|
Alba Eachdraidheil
Tha Alba Eachdraidheil
a’ clàradh sheann làraichean a tha cudromach
gu nàiseanta, agus toglaichean a tha sònraichte a
thaobh airceòlais no eachdraidh, às leth a’
Phrìomh Mhinisteir. Tha seo a’ toirt dìon fon
lagh a tha a’ cur feum air cead o Alba Eachdraidheil airson
rannsachadh airceòlais, atharraichidhean no leasachadh. Tha
Alba Eachdraidheil a’ gleidheil làraichean a tha fo
chùram Phrìomh Mhinisteir na h-Alba agus bidh iad
a’ toirt taic airgid do luchd-seilbh prìobhaideach
airson glèidhteachais agus càraidh. Tha iad os cionn
glèidhteachas thoglaichean agus bidh iad a’ dèanamh
obair-chàraidh shònraichte a’ cleachdadh dhòighean
is sgilean dualchasach.
Tha còrr
is 330 àite fo chùram Alba Eachdraidheil, agus bidh
faisg air 3 millean duine a’ tadhal nan àitichean sin
gach bliadhna. Tha còrr is 70,000 sgoilear gan tadhal gach
bliadhna.
Alba Eachdraidheil
Longmore House
Salisbury Place
Dùn Èideann EH9 1SH
Breatann
Fòn: (+44) 0131 668 8600
http://www.historic-scotland.gov.uk
|