|
Tha thu an seo: Hiort
An-diugh > A’ sgrùdadh
na h-Àrainn Nàdarra > Beatha na Mara
Beatha
na Mara
|
Tha
uisge soilleir timcheall Hiort agus tha iomadh seòrsa ainmhidh
is lus ann, an dà chuid eadar loidhne àrd is ìseal
an làin agus fon loidhne as isle.
Daoibhear a’ togail dhealbhannan de bheatha na mara
Dealbh: Rohan Holt
Tha na h-àitichean
eadar loidhne àrd is ìseal an làin cha mhòr
dìreach sa mhòrchuid dhe na h-eileanan. Tha ainmhidhean
is lusan orra a tha air iad fhein a dhèanamh suas ri stoirmean
a’ Chuain Shiar a bhios a’ gabhail dha na h-eileanan.
Tha crios leathann gu h-àrd de bhàirnich gheala agus,
gu h-ìseal, tha bann de dh’fheusgain dhubha le feamainn
dhearg Mastocarpus stellatus a’ fàs air fheadh. Tha an
uair sin creagan ann le feamainn bhàn-dhearg agus stiallan
fada de dh’fheamainn ruadh. Ann an corra àite, far a
bheil fasgadh o na tuinn, tha seòrsaichean de dh’fheamainn
bhalgainn, Fucus spiralis agus Fucus distichus,
a tha gu math tearc sa chòrr dhen rìoghachd.
|
| Dìreach
fo uachdar na mara tha ceilp a’ fàs gu pailt agus tha
iomadh ainmhidh is lus na measg. Tha iomadh seòrsa spuing is
cìoch na muice mara a’ còmhdach nan creagan am
measg na ceilpe.
A’ dol sìos nas doimhne, far nach eil uiread de sholas,
tha a’ cheilp nas taine. Ach gu h-iongantach, tha cuid de
lusan ceilpe beò ann an doimhneachd a tha còrr is
45m an taca ri 25m air taobh an iar tìr-mòr na h-Alba
agus dìreach 10-12m air an taobh an ear.

Coille ceilpe le cnagan-feannaig (Echinus esculentus)
Dealbh: Sue Scott
|
| Chan
eil mòran rùm ann agus tha gach ciadameatair de chreig
làn dhen h-uile seòrsa dath is cruth. Tha flùr
na gaoithe ann dhen h-uile seòrsa dath eadar uaine, pinc
is dearg, meuran nam marbh (corail bog) orains, spuingean orains,
buidhe, glas agus uaine, hydra agus còinnich pailt sna h-uisgeachan
seo a tha cho beartach le planctan. Tha maorach, seilcheagan, gnamhain,
crùbagan agus iomadh seòrsa crosgaig ann cuideachd.
|

Caileàideascop de chruthan is de dhathan a’ còmhdach
nan creagan
Dealbh: Sue Scott
|
| 
Gnamhan (Polycera sp.)
Dealbh: Rohan Holt
|

Crosgag (Asterias rubens) agus flùr
na gaoithe (Sagartia elegans)
Dealbh: Sue Scott
|
| Tha
iasg pailt san uisge shoilleir. Tha sgaothan sgadan a’ deàrrsadh
san uisge nuair a dheàlras a’ ghrian air na lannan
airgeadach. Tha ròin, cearbain agus mucan-mara minke mu na
cladaichean. Tha beatha na mara iongantach dha-rìreabh timcheall
Hiort agus tha e air leth prìseil ann an dualchas nàdair
Alba.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Dualchan
Nàdair na h-Alba
2/5 Anderson Place
Dùn Eideann
EH6 5NP
Fòn: 0044 (0) 131 554 9797
Facs: 0044 (0) 131 554 7900
http://www.snh.org.uk
|