Tha
thu an seo: Hiort
an-diugh >
A’
sgrùdadh Eachdraidh nan Daoine
> Nithean san Taigh-tasgaidh
Nithean
san Taigh-tasgaidh
|
| Tha
nithean à Hiort ann an grunnan thaighean-tasgaidh is ionadan
air feadh Alba is ann an àitichean eile, ach tha an cruinneachadh
as motha ann an Taighean-tasgaidh Ghlaschu. Tha an cruinneachadh
seo gun shamhail, agus chan eil rian nach e cruinneachadh cho cudromach
’s a tha ann am Breatainn co-cheangailte ri sluagh is airceòlas.
Tha cruinneachadh an taigh-tasgaidh fhèin ann agus cruinneachadh
Urras Nàiseanta na h-Alba (a tha air iasad fad-ùine
aig Seirbheis nan Taighean-tasgaidh). Tha rudan annasach ann mar
ribean air an dèanamh de dh’itean ’s de ghaoisid
airson eòin-mhara a ghlacadh, uighean dreathan donn Hiort
a chruinnich Uilleam MacCuithein (a bhuineadh do Hiort), stocainnean
clòimhe agus clò, liagh de chnàimh muic-mhara,
cuibheall shnìomh à Hiort agus long litrichean. Tha
fiù ’s a’ chiad eathar a bhiodh a’ coinneachadh
an SS Dunara Castle ( a bhiodh a’ dol a Hiort bho na 1870an)
ann. Tha iomadh litir is rud eile ann cuideachd.
|

Cuibheall shnìomh à Hiort
Dealbh: Taighean-tasgaidh Ghlaschu
|
| Tha
Taighean-tasgaidh Ghlaschu air iomadh taisbeanadh a chur air adhart
mu Hiort, mar St Kilda, Past & Present ann an 1980 agus St Kilda
Explored ann an 1995-96. Thadhail am fear mu dheireadh dhiubh ann
an iomadh àite air taobh an iar Alba ann an 1996-97.
Chan eil càil
à Hiort ga thaisbeanadh an dràsta, ach thathar an
dùil taisbeanadh mu Hiort a chur air dòigh ann an
Taigh-tasgaidh Kelvingrove ann an 2004. Bidh an taisbeanadh seo
ann cha mhòr fad na h-ùine. Tha an Taigh-tasgaidh
dùinte o fhoghar 2002 airson a leasachadh gu tur.
|
Taisbeanaidhean eadar-ghnìomhail ann an St Kilda Explored
Dealbh: Taighean-tasgaidh Ghlaschu
|
|
|
Pìosan crèadhadh o chladhach airceòlais
Dealbh: Taighean-tasgaidh Ghlaschu
|

Letter from Donald Ferguson, House 5, ordering tar and felt to
repair the roof of his house
Photograph: Glasgow Museums
|
Tar-sgrìobhadh
de litir às an tasg-lann: Hiort
15mh An t-Iuchar 1897
Dear Sir,
Please
send us a hogshead of coal tar, we only got two barrels & 4 lbs
2 inch nails. You must also send 28 slaps for the house & 7 yds
of felt its empty on both sides of the chimys. The bull is of no
use we are sending it back by the Dunara. please send for my mother
20 deals of groved wood to cover the walls inside 21 feet long ½
inch thick.
I hope
that you got everything send you by the Dunara quit safe, I have
three casks of oil ready. Our weather is fine & warm. I'll have
fish to send by the Dunara. I received your letter at present &
got the book all right. Norman Gillies cow had her first calve last
May.
Yours faithfully
Donald
Ferguson
|
|
Further
information can be obtained from:
Art Gallery
& Museum
Kelvingrove
Glasgow
G3 8AG
United Kingdom.
Tel: (+44) 0141 287 2699
Fax: (+44) 0141 287 2690
Glasgow Museums
are part of the City of Glasgow's Cultural and Leisure Services
Department
http://www.glasgow.gov.uk
|