Tha thu an seo: Liosta Sònrachaidh / Sgrìobhainn Ainmeachaidh


INBHE DHÙBAILTE A THAOBH DUALCHAS NA CRUINNE DO DH'EILEANAN ALBANNACH SÒNRAICHTE

San Iuchair 2005, thàinig Hiort, a tha fo sheilbh agus fo riaghladh Urras Nàiseanta na h-Alba, gu bhith air aon den dà dhusan àite air feadh an t-saoghail a fhuair Inbhe Dhualchas na Cruinne 'measgaichte' airson a chudromachd nàdarra agus cultarach. An dèidh Mion-sgrùdadh Coimeasail ullachadh, ghabh Comataidh Dhualchas na Cruinne UNESCO, a' coinneachadh ann an Durban, Afraga a Deas, ris an leudachadh air na sgrìobhaidhean a fhuaireadh roimhe bho Dhualchas na Cruinne airson dualchas nàdarrach mara agus tìre. Gabhaidh an sgrìobhadh a-staigh a-nis an 'sealladh cultarach' a dh'fhàg mìltean bhliadhnachan de dhaoine a' tàmh ann. Chaidh an t-Ainmeachadh ullachadh às leth Riaghaltas na RA le Riaghaltas na h-Alba agus Buidheann Riaghladh Ro-innleachdail Hiort.


A’ coimeas nì gun shamhail: sealladh air sàr chultar Hiort

San Iuchar 2004, dh’iarr Comataidh Dhualchas na Cruinne aig UNESCO air Riaghltas Bhreatainn Mion-sgrùdadh Coimeasail ullachadh air sealladh cultarail Hiort. Bhiodh seo na chuideachadh airson a bhith a’ sealltainn gu bheil Hiort fìor luachmhor dhan t-saoghal gu lèir agus, mar sin, airidh air comharrachadh a bharrachd air Liosta Dhualchas na Cruinne a thaobh a’ chultair. Chaidh an sgrìobhainn seo a chur gu Ionad Dhualchas na Cruinne san Dùbhlachd 2004, agus beachdaichidh a’ Chomataidh air, an dèidh comhairle fhaotainn bho ICOMOS, aig an ath choinneimh a bhios aca ann an Durban, Afraga a Deas, san Iuchar 2005.

Bha e glè inntinneach a bhith ag ullachadh Mion-sgrùdadh Coimeasail. Chaidh an sgrìobhainn seo, còmhla ris an ' Earrann Dualchas Cultarach' (7MB pdf) den Sgrìobhainn Ainmeachaidh, a chur gu Ionad Dualchas na Cruinne san Dùbhlachd 2004, agus tha a’ Chomataidh, an dèidh comhairle fhaighinn bho ICOMOS, air aontachadh ri sgrìobhadh Dualchas na Cruinne Hiort air Liosta Dhualchas na Cruinne a leudachadh gus am bi e air a chomharrachadh a-nis airson a fheartan nàdarrach agus cultarach.


Tagradh airson Làrach Dhualchas na Cruinne do Hiort

An dèidh 18 mìosan de rannsachadh, co-chomhairleachadh is ullachadh, chaidh fiosrachadh a chur gu Ionad Làraich Dhualchas na Cruinne aig UNESCO ann am Paris air an 1mh dhen Ghearran 2003. Tha na h-ùghdair an dòchas gum bi seo a’ciallachadh gun tig leudachadh air inbhe Hiort mar Làrach Dhualchas na Cruinne ach am bi e a’gabhail a-steach àrainneachd na mara agus dualchas.


Naidheachdan as ùire, Iuchair 05

San Iuchair 2005 fhuair Làrach Dhualchas na Cruinne Hiort Inbhe Dhùbailte a thaobh Dualchas na Cruinne airson a chudromachd nàdarrach agus cultarach. An dèidh Mion-sgrùdadh Coimeasail ullachadh, ghabh Comataidh Dhualchas na Cruinne UNESCO, a' coinneachadh ann an Durban, Afraga a Deas, ris an leudachadh air na sgrìobhaidhean a fhuaireadh roimhe bho Dhualchas na Cruinne airson dualchas nàdair mara agus tìre. Gabhaidh an sgrìobhadh a-staigh a-nis an 'sealladh cultarach' a dh'fhàg mìltean bhliadhnachan de dhaoine a' tàmh ann.


The front cover of the Revised Nomination Document. Click to open
			  the document B' e Sgrìobhainn Ainmeachaidh mionaideach le dealbhan àlainn, a tha a' mìneachadh carson a tha 'luach uile-choitcheann gun samhail' aig Hiort agus an dòigh sa bheilear a' toirt an aire air na h-eileanan seo, am prìomh sgrìobhainn air an do bheachdaich UNESCO. Chaidh an aithisg ullachadh le eòlaichean air dualchas nàdarra is cultarail Hiort, agus tha e a-nis air eadar-theangachadh chun an eadar-lìon air an làrach-lìn seo agus cuideachd ann an clò no ann an cruth PDF airson luchdachadh a-nuas (3.5MB, mu 15 mionaidean le modem 56K).

Bha an tagradh, le Pàrlamaid na h-Alba às leth Riaghaltas Bhreatainn, cuideachd a’ gabhail a-steach dreach deireannach den Phlana Riaghlaidh airson Làrach Dhualchas na Cruinne air a leudachadh. Tha fiosrachadh mionaideach ann ag innse carson a tha Hiort cho sònraichte, agus tha e a' cur an cèill nam prionnsabalan riaghlaidh thar beagan bhliadhnaichean ri teachd. Tha seo cuideachd ri fhaotainn airson co-chomhairleachadh poblach air an eadar-lìon agus air a chlò-bhualadh (bho Lorraine Bell aig Urras Nàiseanta na h-Alba).

Ann an ro-ràdh an Ainmeachaidh, thuirt am Prìomh Mhinistear Jack McConnell:

“Chan eil mòran a tha air cuairt a ghabhail a Hiort, agus air seasamh sa bhaile am measg glaodhaich millean eun-mara, nach robh air an gluasad leis an àite agus an eachdraidh aige. Tha am buidheann beag eileanan seo an Innse Gall mar àite a tha tur eadar-dhealaichte, mar àite air leth. Tha ìomhaigh aig mòran mu na h-eileanan gu bheil iad 'aig oir an t-saoghail' bhon a tha iad cho iomallach agus cho duilich faighinn thuca'.

"Tha na creagan cas agus a' mhuir fhiadhaich mu na h-eileanan a’ toirt beachd air cumhachd nàdair, agus chan urrainn do luchd-tadhail ach urram agus meas fhaireachdainn airson gach ginealach de mhuinntir Hiort a dh'fhalbh, nuair a chì iad na tha air fhàgail de na togalaichean aca.

"Tha Hiort na shamhla air comann iomallach air feadh an t-saoghail. Tha spiorad miorbhaileach an àite a’ tighinn bhon chomharradh a chaidh fhagail nuair a thàinig dòigh-beatha nan Hiortach gu crìch, 's a mhòr-chuid air sàilleabh cuideam bhon taobh a-muigh. Còmhla tha an dà chuspair seo - misneachd nan daoine ann an tìr gun truas, agus dòighean-beatha traidiseanta, lag an aghaidh atharraichean sòisealta agus eaconamach – a’ toirt cumhachd sònraichte agus beachd shaoghalta dhan àite.

"Air sgàth seo tha mi a' moladh an ainmeachaidh seo a tha air ath-sgrùdadh, airson Hiort a chur ri Liosta Dualchas na Cruinne, airson dèanamh cinnteach gun teid a chùram a ghabhail agus gum bi e air a dhìon anns na bliadhnaichean a tha romhainn.”

Chan eil ach 24 àite san t-saoghal a tha air an comharrachadh an dà chuid airson dualchas nàdarra agus cultarail mar Làraich Dhualchas na Cruinne. Tha seo a’ sealltainn cho sònraichte ’s a tha Hiort gu h-eadar-nàiseanta. Le inbhe dhùbailte mar Làrach Dhualchas na cruinne tha Hiort co-ionnan ri Uluru-Kata Tjuta (Creag Ayers) ann an Astràilia, Beinn Athos sa Ghrèig agus Machu Picchu, seann chomraich nan Inca, ann am Peru.

Tha an dà chuid an Sgrìobhainn Ainmeachaidh agus am Plana Riaghlaidh mar thoradh air co-bhanntachd fharsaing eadar iomadh buidheann a tha cudromach ann an cùram Làrach Dhualchas na Cruinne ann a’ Hiort. Nam measg: Pàrlamaid na h-Alba; Urras Nàiseanta na h-Alba leis a bheil Hiort; Dualchas Nàdair Alba; Alba eachdraidheil; Comhairle nan eilean Siar; Co-chomataidh Glèidhteachais Nàdair; agus Roinn a’ Mhalairt ’s a’ Ghnìomhachais.

Urras Nàiseanta na h-Alba