| Tha
thu an seo: Hiort
An-diugh > A’
sgrùdadh na h-Àrainn Nàdarra
>
Toiseach Tòiseachaidh
Toiseach
Tòiseachaidh: Geòlas Hiort
Tha
a’ chreag chriostaileach, chomhaireach on deach cladaichean
Hiort a chruthachadh air sealladh iongantach a thoirt dhan àite.
O chionn 60 millean bliadhna no mar sin, bha beanntan-teine bitheanta
air taobh an iar Alba, mar as aithne dhuinn an-diugh e. Bha sreath
bheanntan-teine eadar an sgìre deas air Arainn agus suas
gu tuath agus tarsainn iomall Eòrpach a’ Chuain Shiar.
Nuair a chaidh cochall uachdrach na Talmhainn agus an rùsg
a bha ga chòmhdach a sgaoileadh o chèile, dh’èirich
creag leaghte suas tron rùsg agus bhrùchd i a-mach
o bheanntan-teine sa mheadhan no tro sgàinnidhean mòra.
|
| Tha
Hiort a’ comharrachadh làrach tè dhe na beanntan-teine
a bha sa mheadhan. Thàinig na creagan, a thug na h-eileanan
gu bith, o mhagma leaghte a bha a’ fuarachadh gu mall fada
shìos fon bheinn-theine a bha a’ brùchdadh a-mach
gu h-àrd. Tha magma de cho-chur eadar-dhealaichte sna h-eileanan
eadar an gabbro dorcha glas a tha a’ dol o Shòdhaigh,
Hiort agus an Dùn gu Boraraigh, agus a’ chlach-ghràin
bhàn-dhearg a tha ann an Conachair is Oiseabhal.
|
Dealbh:
Graham Durant
|
| Bha
co-chur eadar-dhealaichte air an dà sheòrsa magma. Bha
barrachd magnesium is iarainn sa ghabbro agus bha barrachd sileacain
sa chloich-ghràin. Bha teodhachd agus tiughad gu math eadar-dhealaichte
san dà mhagma agus, an dràsta ’s a-rithist, dheigheadh
iad am measg a chèile. Bha seo a’ toirt air beinn-theine
brùchdadh a-mach air an uachdar. Tha fianais air an seo air
a ghleidheadh sna creagan agus sna h-ulbhagan air a’ cheann
an iar de Bhàgh a’ Bhaile. |
Dealbh:
Graham Durant
|
| Chaidh
sgòdan de mhagma gabbro an lùib clach-ghràin
shoilleir na b’fhuaire gus a’ chreag annasach seo a chruthachadh.
Tha i ri faicinn dlùth dhan Dùn. Ann an àitichean
eile, tha barrachd measgachaidh dhen dà sheòrsa magma
air sreath de chreagan haibriod diorait criostaileach a chruthachadh. |
Dealbh:
Graham Durant
|
|
|
| Tha
fillidhean tana, staon agus ballachan mìne basalt a’
gearradh tro gach seòrsa gabbro agus granophyre. Tha iad seo
gu math follaiseach sna bearraidhean de chlòich-ghràin
ann an Oiseabhal. |
Dealbh:
Graham Durant
|
| Tha
trì fichead millean bliadhna de bhleith o sguir a’ bheinn-theine
air cridhe comhaireach na beinn’-theine fhàgail na sheasamh
faisg air an oir an iarthuath dhen iomall Eòrpach. |
Dealbh:
Graham Durant
|
|
|