| Luchainn
Hiort
Chleachd dà
sheòrsa luch a bhith ann a’ Hiort. Bha iad le chèile
nam fo-ghnè dhe na luchainn-taighe agus na luchainn-coille
mar a gheibhear iad air tìr-mòr. ’S iongantach
mura h-e na Lochlannaich a thug a Hiort iad. Cleas iomadh beathach
eile a bha ann an àite iomallach, thàinig iad gu bhith
eadar-dhealaichte on sinnsearan. Ann a’ Hiort, dh’fhàs
iad na bu mhotha.

Luchainn-an-fheòir ann a’ Hiort
Dealbh: Urras Nàiseanta na h-Alba
Bha luchainn-taighe
ann a’ Hiort an urra ri daoine airson a bhith beò oir
bha iad ag ithe gràn is rudan eile a bhiodh aig na daoine.
Nuair a dh’fhalbh na daoine ann an 1930, cha robh biadh ann
agus chaidh iad à bith. Chan eil ann an-diugh ach sampaill
ann an taighean tasgaidh.
Tha luchainn-an-fheòir
fhathast pailt ann a’ Hiort agus air an Dùn. Cha robh
iadsan riamh cho mòr an urra ri daoine agus, mar sin, cha
deach iad à bith. Bidh iad ag ithe sheilcheagan, meanbh-fhrìdean,
còinneach agus sìol. Gabhaidh iad cuideachd biadh
o chlosaichean chaorach, eòin, ùbhlan, Mars bars no
mìlsein sam bith eile a dh’fhàgas luchd-obrach
nan laighe!
|