| Tha
thu an seo: Hiort
An-diugh > A’ sgrùdadh na h-Àrainn Nàdarra
A’
sgrùdadh na h-Àrainn Nàdarra
Toiseach Tòiseachaidh
Gnàth-shìde
Fàsmhorachd
Eòin-mhara
Beatha na Mara
Caoraich Shòdhaigh
Luchainn & Dreathain Donn
Tha ùidh
mhòr air a bhith ann an eachdraidh nàdarra Hiort o
mheadhan an 19mh linn chun an latha an-diugh. Tha e a-nis fo riaghladh
Dhualchas Nàdair na h-Alba. Thòisich proiseact rannsachaidh
air caoraich Shòdhaigh sna 1950an agus tha e a’ dol
fhathast. Chaidh iomadh sgrùdadh cudromach a dhèanamh
air na h-eòin-mhara a tha air na h-eileanan agus mun cuairt
orra.
O chionn beagan
bhliadhnaichean tha ùidh ann am beatha na mara air a dhol
am meud. Bidh mòran dhaoibhearan a’ tadhal air Hiort
airson rannsachadh fo na tuinn. Tha na h-eileanan seo uabhasach
tarraingeach do dhaoibhearan oir tha an t-uisge cho soilleir agus
an t-àite cho iomallach. Chan eil sgrùdadh ga dhèanamh
an-dràsta air na dreathain donn no air na luchainn feòir
ach bidh an neach-gleidhidh a’ cumail
sùil orra.
|