| Tha
thu an seo: Àm a dh’fhalbh
>
Na Bliadhnaichean mu dheireadh
Na
Bliadhnaichean mu dheireadh
Mu mheadhan
an naoidheamh linn deug, bha barrachd ceangail aig na daoine ris
an t-saoghal mhòr. Thadhail bàta-smùide - a’
Vulcan – air Hiort ann an 1838. O 1877, thòisich SS
Dunara Castle a’ gabhail chuairtean a Hiort as t-samhradh.
Cha b’fhada gus an do thòisich feadhainn eile, mar
SS Hebrides, air an aon rud.
Bha mustar
is misneachd nan daoine air tòiseachadh a’ crìonadh.
Thàinig e gu ceann ann an 1930 nuair a dh’fhàg
na daoine.

Iris a’ snasachd chuairtean a Hiort
Dealbh: Taighean-Tasgaidh Ghlaschu
Bhiodh bàtaichean
caola agus bàtaichean-iasgaich ag obair timcheall Hiort agus
bhiodh iad a’ toirt bathair gu muinntir an eilein.
Bàtaichean-iasgaich ann am Bàgh a’ Bhaile
Dealbh: Urras Nàiseanta na h-Alba
Thuirt John
Ross, am maighstir-sgoile, ann an 1889 gum biodh muinntir an eilein
a’ dèanamh rudan a reiceadh iad ri luchd-turais –
seiceannan chaorach, clòitean, miotagan, stocainnean is sgarfaichean,
uighean is cùisean co-cheangailte ri eòin.
|