|
Ann an 1912, bha biadh uabhasach gann agus ann an 1913, bhuail an
cnatan mòr na daoine. Bha cuideachd-airm on Chabhlach Rìoghail
ann a’ Hiort aig àm a’ chogaidh eadar 1914 –
18, agus bha mèilichean is biadh a’ tighinn a’
Hiort gu cunbhalach air soithichean an Chabhlach Rìoghail.
Nuair a sguir seo aig deireadh a’ chogaidh, bha na daoine
a’ faireachdainn na b’iomallaiche na bha iad riamh.
Rinn tuilleadh dhe na fireannaich òga eilthireachd agus chaidh
eaconamaidh an eilein à bith. Ann an 1930 cha robh ach 36
duine air fhàgail agus dh’iarr iad am fàsachadh
gu tìr mòr.

Muinntir an eilein a’ giùlan an cuid chun na laimrig
aig àm an fhàsachaidh
Dealbh: Glasgow Herald, 30mh Lùnastal 1930
Ann an 1931
chaidh Hiort a reic ri Iarla Bhòid, aig an robh ùidh
mhòr ann an eòin. Dh’fhàg e Hiort aig
Urras Nàiseanta na h-Alba mar dhìleab ann an 1957.
Tuilleadh
Fiosrachaidh
Airson aiste
inntinneach air eachdraidh shòisealta Hiort, faic
Fleming, A.
2000 'St Kilda: Family, Community, and the Wider World' Journal
of Anthropological Archaeology 19, 348-368 no air-loidhne http://www.sciencedirect.com/science/journals
|