|
Tha thu an seo: Àm a dh’fhalbh
>
Tràth ann an Eachdraidh
Tràth
ann an Eachdraidh
Tha daoine
air a bhith ann a’ Hiort o linntean ro-eachdraidheil. Bha
iad a’ dèanamh feum de bheartas na mara, a’ cur
bàrr agus a’cumail bheathaichean. Chan eil cinnt cuin
a thàinig a’ chiad luchd-tuineachaidh a Hiort. Ach
tha e coltach o innealan sìmplidh cloiche, gur dòcha
gun do thadhail luchd-siubhail, a thàinig o na h-Eileanan
Siar, ri Linn na h-Umha air Hiort o chionn 4,000 no 5,000 bliadhna.
Sna 1830an, lorg an t-Urr. Niall Mac Coinnich rudan ann am Bàgh
a’ Bhaile, agus ’s dòcha gur e na bha air fhàgail
de chisteachan laighe a bha sin. Nuair a bha airceòlaichean
a’ cladhach ann an 1995, lorg iad làrach a bha ’s
dòcha na h-àite-tìodhlachaidh ann an Linn an
Umha.
Ann an 1844
chaidh taigh-fo-thalamh (souterrain) a lorg. ’S dòcha
gur e stòr a bha seo a bhuineadh do thaigh o Linn an Iarainn
o chionn 2,000 bliadhna. Tha trannsa fhada ann, le trannsaichean
nas giorra no ceallan a’ falbh dhi.
|
| Tha
fiosrachadh ann mu chaibealan tràtha, agus lorgadh dà
chloich le croisean orra ann an stoidhl Crìosdail tràth.
Tha dearbhadh
againn gun robh na Lochlannaich an seo o bhroidsichean is soithichean
de chloich shiabainn a chaidh a lorg agus, cuideachd, o ainmeannan-àitichean
mar Oiseabhal – a’ bheinn an ear – agus Ruabhal
– a’ bheinn ruadh.
|