|
Tha thu an seo: Àm a dh’fhalbh
>
Toradh na Talmhainn
Toradh
na Talmhainn
Bha am màl
ga phàigheadh le eòrna, coirce, iasg, toradh a’
chruidh is nan caorach agus, gu h-àraidh, toradh nan eòin-mhara.
Bha am fearann air a roinn ann an imirean, modh a bha bitheanta
ann an sgìrean eile ann an Alba. Bha imirean gach neach-gabhaltais
sgapte thar an talamh àitich, agus bha na h-imirean gan toirt
seachad às ùr do dhaoine gach bliadhna. An dèidh
ath-leasachaidhean ann an àiteachas sna 1830an, fhuair gach
neach gabhaltais pìos fearainn dha fhèin agus thog
e taigh air.
|