrsa sìde, airson dualchas nàdarra is cultarail nan eilean a ghleidheadh. Tha na buidhnean obrach seo air a bhith ag obair gu h-àraidh a’ leasachadh agus a’ gleidheil nan sia taighean deug air an t-Sràid ann am Bàgh a’ Bhaile. Tha na taighean air a bhith nam fasgadh do luchd-obrach saor-thoileach agus luchd-rannsachaidh bho na 1950an.
|
|
| Anns na 1960an |
|

|
Tha Hiort ainmeil airson eachdraidh chlutarail is nàdarra, agus tha Urras Nàiseanta na h-Alba a’ cumail a’ dìon sin tro rannsachadh is glèidhteachas. Tha buidhnean saor-thoileach, luchd-rannsachaidh, luchd-saidheans agus muinntir an airm ag obair (agus a’ cluich) còmhla.
|
|
| Anns na 1970an |
|

|
Anns na 1970an fhuair grunnan Hiortach cuimhneachain dhen dachaigh aca a chur air camara agus iad air cuairt air bàta timcheall an eilein. Tha an-còmhnaidh beagan cianalais ann dha na Hiortaich nuair a thilleas iad dhan eilean bliadhnaichean an dèidh fhàgail. Thill beagan dhiubh, leithid Fhionnlaigh Mhic Cuithein, a choimhead air an dachannan anns na 1930an, goirid an dèidh dhaibh fàgail. B’ e Tormod MacIllIosa fear dhe na Hiortaich a thill o chionn ghoirid. Bha sinn ann an 2005.
|
|
| Anns na 1980an |
|

|
Am measg nan cùisean arc-eòlais a lorgadh ann a’ Hiort anns na 1980an, bha cnàimhneach bà a chaidh a chladhach faisg air cleit, beagan seachad air a’ Bhalla Cinn. Bho na 1980an, tha iomadh buidheann arc-eòlais air tilleadh a Hiort gus an eachdraidh chultarail a rannsachadh tro chladhach, sgrùdadh, creag-fhiosaigean, sgrùdadh na h-ùire agus palaeo-luibh-eòlas.Tha rannsachadh arc-eòlais a’ toirt barrachd tuigse dhuinn air dòigh-beatha annasach nan Hiortach tro na linntean – agus tha e gar cuideachadh gu bhith a’ cur luach air an dualchas bheartach aca.
|
|
| Anns na 1990an |
|

|
Ann an 1992 chaidh Hiort a chomharrachadh mar Sgìre Sònraichte Glèidhteachais (SAC) airson fàsmhorachd air na stacan mara agus airson na bha sa mhuir. Roimhe sin bha na h-eileanan air an comharrachadh mar Thèarmann Nàdair Nàiseanta (1957), Sgìre Nàiseanta airson Sheallaidhean (1981), Làrach le Suim Shònraichte Shaidheansail (1984), agus Làrach Dhualchas na Cruinne (1987). Chan eil teagamh nach eil na h-eileanan air leth àlainn.
|
|
| Agus a-nis ... |
|

|
...tha Urras Nàiseanta na h-Alba a’ comharrachadh eileanan Hiort agus nam feartan iongantach a th’ annta. Mar Làrach Dhualchas na Cruinne aig dà ìre, tha Hiort a-nis air aithneachadh aig ìre na cruinne airson dualchas nàdarra is cultarail. Tha an t-Urras ag obair nas motha buileach gus àilleachd is eachdraidh chumhachdach an ionmhais seo a ghleidheadh, agus tha tuilleadh ri dhèanamh sna 50 bliadhna a tha romhainn: dùbhlan is toileachas gu leòr!
|
|