| Tha
an t-uabhas eòin-mhara a’ sìolachadh ann a’
Hiort. Bha muinntir an eilein a’ dèanamh feum mhòr
dhe na sùlairean, na fulmairean agus na buthaigirean airson
bìdhe, itean agus ola. Bha iad fhèin a’ cleachdadh
cuid dheth agus bha an còrr a’ pàigheadh a’
mhàil. Bha iad a’ glacadh nan eun aig àm an
t-sìolachaidh eadar Am Màrt agus An t-Sultainn. Bha
iad gan glacadh le làimh, no le slait eunachd no ribe.
|