Tha thu an seo: Ceistean cumanta


Ceistean Cumanta

Cò bh’ann an St Kilda?
Tha an t-ainm St Kilda caran annasach oir cha robh ceangal sam bith aig St Kilda sam bith riamh ri na h-eileanan. Chaidh a chleachdadh an toiseach an àite Hirte, no Hirta, air mapa a chaidh fhoillseachadh ann an 1540, ach airson eilean faisg air Leodhas. Nochd e air mapa ann an 1592 airson nan Eilean Hiortach.

Dh’fhaodadh gun tainig am facal on t-Seann Lochlannais ‘Skildir’ a tha a’ciallachadh sgiathan (dìdein). ’S dòcha gun robh cumadh nan eilean coltach ri sgiathan on mhuir.


Ciamar a gheibh mi ann?
Nas lugha na thèid thu ann am buidheann-obrach Urras Nàiseanta na h-Alba (UNA) no air cuairt-mhara UNA, ’s e an dòigh as fheàrr air a dhol a Hiort bàta fhaotainn air chùmhnant (nas lugha na tha tè agad fhèin!). Tha companaidhean a tha a’ tabhann chuairtean a Hiort a’ falbh à iomadh port, nam measg Malaig, an t-Òban agus na h-Eileanan Siar. Airson fiosrachaidh air uairean is prìsean, bu chòir dhut fios a chur dìreach chun a’ chompanaidh – bàtaichean cùmhnant.


Dè cho fada ’s a bheir e a’ dol ann?
Tha an turas an crochadh air an t-sìde agus air an làn, agus cuideachd dè an seòrsa bàta a th’ann. Bheir soitheach-einnsein ’s dòcha mu 14 uairean a thìde às an Òban a’ dol a Hiort. ’S dòcha nach toireadh e ach mu 8 uairean a thìde às na h-Eileanan Siar. Uaireannan, thig air a’ bhàta tilleadh air sgàth droch shìde.


A bheil duine a’ fuireach ann?
Chan eil duine a’fuireach ann a’ Hiort an-diugh fad na h-ùine. Ach, tha daoine an-còmhnaidh air Hiort fhèin a tha ag obair dhan arm. Tha luchd-gleidhidh Urras Nàiseanta na h-Alba/Dualchas Nàdair na h-Alba air an eilean on Ghiblean chun an t-Sultainn gach bliadhna. Bidh buidhnean-obrach Urras Nàiseanta na h-Alba a’ dol ann as t-samhradh. Bidh iomadh neach-rannsachaidh ann airson greis a’ sgrùdadh iomadh cùis co-cheangailte ri dualchas is nàdar.


A bheil Hiortach sam bith beò an-diugh?
Cho fada ’s as aithne dhuinn, chan eil ach triùir air fhàgail a bha a’ fuireach ann mus deach àiteachadh ann an 1930.



A bheil duine beò dhen fheadhainn a dh’fhàg ann an 1930?

Tha grunnan dhen fheadhainn a dh’fhàg ann an 1930 fhathast air tìr mòr na h-Alba.


Càite am faigh mi cairtean-puist, bhidiothan, DVDs msaa?
Tha dà bhidio, a mhaireas uair a thìde an tè, rim faotainn Tron Phost on riochdaire ’s an neach-camara, Chris Mylne - 24 Kinloch View, Blackness Road, Gleann Iucha, Lodainn an Iar, EH49 7HT.

Tha gach DVD (no bhidio) a’ gabhail a-steach dà fhiolm de leth uair a thìde agus a’ maireachdainn mu uair a thìde uile gu lèir:

'St Kilda' - agus "St Kilda Story", eachdraidh nan eilean mar a chaidh a chlàradh air fiolm eadar 1908 agus 1980, a’ gabhail a-steach fiolm tasglainn dhen bhaile gus an deach fhàsachadh ann an 1930; agus "Wildlife of St Kilda" a tha mu bheathaichean, lusan agus eòin, nam measg na milleanan de dh’eòin-mhara, dreathan-donn Hiort, luchainn-feòir agus caoraich Shòdhaigh.

'Sea stacks and Solitude' - agus "St Kilda, the lonely islands", a chaidh a dhèanamh airson Films of Scotland mar a nochd iad air BBC1 agus BBC2 ann an 1966, cho math ri "Fair Isle, the happy island" (1978), a tha a’ toirt iomradh air coimhearsnachd air eilean iomallach eile a bhuineas do dh’Urras Nàiseanta na h-Alba agus a tha fhathast a’ soirbheachadh.

Tha cairtean puist de Hiort aig Colin Baxter agus gheibhear iad bho Colin Baxter Photography Ltd, Grantown-on-Spey, PH26 3NA no post dealain: enquiries@colinbaxter.co.uk


A bheil na caoraich ann fhathast? Cò tha a’coimhead riutha?
Chaidh na Dubh-cheannaich a chur a Bhoraraigh nuair a dh’fhalbh na daoine agus tha iad an sin fhathast. Dà bhliadhna an dèidh an fhàsachaidh chaidh caoraich Shòdhaigh a chur a Hiort. Tha iad air a bhith ann riamh on uair sin le glè bheag de riaghladh le daoine. Chaidh iomadh sgrùdadh saidheansail a dhèanamh air na caoraich seo o mheadhan nan 50an. Bha e an toiseach an urra ri Sgioba Sgrùdaidh Hiort ach, on uair sin, tha e na phàirt de rannsachadh nas motha is nas mionaidiche a tha aig Proiseact Caoraich Shòdhaigh an-dràsta. Tha an sgrùdadh a’ coimhead gu h-àraidh airson phàtrain ann an àireamhan a’ dol suas is sìos agus an t-adhbhar airson atharrachadh sam bith a bhios ann.

Làrach-lìn Proiseact Caoraich Shòdhaigh


A bheil stuth eile ann mu Hiort nach eil a’ nochdadh air an làraich-lìn seo?
Tha an t-uabhas stuth ann mu Hiort – cus airson a chur an seo.

Seo dà phrìomh stòr:

Tha tasglann cudromach de dhealbhannan ann an Cruinneachadh George Washington Wilson, Oilthigh Obar Dheathain.

Cruinneachadh George Washington Wilson
Leabharlann Màthair na Bànrigh
Oilthigh Obar Dheathain
Obar Dheathain AB24 3UE
Breatann

Tha tasglann mòr, dealbhannan na mheasg, san Scottish Life Archive.

Taigh-Tasgaidh Rìoghail na h-Alba
Sràid Chambers
Dùn Èideann EH11JF
Breatann
Fòn: (+44) 0131 225 7534

© Urras Nàiseanta na h-Alba