|
| Tha
thu an seo: Naidheachdan
Naidheachdan
Naidheachdan an Tasglainn (Ann am Beurla)
St Kilda – LIVE WEBCAST
St Kilda – Plockton Gallery
Hiort – Eileanan air an Inntinn
INBHE DHÙBAILTE A THAOBH DUALCHAS NA CRUINNE DO DH'EILEANAN ALBANNACH SÒNRAICHTE
Àrainneachd Mhara A' Faotainn Dìon Dhualchas Na Cruinne
Inbhe Buidheann Ceadaichten
Aonta
Màil Ministrealachd an Dìon
Naidheachd air Tagradh Inbhe na Cruinne
Eathraichean nan Dàn
Puinnsean ann am Pàrras
Beachdan mu Hiort
Plana Riaghlaidh Hiort 2002-2007
Pasgan a thugadh dhan Urras
Inbhe Làrach Dhualchas na Cruinne
Leabhraichean Ùra mu Hiort agus Innse Gall
|
|
|
St Kilda - LIVE WEBCAST
|
GASD
|
|
|
'S e riochdachadh
eadar-nàiseanta de theatar-ciùil nuadh-mheadhan a tha ann an "Hiort: Opara
Eòrpach" a tha stèidhichte air sgeulachd Hiort. Tha ceanglaichean-saideil beò,
eadar Hiort agus gach àite sa bheil an riochdachadh air a shealltainn, a' toirt
cothrom inntinneach air blasad fhaighinn de na h-eileanan mhìorbhaileach seo, 's
tha iad air am fighe a-steach dhan cho-obrachadh làidir, chruthachail seo bhon
là an-diugh.
"St Kilda: A
European Opera," is an international music-theatre new media production based on
the story of St Kilda. Live satellite links between St Kilda and each venue
allows for a tantalising glimpse of these spectacular islands, which is woven
into this vibrant and contemporary creative
collaboration.
|
|
Tha
tiocaidean air fhàgail fhathast is ma tha ùidh agad ann glèidh do thiocaidean an-dràsta
fhèin -air-loidhne tro www.thebooth.co.uk no bhon Lanntair (01851
703307).
Bidh
am BBC a' sealltainn webcast beò den taisbeanadh air oidhche Haoine - rach gu
www.bbc.co.uk/stkildaopera
agus coimhead a' phròiseact iongantach seo bho àite sam bith den t-saoghal.
There are still some tickets left,
so if you are interested please book your tickets soon - online
through www.thebooth.co.uk or from An Lanntair (01851
703307).
The
BBC will be showing a live webcast of the production on Friday night - go to
www.bbc.co.uk/stkildaopera
and watch this incredible project from anywhere in the
world.
|
|
Cuir
seo air adhart gu do charaidean uile gus am bi iad nam pàirt den luchd-amhairc
cruinne airson an taisbeanaidh shònraichte seo. Seo do chothrom a bhith nad phàirt dheth is mar sin na
dìochuimhnich a dhol air loidhne an ath Dhihaoine (22mh) aig 20.20
GMT.
Please pass this on to
everyone you know so that they can become part of the global audience for this
unique production. This is your chance to be
part of it so don't forget to log on next Friday (22nd) at 20.20
GMT.
|
|
|
|
|
|
St Kilda - Plockton Gallery
Claire Harkess RSW
9th June - 8th July 2007
Open daily 10am - 10 pm
St Kilda
This new exhibition of paintings by Claire Harkess documents both the starkness and the beauty of the island of St Kilda. These poetic water colour paintings are not reflections of a photographic vision but offer instead an artist’s impression and personal response to this extreme, inhospitable landscape and the birdlife it sustains. The images created are the visual expression of ideas of transience and endurance, balance and precariousness, darkness and light, and through them Claire reveals the essence of this hostile environment and allows the viewer to enter into the spirit of the place.
www.plocktongallery.com
The Plockton Gallery
The Manse,
Innes Street,
Plockton
IV52 8TW
tel/fax: +44(0)1599 544442
mob: 07747 777601
|
Gannets
|
|
Hiort – Eileanan air an Inntinn
20 Lùnastal - 22 Damhair 2005
Museum nan Eilean
Sgoil Lionacleit
Beinn na Fadhla
Tha an taisbeanadh Hiort – Eileanan air an Inntinn a' coimhead air an t-sealladh a tha aig daoine an-diugh air Hiort agus an sealladh a bha aig feadhainn eile air na h-eileanan nuair a thadhail iad orra ann an linn a dh'fhalbh.
San Iuchar 2005 chaidh faighneachd do ghrunnan dhaoine a bha ag obair ann a' Hiort dè bha a' dèanamh Hiort sònraichte dhaibhsan agus dè bha gan ceangal ris an àite. Chaidh na freagairtean aca a chleachdadh mar thoiseach tòiseachaidh an taisbeanaidh.
Tha mòran luchd-tadhail bho linntean a dh' fhalbh air am beachdan air Hiort a chlàradh. Tha grunnan dhiubh san taisbeanadh seo airson sealladh a thoirt air a liuthad beachd fa leth a bha aig daoine mu Hiort. Tha iad sin a' gabhail a-steach eadar a' chùnntas thràth aig Màrtainn Màrtainn ann an 1698 agus sgrìobhadairean san 20mh linn leithid Hammond Innes agus Raibeart Atkinson.
Chaidh buill-àrsaidh agus ìomhaighean, le ceangal ris an eilean, a tharraing bho na cruinneachaidhean aig Museum nan Eilean, Urras Nàiseanta na h-Alba agus Gaileiridh Ealain & Taigh-tasgaidh Inbhir Nis airson a dhol an cois nan sgeulachdan.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mun taisbeanadh Hiort - Eileanan air an Inntinn cuir fios gu:-
Dana Nic a' Phì
Oifigear an Taigh-tasgaidh
Museum nan Eilean
Fòn. 01870 602864
dmacphee1a@fnes.net
|
Luchd-tadhail
Meileachan
|
| INBHE
DHÙBAILTE A THAOBH DUALCHAS NA CRUINNE DO DH'EILEANAN ALBANNACH SÒNRAICHTE
Leugh am brath
naidheachd.
|
| Àrainneachd
Mhara A' Faotainn Dìon Dhualchas Na Cruinne
Aig coinneimh ann an Suzhou ann an Sìona,
leudaich Comann Foghlaim, Saidheans is Dualchais nan Dùthchannan Aonaichte (UNESCO)
Làrach Dhualchas na Cruinne ann a' Hiort gu bhith a' gabhail a-steach àrainneachd na mara mu thimcheall nan eilean.
Leugh am brath naidheachd a sgaoil Urras Nàiseanta na h-Alba, Dualchas Nàdair na h-Alba,
Pàrlamaid na h-Alba agus Comhairle nan Eilean.
|
| Inbhe
Buidheann Ceadaichte
Air an 9mh dhen
Damhair 2003 fhuair Urras Nàiseanta na h-Alba Inbhe Buidheann
Ceadaichte bho Dhualchas Nàdair na h-Alba gus Tèarmann
Nàdair Nàiseanta Hiort a riaghladh.
Tha Dualchas Nàdair na h-Alba air a bhith ag obair ann an
com-pàirteachas còmhla ris an Urras gus an làrach
sònraichte seo a riaghladh o thainig fo sheilbh an Urrais
ann an 1957, agus gu bhith na Thèarmann Nàdair Nàiseanta
ann an 1957. Air sgàth gu bheil dualchas nàdair gun
shamhail ann, tha Hiort a’ cur feum air sàr sgilean
gus a bhith cinnteach gu bheil e air a riaghladh ceart. Thar nan
47 bliadhna mu dheireadh, tha Dualchas n~adair na h-Alba air taic
a thoirt dhan Urras le na feumalchdan riaghlaidh sin agus tha iad
air cuideachadh a thoirt dhan Urras ann a bhith a’ leasachadh
sgilean riaghlaidh sònraichte agus eòlas.
Thuirt Alex
Lindsay, Stiùiriche Urras Nàiseanta na h-Alba airson
na Gàidhealtachd is nan Eilean: “Tha sinn uabhasach
toilichte gun d’fhuair sinn aithne airson ar n-oidhirpean
gu bhith a’ leasachadh ar sgilean ann an riaghladh an Tèarmainn
Nàdair Nàiseanta, agus gun d’fhuair sinn inbhe
Buidheann Ceadaichte mar am buidheann le uallach airson riaghladh
Hiort. O chionn ghoirid, tha sinn air a bhith ag obair gu dlùth
còmhla ri Dualchas Nàdair na h-Alba agus ar com-pàirtichean
ann an riaghladh Hiort gus plana riaghlaidh farsaing ullachadh airson
nan eilean agus tha sinn toilichte gum bi sinn a’ leantainn
oirnn ag obair ann an com-pàirteachas gus dèanamh
cinnteach gum bi an t-àite iongantach seo air a dhìon
gu bràth.”
Ann a bhith
ag innse gur e an t-Urras am buidheann ceadaichte airson riaghladh
an Tèarmainn Nàdair Nàiseanta ann a’
Hiort, thuirt ceannard Dualchas Nàdair na h-Alba, Ian Jardine:
“Tha ceangal air a bhith aig Dualchas Nàdair na h-Alba
agus na buidhnean a chaidh romhainn ri Hiort o chionn fhada, ag
obair còmhla ri Urras Nàiseanta na h-Alba thar dà
fhichead bliadhna. Rè na h-ùine seo, tha sinn air
a bhith a’ feuchainn ris an aire a thoirt air na h-eileanan
miorbhuileach seo agus air an fhiadh-bheatha mar nithean prìseil,
gun shamhail, an dà chuid a thaobh nàdair agus a thaobh
dualchais. Bha e riamh air fear de na Tèarmainn Nàdair
Nàiseanta as sònraichte ann an Alba. Mar Làrach
Dhualchas na Cruinne, tha aire agus sgrùdadh eadar-nàiseanta
air riaghladh Hiort agus tha uallach mòr an cois seo. Tha
mi toilichte a dhaingneachadh gur e Urras Nàiseanta na h-Alba
am buidheann ceadaichte airson riaghladh Tèarmann Nàdair
Nàiseanta Hiort. Tha mi cuideachd toilichte a bhith a’
toirt taic dhan Urras san obair chudromaich seo.”
|
| Aonta
Màil Ministrealachd an Dìon
The Ministrealachd
an Dìon agus Urras Nàiseanta na h-Alba air an ainmean
a chur ri aonta màil ùr gus dualchas nàdair
is culturach Hiort a dhìon airson 25 bliadhna eile.
Tha seo a’comharrachadh rùn an dà bhuidhinn
gus dèanamh cinnteach gun cumar a’ toirt an aire air
Làrach Dhualchas na Cruinne agus ga dhìon. Tha Hiort
mu thràth na Làrach Dhualchas na Cruinne air sgàth
dualchas nàdair, agus chaidh tagradh a dhèanamh gu
UNESCO airson inbhe dhùbailte a thaobh inbhe Dhualchas na
Cruinne a bhios a’ còmhdach a’chultair cho math
ri àrainneachd na mara. Thàinig Ministrealachd an
Dìon a Hiort an toiseach ann an 1957, bliadhna an dèidh
dhan 5mh Marcais Bhòid na h-eileanan a thoirt dhan Urras
mar thìodhlac. Aig an àm sin,bha raon deuchainn rocaidean
an Airm ga stèidheachadh faisg air Beinn a’ Bhaoghla
agus, an-diugh, tha an radar agus goireasan eile ann a’ Hiort
gan cleachdadh mar stèisean deuchainn is measaidh mar phàirt
de raon nan urchraichan ann an Uibhist a Deas. Tha luchd-ionaid
na Ministrealachd, QinetiQ, Ltd. a’ riaghladh nan nithean
sin an-dràsta.
|
| Naidheachd
air Tagradh Inbhe na Cruinne
Sa Ghearran 2003
chuir Pàrlamaid na h-Alba ainmeachadh air ath-sgrùdadh
[Sgrìobhainn Ainmeachaidh] gu
UNESCO a’ sireadh tuilleadh leudachaidh san inbhe sna roinnean
Dualchas Nàdarra agus Seallaidhean Tìre Dualchasach
air sgàth dualchas sònraiche nan uisgeachan timcheall
nan eileanan, agus an eisimpleir gun shamhail a tha na h-eileanan
a’ toirt dhuinn air eachdraidh is cultar Alba.
San Damhair
2003, chaidh Neach-measaidh, a bha ag obair às leth UNESCO,
a Hiort còmhla ri Robin Turner, Ceannard Airceòlais
Urras Nàiseanta na h-Alba agus riochdaire o Phàrlamaid
na h-Alba. Ged a bha droch shìde ann, lasaich i greiseag
agus fhuair sinn ann is às ceart gu leòr. Bha i blàth
airson an àm sin dhen bhliadhna agus fhuair sinn cothrom
air a dhol air feadh Hiort fhèin.
Dh’fhaighnich
an neach-measaidh mòran cheistean mu riaghladh nan eilean.
Chaidh aice air coimeas a dhèanamh eadar na bha ann am Plana
Riaghlaidh Hiort agus anns an Sgrìobhainn
Ath-ainmeachaidh agus na chunnaic i. Ged nach bi aithisg an
neach-measaidh ri fhaotainn gu earrach 2004, tha a h-uile coltas
gun do shaoil i tòrr dhen àite agus cuideachd de mhodh
riaghlaidh nan com-pàirtichean a tha a-nis a’ ruith
nan eilean. Cluinnear an tagradh airson làrach dualchas nàdair
a leudachadh gu bhith a’ còmhdach an dualchais fon
uisge, agus gu bhith a’ cur a’ chultuir ri sgrìobhadh
Làrach Dhualchais na Cruinne deireadh an Ògmhios/toiseach
an Iuchair 2004 aig coinneimh Comataidh Dhualchais na Cruinne ann
an Suzhou, Sìona.
|
| Eathraichean
nan Dàn
Taisbeanadh
ann an Gaileiridh nan Ealain ’s an Taigh Tasgaidh, Kelvingrove,
Glaschu
12 An Òg-mhìos – 21 Iuchar 2002
Chan eil ach
glè bheag de thurchairt ann an dèanamh agus ann an
taisbeanadh ealain. Tha an obair ga dèanamh ann an dòigh
rianail ach am faicear i ann an dòigh àraidh. Chaidh
‘eathraichean nan dàn’ a chruthachadh ann an
dòigh a leigeadh beagan turchairt dhan obair. ’S e
soithichean beaga fiodha a tha annta air an snaidheadh le làimh.
’S e am fear ealain, Douglas Robertson, a rinn iad an dèidh
‘long Hiortach’ fhaicinn san Taigh Tasgaidh ann an Kelvingrove.
Tha dàn beag le Valerie Gillies, Ian Stephen, Kevin MacNeil
no le Douglas Robertson fhèin air an taobh a-muigh. Tha gritheid
bheag, co-cheangailte ris an ùghdar no ri cuspair an eathair,
am broinn gach eathar.
Thèid
an cur air bhog nas fhaide dhen bhliadhna à àitichean
air an aon domhan-leud ri Hiort (58° 50' N). Bidh e an urra
ris a’ ghaoith ’s ris a’ mhuir-làn càit
an tèid iad agus cò gheibh iad. Ma thig iad air tìr,
cumaidh an neach a lorgas iad iad, fleòdraiche beag a lorg
cuideigin air tràigh an àit’-eigin.
|
Eathar
Dàin
|
Eathar
Dàin
|
|
|
| Puinnsean
ann am Pàrras
Tha luchd-saidheans
o Oilthigh Obar Dheathain air fianais a lorg gun do thruaill na
daoine air na h-eileanan iomallach seo an ùir gun fhios dhaibh.
Dh’fhaodadh gun robh seo na adhbhar gun tàinig orra
an t-eilean fhàgail ann an 1930.
Tha an t-Oll.
Andy Meharg agus an sgioba aige air a bhith a’ sgrùdadh
sampaill de dh’ùir à diofar cheàrnaidhean
de dh’ Eilean Hiort fhèin. Chruinnich iad sampaill
à talamh àitich, achannan, agus òtraichean
far an do chleachd sgudal a bhith ga chruinneachadh airson todhair.
Sheall an sgrùdadh gu bheil ìre nan ceimigeach puinnseanta
àrd fhathast – agus gur dòcha gun tug iad buaidh
air torrachas na talmhainn.
Chaidh an ùir
a thruailleadh nuair a thòisich na Hiortaich a’ cur
barrachd todhair air an talamh. Bha luaidhe, sinc, cadmium agus
arsnaig am measg an stuth-truaillidh agus ’s e closaichean
eòin-mhara san innear a chuireadh air an talamh bu mhotha
a bha ri choireachadh.
Mar a mhìnich
an t-Oll. Meharg: ‘Bha na mìltean mòra de dh’eòin
gan glacadh gach bliadhna agus bha tòrr sgudail a’
cruinneachadh. Tha eòin-mhara buailteach barrachd mheatailtean
puinnseanta a bhith ann am buill am bodhaigean. Nuair a thadhail
Martin. Martin air an eilean ann an 1697, rinn e iomradh air cho
torrach ’s a bha an t-eilean. Ach tha aithris ann gun robh
am bàrr air a dhol bhuaithe mu mheadhan an 18mh linn. Tha
uiread de cheimigich sna sampaill a tha againn ’s nach biodh
iad air am meas freagarrach airson àiteachais fo lagh an
latha an-diugh seach gum faodadh am biadh a bhith na chunnart slàinte.’'
Chuir toradh
an rannsachaidh iongnadh air Robin Turner, Prìomh Airceòlaiche
Urras Nàiseanta na h-Alba air na h-eileanan: ‘Gu ruige
seo, bha sinn a’ faicinn Hiort mar àite miorbhaileach
ann an co-chòrdadh ri nàdar. Tha a’ choire airson
an fhàsachaidh air a bhith a’ dol air cuideam on taobh
a-muigh, an toiseach on uachdaran, an uair sin air luchd-turais
agus, mu dheireadh, gun robh an sluagh air tighinn gu bhith a’
sùileachadh barrachd. Tha sinn a-nis a’ faicinn gun
robh muinntir an eilein, gun fhios dhaibh, a’ puinnseanachadh
na h-ùire air an robh iad an crochadh. Tha seo a’ dèanamh
na sgeulachd nas inntinniche buileach dhuinn an-diugh. ’S
e an leasan dhuinne: chan e a-mhàin gum feum sinn a bhith
beò ann an co-chòrdadh ri ar n-àrainneachd,
ach feumaidh sinn a bhith glè chinnteach nach bi droch bhuaidh
ris nach robh dùil aig atharrachadh sam bith a nì
sinn, air cho ciallach ’s gu bheil e a’ coimhead. Tha
e cuideachd na chùis-smaointinn gur dòcha gur e goireas
nàdarra, a chum a’ dol iad fad cheudan, ’s dòcha
mìltean, bliadhna, a thug buaidh air a’ choimhearsnachd
air a’ cheann thall.’
Fhuaradh duais-rannsachaidh
o Urras Leverhulme air sgàth an fhiosrachaidh seo. Sna bliadhnaichean
a tha romhainn, bheir seo cothrom dhan Oll. Meharg agus dhan sgioba
aige coimeas a dhèanamh eadar Hiort agus eileanan eile san
robh daoine gu mòr an crochadh air eòin –gu
h-àraidh Miùghlaigh agus Fùghlaigh.Thèid
aig luchd saidheans o oilthighean Shruighlea is Obar Dheathain cuideachd
air sampaill a chleachdadh, a thàinig o chladhach o chionn
ghoirid air Hiort, airson a dhol air ais ann an tìm a’
sgrùdadh pàtran an truaillidh.
|
Sùlairean
a’ neadachadh air Stac Lì.
Le bhith a’ cleachdadh chnàmhan is cuid de bhuill aobh
a-staigh nam mìltean eòin-mhara mar thodhar, chruinnich
ceimigich san ùir a dh’fhaodadh a bhith cronail.
Dealbh: Jim Vaughan
|
|
|
| Beachdan
air Hiort Tha
Jill Bullington, neach rannsachaidh o Oilthigh Illinois, a’
sgrùdadh mar a bha daoine à àitichean eadar-dhealaichte
a’ coimhead air a’ choimhearsnachd iomallaich seo san
àm a dh’fhalbh, agus tha i ag iarraidh cuideachaidh:
“ ’S
e corpeòlaiche a th’annam agus tha mi a’ feuchainn
ri dhèanamh a-mach ciamar a bha daoine ann an coimhearsnachdan
eile ann an Innse Gall a’ coimhead air Hiort mus deach fhàsachadh
ann an 1930. Gu ruige seo, tha e air a bhith doirbh stuth a bhuineas
do dh’Innse Gall mu Hiort a lorg. Is iad na bun-stòir
a bh’agam (1) seann irisean dhen Stornoway Gazette, (2) rudan
a sgrìobh feadhainn a bha a’ fuireach ann a’
Hiort (a’ mhòrchuid dhiubh daoine far tìr-mòr
a bha a’ fuireach ann airson deagh ghreis), agus (3) rudan
a sgrìobh feadhainn a bha a’ fuireach ann a’
Hiort (a’ mhòrchuid dhiubh nan luchd turais far tìr
mòr a bha a’ fuireach ann greiseag bheag). Seach gun
robh iomallachd an àite agus cho doirbh ’s a bha e
a’ faighinn ann na annas dhan mhòrchuid de luchd turais,
’s e glè bheag a bha aca ri ràdh mun àite
shòisealta a bha aige ann an Innse Gall. Ged a dh’fhaodadh
seo a bhith a’ ciallachadh nach robh àite aig Hiort
san dòigh seo, dh’fhaodadh cuideachd nach robh mòran
diù aig luchd-turais san taobh seo dhen chùis no dìreach
nach robh e a’ tighinn a rèir cuspair na h-iomallachd.
Nochd muinntir nan Eileanan Siar ùidh mhòr ann a’
Hiort aig na coinneamhan a chum Urras Nàiseanta na h-Alba
ann am Beinn a’ Bhaoghla agus anns na Hearadh o chionn ghoirid
mu Phlana Riaghlaidh Hiort. Am b’urrainn do dhuine mo stiùireadh
gu stòir a tha a’ sealltainn mar a bha muinntir Innse
Gall a’ faireachdainn mu Hiort ro 1930? ’S dòcha
gur e litrichean, leabhraichean-latha, sgeulachdan teaghlaich no
rud sam bith eile a bhiodh annta sin, ann am Beurla no Gàidhlig
(a gheibhinn air eadar-theangachadh). Chuirinn luach air cuideachadh
sam bith.”
Ma tha thu a’
smaoineachadh gun urrainn dhut cuideachadh leis a’ phroiseact
inntinneach seo, cuir fios gu Jill aig: bullingtn@uiuc.edu.

|
Plana
Riaghlaidh Hiort 2002-2007
Innis dhuinn ciamar
a tha thu a’ smaoineachadh bu chòir Hiort a riaghladh
san àm ri teachd.
Bidh Plana Riaghlaidh Hiort a’ tighinn gu ceann ann an 2001
agus feumar a-nis plana ùr ullachadh airson 2002 – 2007.
Tha Planaichean Riaghlaidh riatanach do luchd-stiùiridh àite
sam bith: tha iad a’ cur an cèill nan amasan a chaidh
aontachadh mu ghlèidhteachas is follaiseachd an ionaid. Tha
aontachadh nan amasan a’ toirt dhaoine le beachdan eadar-dhealaichte
còmhla gus an t-slighe air adhart a chomharrachadh. Tha do
bheachdan cudromach. Mar sin tha pàirt dhen làrach-lìn
seo airson fiosrachadh a chumail ri daoine agus airson do bheachdan
a chur thugainn: Co-chomhairleachadh
Plana Riaghlaidh. Bidh
dreach dhen Phlana Riaghlaidh ùr airson Hiort a’ dol
an cois an ainmeachaidh ann an 2002 gus inbhe Làrach Dhualchas
na Cruinne a leudachadh gu bhith a’ gabhail a-steach àrainneachd
na mara agus dreach na tìre. (Faic an naidheachd air Inbhe
Làrach Dhualchas na Cruinne airson tuilleadh fiosrachaidh.)
Airson cunntas
air coinneamh Bheinn a’ Bhaoghla, brùth AN
SEO.
|
Pasgan
Ealain ga thoirt dhan Urras
Thug luchd ealain o Stiùideo nan Ealan Co-aimsireil ann an
Dùn Dè Pasgan Dearbhaidh de dh’obair ùir,
Pasgan Hiort, do dh’Urras Nàiseanta na h-Alba. Chaidh
a chruthachadh an dèidh a bhith an sàs ann an cladhach
airceòlais ann a’ Hiort. Chaidh a chur ri cruinneachadh
ealain is dualchais a tha aig an Urras a dh’èirich à
ùidh ann a’ Hiort agus sgeulachd Hiort. Airson tuilleadh
fiosrachaidh, brùth AN SEO |
Pasgan Hiort
Dealbh:
Susan Wilson
|
|
|
| Inbhe
Làrach Dhualchas na Cruinne
Air an 31 Lùnastal,
2001, nuair a bhathar a’ cur na làraich-lìn
seo air bhog gu h-oifigeil, dh’innis Urras Nàiseanta
na h-Alba gun do dh’aontaich UNESCO (United Nations Educational,
Scientific and Cultural Organisation) ainmeachadh Hiort mar Dhualchas
na Cruinne a leudachadh gus dualchas eachraidheil a chòmhdach.
(Chaidh Hiort a chomharrachadh mar Làrach Dhualchas na Cruinne
ann an 1986, agus tha tagradh ga dhèanamh gus gum bi e a’
còmhdach àrainneachd na mara.)
Thuirt
iar-cheannard an Urrais, Coinneach MacLean, gun robh iad gu math
dòchasach gun soirbhicheadh leis an tagradh. Ma thèid
a bhuileachadh, bhiodh Hiort air fear de 24 làraichean air
feadh an t-saoghail le inbhe Dhualchas na Cruinne airson dà
adhbhar. Thuirt Mgr MacLean gum b’e seo an t-àm airson
a leithid ainmeachadh seach gun robh cothrom aig uiread de dhaoine
air feadh an t-saoghail air brath a ghabhail air miorbhailean Hiort
air an eadar-lìon. Bhiodh an Inbhe seo a’ ciallachadh
gum biodh Hiort co-ionnan ri Ayers Rock ann an Astrailia, Beinn
Athos sa Ghrèig agus seann chomraich nan Inca, Machu Picchu,
ann am Peru. Ged a tha obair mhòr aig an Urras ri dèanamh
fhathast ann a bhith ag ullachadh tagraidh gu UNESCO, dh’fhaodadh
Hiort an inbhe seo a chosnadh an taobh a-staigh de dhà bhliadhna.
Cum do shùil an seo airson tuilleadh fiosrachaidh mu adhartas
an tagraidh!
|
| Leabhraichean
Ùra air Hiort agus Innse Gall
Ùr on
fhoillsichear Token Soldiering on St Kilda le James MacKay,
San obair ùir
seo tha an t-Oll. James MacKay a’ coimhead air Hiort o shealladh
nan saighdearan a rinn Seirbheis Nàiseanta ann eadar 1959
is 1961. Aig aois 23 ’s e an aon leas-cheannard le uallach
airson an eilein agus ’s iongantach mura h-e an aon duine
nach robh na fhear-gunna a bha an urra ri aonad làmhachais.
Tha 150 duilleag, agus còrr is 100 dealbh nach deach am foillseachadh
roimhe, san leabhar inntinneach seo. Còrdaidh e ri duine
sam bith le ùidh ann an Seirbheis Nàiseanta, an Làmhachas
Rìoghail, Eachdraidh Airm ann am Breatainn agus ann a’
Hiort fhèin.
£29.95 ISBN 1 870 192 48 6
Ùr o Colin Baxter Photography Ltd. St Kilda
Tha leabhar-iùil
David Quine, le dealbhannan le Colin Baxter, a’ toirt sealladh
soilleir air cumadh tìre is nàdar nan eilean. Tha
an t-ùghdar a’ tarraing o chunntasan co-aimsireil thar
nan linntean gus tuigse a thoirt air eachdraidh nan daoine a chleachd
a bhith a’ fuireach ann.
£3.75
ISBN 1 84107 083 1
Expeditions to the Hebrides by George Clayton Atkinson in
1831 and 1833, deasaichte le David A. Quine, MacLean Press,
An t-Eilean Sgitheanach, 2001
Ochd fichead
bliadhna ’s a deich an dèidh dhan fhear-siubhail òg,
George Clayton Atkinson, an leabhar-latha a sgrìobhadh, tha
David Quine agus MacLean Press air a’ chunntas seo air na
h-Eileanan an Iar sa chiad chuid dhen 19mh linn, fhoillseachadh.
Ged a bha cuid
dhen teacsa mu thràth ann an tasglann Hiort NTS,’s
e glè bheag dhe na dealbhannan a bha daoine air fhaicinn
riamh. An dèidh bhliadhnaichean gan siubhal, lorg David Quine
an leabhar-latha a bha ann o thùs agus mu cheud dealbh de
thuras Atkinson a Hiort ann an 1831. Bha fios aig Quine gum feumadh
e bhith air fhoillseachadh. Cha robh e fhèin no am foillsichear,
MacLean Press, deònach càil fhàgail às,
agus bha iad airson gun nochdadh a h-uile dealbh ann an dath. Air
sgàth sin, tha cunntas iongantach, bheachdail againn air
turas Atkinson (agus turas eile a ghabh e ann an 1833). Tha dealbhannan
àlainn ann dhe na daoine agus na seallaidhean.
Tha an leabhar
seo do dhuine sam bith le ùidh ann a’ Hiort agus Innse
Gall, no do dhuine a tha ag iarraidh tuigse air dòigh-beatha
Alba tràth san 19mh linn. Tha e math airson coimhead air
agus a leughadh.
£25.00 ISBN 1 899272 06 2
|
|