|
|
Tha thu an seo: Fiosrachadh Inntinneach
Hiort:
Fiosrachadh Inntinneach
- Tha Hiort
air aon de d́reach 24 àite san t-saoghal a fhuair Inbhe Dhualchas
na Cruinne 'measgaichte' airson a chudromachd nàdarra agus cultarach.
World Heritage List.
- ’S
e Hiort an sgìre as cudromaiche san Roinn Eòrpa
airson eòin-mhara, agus fear dhe na prìomh àitichean
neadachaidh an ceann a tuath a’ Chuain Shiar
- Tha an sgaoth
shùlairean as motha air an t-saoghal a’ neadachadh
ann am Boraraigh agus air na stacan-mara
- Tha an
sgaoth fhulmairean as motha ann am Breatainn ann a’ Hiort
– faisg air 65,000 ann an 1999
- ’S
e Stac an Àrmainn (191m) agus Stac Lì (165m) na
stacan-mara as àirde ann am Breatainn
- Tha Hiort
air àite cho math ’s a tha ann am Breatainn airson
daoibheadh oir tha an t-uisge cho soilleir agus tha uamhan, tunailean
is stuaghan fon uisge
- ’S
ann a’ Hiort a tha an àireamh as motha de thobhtaichean
thoglaichean dùthchasach ann am Breatainn. Tha coltas a’
bhaile an-diugh mar a bha e san naoidheamh linn deug, agus tha
còrr is 1,400 cleit chloiche sam biodh biadh is connadh
ga stòradh air feadh nan eilean, gu ruige air na stacan-mara.

- Bha eòin-mhara
cudromach dha na Hiortaich mar bhiadh, gu h-àraidh sùlairean,
fulmairean is buthaigirean. Aig aon àm bhathar a’
meas gun robh na Hiortaich ag ithe 115 fulmaire an duine gach
bliadhna. Tha e air aithris gun do ghlac na Hiortaich 89,000 buthaigire
ann an 1876 airson bìdhe is itean
- Bha na
Hiortaich ag ithe buthaigire mar ghrèim bìdhe –
mar phacaid chriosps!
- Tha caoraich
Shòdhaigh, à Eilean Shòdhaigh, nan eisimpleir
gun shamhail de sheann seòrsa a tha a’ dol air ais
gu Linn an Umha
- O chionn
beagan bhliadhnaichean, chaidh DNA (deoxyribo-nucleic acid) a
thoirt à sampaill fala no maothraidh o chòrr is
1000 de chaoraich Shòdhaigh ann a’ Hiort. Rinn luchd
rannsachaidh coimeas eadar dèanamh ginteil nan caorach
agus an àireamh de dh’fhiolain fhionn a tha na caoraich
a’ giùlan agus cho fada ’s a bhios iad beò.
Tha e cuideachd a’ sealltainn nan reitheachan on tàinig
gach uan. Cha bhi ach uan no dhà a’ tighinn on mhòrchuid
de reitheachan Shòdhaigh, ach bha seachd uan fichead aig
‘Seann Ghorman 23’. Sàr reithe!
- Bha dà
sheòrsa luchainn ann a’ Hiort (luchainn-an-taighe
agus luchainn-an-fheòir). Bha iad le chèile nam
fo-ghnè de na luchan-taighe is na luchan-coille air tìr-mòr
ach bha iad na bu mhotha. ’S iongantach mura h-e na Lochlannaich
a thug a Hiort iad. Chaidh luchainn-an-taighe à bith an
dèidh dha na daoine fàgail ann an 1930.

- Tha am
fo-ghnè dhen dreathan donn ann a’ Hiort nas motha
na an dreathan donn air tìr mòr. Thathar a’
meas nach eil ach mu 113-117 pàidhir ann a’ Hiort.

- Sna 1850an,
chaidh dà fhichead ’s a dhà Hiortach a dh’Astrailia.
Chaochail mòran dhe na h-eilthirich air an t-slighe, ach
rinn beagan an dachaigh ann am Melbourne far a bheil sgìre
dhen bhaile chun an latha an-diugh leis an ainm St Kilda. Tha
e air ainmeachadh air an sgunair The Lady of St Kilda a bha air
acaire far a’ chladaich mun àm seo. Tha St Kilda
ann an Sealain Nuadh cuideachd.
- Aig 1400
troigh, tha na stacan-mara as àirde ann am Breatainn air
Conachair.
Sgrìobh
James Fisher, eòlaiche nàdair, ann an 1947
‘Ge bith dè
bhios e a’ sgrùdadh, duine sam bith san àm ri
teachd a bhios a’ beachdachadh air Hiort, bidh buaidh aig
an àite air fhad ’s is beò e, agus bidh e ga
bhuaireadh nach urrainn dha innse ceart mu dheidhinn do dhuine nach
fhaca e.’
'Whatever
he studies, the future observer of St Kilda will be haunted the
rest of his life by the place, and tantalised by the impossibility
of describing it, to those who have not seen it.'
’S e
an fhìrinn a bha aige!
Sgeulachdan
An ‘Long’ Hiortach'
A’ Phàrlamaid
Carraig nan Leannan
An Tagraiche Òg, Am Prionnsa Teàrlach
A’ Bhreac
A’ Bhan-iarla Grange
An Gearra-bhall
|
| An
‘Long’ Hiortach
’S e
bàta beag fiodha le litir, glè thric ann an tiona
còco, a bha san ‘long’ Hiortaich. Bha aotraman
caorach oirre ach an seòladh i. Chan fhaigheadh am fear naidheachd,
John Sands, far Hiort sa gheamhradh ann an 1876 agus ’s esan
a chuir air falbh a’ chiad long, mar fhios èiginn,
aig àm goirt. Bha na Hiortaich ga cleachdadh an dèidh
sin mar annas do luchd turais.
Tha luchd obrach
a tha a’ dol a Hiort a-nis a’ cur long air falbh mar
nàdar de dheas-ghnàth. Tha an sruth a’ falbh
leotha agus gan cur air tìr, mar as trice, ann an Alba no
sna Dùthchannan Lochlannach. Tha fiosrachadh air luing, agus
far an tàinig iad air tìr, ga fhoillseachadh san St
Kilda Mail.
Chaidh long
a chur air falbh o chionn ghoirid a chur fàilte air Pàrlamaid
na h-Alba. Ràinig i ann am beagan sheachdainean!
|

A’ cur na luing air bhog ann an 1897
Dealbh: Cherry Kearton
|
| A’
Phàrlamaid
’S e
George Clayton Atkinson a’ chiad duine a chleachd an t-ainm
Pàrlamaid Hiort ann an 1838. Bhiodh fir a’ bhaile a’
cruinneachadh air an t-Sràid gus bruidhinn air an obair a
bha ri dhèanamh mar bhuidheann, mar eisimpleir, a’
glacadh eòin air na stacan. Cha b’e pàrlamaid
cheart a bha ann.
Air 1mh Iuchar
1999 ghairm Buidheann Obrach Hiort 4 ‘Pàrlamaid Hiort’
agus chuir iad long air falbh a chur fàilte air Pàrlamaid
Ùir na h-Alba. Fhreagair an t-Oifigear-riaghlaidh a’
toirt taing dhaibh!
Carraig
nan Leannan
Tha e air aithris
gun robh aig na fir òga ann a’ Hiort ri dhearbhadh,
mus pòsadh iad, gun robh iad comasach air teaghlach a chumail
le bhith a’ streap nan creagan. Bha aca ri seasamh air a’
chois chlì air oir na carraig, a’ chas dheas a chur
air beulaibh na tè eile, cromadh agus dòrn a dhèanamh
thar an casan. Bha seo a’ dearbhadh gun robh iad sùbailte
air na creagan.
|
|
Tha an sgeulachd co-cheangailte ri dà chreig co-dhiù
- Carraig nan Leannan agus Clach na Gruagaich. |

An dearbhadh air Carraig nan Leannan
Dealbh: Norman Heathcotee
|

Clach na Gruagaich
Dealbh: Taighean Tasgaidh Ghlaschu
|
| An
Tagraiche Òg, Am Prionnsa Teàrlach
An dèidh
na Seumasaich a chur fodha ann an Aramach 1745, bha saighdearan
an riaghaltais a’ lorg a’ phrionnsa air feadh na Gàidhealtachd
’s nan Eilean ann an Alba. Chaidh iad fiù a Hiort ga
lorg! Ann an 1746, ràinig trì soithichean Hiort, an
Looe, am Furnace agus an Terror ’s iad a’ faighneachd
mun phrionnsa. Theich muinntir an eilein às a’ Bhaile
le eagal am beatha agus chaidh iad am falach air na cnuic. Nuair
a lorg na saighdearan iad, bha e follaiseach nach cuala iad guth
riamh air a’ phrionnsa, agus nach robh e am falach ann a’
Hiort.
A’
Bhreac
Ann an 1726
thadhail fear de mhuinntir Hiort air na Hearadh. Ghabh e a’
bhreac an sin agus chaochail e. Chaidh a chuid aodaich a thilleadh
a Hiort ann an 1727 agus bha an galar na lùib. Chaochail
cha mhòr a h-uile duine air an eilean. Cha robh ach aon inbheach
agus 18 duine cloinne air fhàgail beò. Bha triùir
fhear eile agus ochdnar bhalach nach do ghabh a’ bhreac oir
bha iad air Stac an Àrmainn a’ cruinneachadh shùlairean.
Sgaoil an galar fhad ’s a bha iad ann agus cha b’urrainn
do dhuine a dhol gan iarraidh. ’S e am bàillidh a rinn
cobhair orra naoi mìosan an dèidh sin. B’fheudar
dhan fhear dham buineadh Hiort daoine a chur ann às na Hearadh
ach am biodh sluagh ann.
|
| A’
Bhan-iarla Grange
Bha a’
Bhan-iarla Grange pòsta aig Morair Tagraidh na h-Alba, ach
dhealaich iad ann an 1730. Chuir i naidheachd timcheall gun robh
e a’ toirt taic dha na Seumasaich agus bha i na dragh dha.
Chuir e dhan
phrìosan i ann an Uibhist a Tuath, agus ghluais e an uair
sin a Hiort i. Fhuair i mu dheireadh air fios a leigeil gu càirdean
agus dh’fheuch iad ri cobhair a dhèanamh oirre. Cha
do dh’obraich seo agus chaidh a cur dhan Eilean Sgitheanach
far an do chaochail i ann an 1742.
Tha cleit
mhòr sa Bhaile far an robh e air aithris gur ann a bha i
na prìosanach, ach ’s iongantach gu bheil sin ceart.
|

An cleit ris an canar Taigh Ban-iarla Grange
Dealbh: Andy Robinson
|
| An
Gearra-bhall
Bha uair a
bha maraichean sa Chuan Shiar eòlach gu leòr a bhith
a’ faicinn an eòin seo. Cha bhiodh e a’ dol air
an iteig agus chan eil e ann an-diugh. Bhiodh e uaireannan a’
tadhal air Hiort agus thug Martin Martin iomradh air ann A Late
Voyage to St Kilda ann an 1698.
Ann an 1840,
thathar a’ creidsinn gun do mharbh na Hiortaich an gearra-bhall
mu dheireadh air a bheil iomradh ann am Breatainn, air Stac an Àrmainn.
Tha e air aithris gun robh iad dhen bheachd gun do dh’adhbharaich
e stoirm mhòr agus gun robh amharas aca gur e bana-bhuidseach
a bh’ann! Chaidh an gearra-bhall mu dheireadh air an t-saoghal
a mharbhadh ann an Innis-Tìle ann an 1844.
.
|

Ìomhaigh de ghearra-bhall
Dealbh: Taighean-Tasgaidh Ghlaschu
|
|
|
|