Tha thu an seo: Liosta Sònrachaidh > INBHE DHÙBAILTE A THAOBH DUALCHAS NA CRUINNE DO DH'EILEANAN ALBANNACH SÒNRAICHTE


14th Iuchair 2005

INBHE DHÙBAILTE A THAOBH DUALCHAS NA CRUINNE DO DH'EILEANAN ALBANNACH SÒNRAICHTE

Tha Hiort, a tha fo sheilbh agus fo riaghladh Urras Nàiseanta na h-Alba, a-nis air aon den dà dhusan àite air feadh an t-saoghail a fhuair Inbhe Dhualchas na Cruinne an dà chuid airson a chudromachd nàdarra agus cultarach. Tha an t-urram seo a fhuair na h-Eileanan iomallach an Innse Gall co-ionann ri iongantasan nàdarra agus cultarach mar Chomraich Eachdraidheil Machu Picchu am Peru, Beinn Athos sa Ghrèig agus Pàirc Ukhahlamba/Drakensberg an Afraga a Deas.

An dèidh Mion-sgrùdadh Coimeasail leasaichte, ghabh Comataidh Dhualchas na Cruinne UNESCO, a' coinneachadh ann an Durban, Afraga a Deas, ri leudachadh air sgrìobhaidhean a fhuaireadh roimhe bho Dhualchas na Cruinne airson dualchas nàdair mara agus tìre. Gabhaidh an sgrìobhadh a-staigh a-nis an 'sealladh cultarach' a dh'fhàg mìltean bhliadhnachan de dhaoine a' tàmh ann. Chaidh an t-ainmeachadh ullachadh às leth Riaghaltas na RA le Urras Nàiseanta na h-Alba le taic bho Alba Eachdraidheil.

Tha Hiort sgrìobhte a-nis airson bòidhchead air leth na tìre, a nàdar bith-eòlasach agus a dhealbh cultarach de choimhearsnachd croitearachd a bha uaireigin a' fuireach air àite a chaidh a mhìneachadh mar "oir an t-saoghail". Tha iomallachd nan eilean - 64 cilemeatair an iar air na h-Eileanan Siar, a-mach bho chladach siar na h-Alba - agus cho beag dragh 's a chuir daoine air thar 5 mìle bliadhna a' ciallachadh gu bheil e na eisimpleir fìor de dhòigh-beatha a tha a-nis air chall.

Thuirt Ministear an Turasachd, a' Chultair agus an Spòrs, Patricia NicFhearghais:

"Tha mi air leth toilichte gu bheil Comataidh Dhualchas na Cruinne air àite a thoirt do chudromachd cultarach Hiort aig a coinneamh bhliadhnail ann an Durban. Tha an sgrìobhadh leudaichte air liosta Dhualchas na Cruinne a' toirt àite don luach coitcheann air leth a tha aig Hiort a bharrachd air an àrainneachd nàdarrach. Tha eachdraidh Hiort gun samhail. Airson còrr air 5000 bliadhna thàinig coimhearsnachd beò air na h-eileanan iomallach mosach sin. Tha na rinn iad agus an fhianais a dh'fhàg iad air an aithneachadh san urram chudromach seo."

Thuirt Ministear Cultair an RA David Lammy:

"Tha dualchas daonnda Hiort na dhèanamh na àite air leth agus annasach. Tha e ceart gu bheil e air aithneachadh son dòigh shònraichte seo a thaobh a dhualchas cultarach cho math ri a dhualchas àrainneachdail, agus tha mi air leth toilichte gu bheil UNESCO air a sgrìobhadh air liosta Dhualchas na Cruinne."

Thuirt Robin Pellew, Ceannard Urras Nàiseanta na h-Alba:

"'S e tha a' dèanamh Hiort cho cudromach a thaobh cultair gu bheil e na fhianais air beatha agus bith dhaoine bho linntean ro-eachdraidh. Tha e gar cuideachadh a' tuigsinn ciamar a thàinig daoine beò ann an suidheachaidhean air leth doirbh agus iomallach thar mìltean de bhliadhnachan. 'S e àite sònraichte agus iongantach a th' ann dha-rìreabh."
"Tha na tha sinn air a lorg a' dearbhadh gu robh daoine a' fuireach air Hiort airson còrr air 2000 bliadhna agus gu robhar a' tadhal ann cho fada air ais ri 5000 bliadhna" thuirt Robin Turner, Ceannard Airceòlais an Urrais, a' bruidhinn à Durban. "Le bhith a' sgrùdadh nan iomadh sreath de stuth a bha an sin gun ghluasad, tha sinn daonnan a' faighinn fiosrachadh cudromach mu bheatha, obair agus bàs an t-sluaigh sin."
"Ann a bhith ag ullachadh an Sgrùdaidh Coimeasail ùr do Chomataidh Dhualchas na Cruinne fhuair sinn air sealltainn gu bheil dualchas cultarach nan eilean sin sònraichte dha-rìreabh. Tha àiteachan ann aig a bheil cuid de fheartan sònraichte Hiort, ach chan eil àite a' tighinn faisg air a bhith co-ionann a thaobh nam feartan uile: chan eil àite san t-saoghal dhe leithid."

Tha stòras iongantach aig Hiort cuideachd de fhianais sgrìobhte, a' dol air ais chun a' 15mh linn, a' gabhail a-staigh litreachas, òrain, bàrdachd agus beul-aithris ag innse eachdraidh a' bheatha làitheil air na h-eileanan.

Thuirt Neach-gairm Chomhairle nan Eilean Siar Mgr. Ailig Dòmhnallach:

"Tha mi air leth toilichte gun d' fhuair Hiort anns na h-Eileanan Siar am prìomh urram seo de sgrìobhadh Dhualchas na Cruinne airson nam feartan cultarach agus nàdarra. Tha Hiort na àite sònraichte airson iomadh adhbhar ach tha àite sònraichte aige ann an cridheachan agus inntinnean sluagh nan Eilean Siar. Tha sliochd nan daoine a bha a' fuireach agus ag obair anns na h-eileanan sin fhathast ann an ceàrnaidhean eile de na h-Eileanan Siar agus tha iad a' cumail suas ceangal dìreach ris a' chultar, an dualchas agus an eachdraidh chudromach a tha a' sruthadh bho Hiort. 'S e eachdraidh chianail a th' innte agus eachdraidh a tha fhathast a' dol mar a tha na h-eileanan a' cumail a' strì ri dì-dhaoineachadh."
"Tha a' Chomhairle an dòchas gun dèan an t-urram cudromach seo cinnteach gum bi ginealaich ri teachd a' faighinn tlachd agus buannachd bho mhaoin cultarach agus nàdarra Hiort. Tha a' Chomhairle airson feum a dhèanamh den àm fhàbharach seo airson taing a thoirt don h-uile buidheann a tha air obrachadh a dh'ionnsaigh a' chinn-uidhe seo agus gu h-àraidh Comataidh Dhualchas na Cruinne UNESCO airson luach a chur air cudromachd air leth an làraich san t-saoghal. Tha mòran ann an Hiort bho na làithean a dh'fhalbh do shluagh nan Eilean Siar. Tha mòran ann cuideachd do na làithean ri teachd."

DEIREADH

Airson tuilleadh fiosrachaidh cuir fios gu:
Francoise van Buuren, Manaidsear Conaltradh Corporra NTS air (0131) 243 9384
Nigel Scott, Oifigear PR do Chomhairle nan Eilean Siar (01851) 709389
Isla NicLeòid, Manaidsear Conaltradh Corporra, Alba Eachdraidheil (0131) 668 8852

FIOS DO LUCHD-DEASACHAIDH:

Fiosrachadh Cudromach WHS:

Bha Liosta Dhualchas na Cruinne air a stèidheachadh leis a' Chùmhnant co-cheangailte ri Dìon Dhualchas Cultarach agus Nàdarra na Cruinne ris an deach gabhail san t-Samhain 1972 aig an 17mh Cò-labhairt Coitcheann aig UNESCO. Tha an Cùmhnant ag ràdh gum bi Comataidh Dhualchas na Cruinne 'a' stèidheachadh, a' cumail suas agus a' foillseachadh' Liosta Dhualchas na Cruinne de fheartan cultarach agus nàiseanta, air a chur a-steach le na Pàrtaidhean Stàite agus air a mheas a bhith de ' luach uile-choitcheann air leth'. Bhon Iuchair 2004, tha 788 feartan air Liosta Dhualchas na Cruinne. Airson tuilleadh fiosrachaidh tadhail air: http://whc.unesco.org/pg.cfm?cid=31

Fiosrachadh Cudromach mu Hiort:

'S e buidheann de Eileanan iomallach sa Chuan Siar a tha ann an Hiort agus tha iad 64km siar air Innse Gall a-mach bho chladach siar na h-Alba. Tha e na phàirt de Sgìre na Hearadh anns na h-Eileanan Siar agus tha ceithir prìomh eileanan ann - Hiort, Sòdhaigh, Boraraigh agus an Dùn; 3 stacan mara - Stac an Àrmainn, Stac Lì agus Leabhanais; agus mòran stacan is sgeirean nas lugha.

Thathar den bheachd gu robh 200 daoine a' fuireach am Bàgh a' Bhaile an Hiort aig aon àm, ach nuair a chaidh fhalmhachadh air 29th Lùnastal 1930, cha robh ach 36 duine air na h-eileanan. 'S e 29th Lùnastal 2005 an 75mh ceann-bliadhna bhon àm a chaidh na h-eileanan fhalmhachadh.. Gus cuimhne a chumail air agus an Inbhe Dhùbailte a thaobh Dualchas na Cruinne a chomharrachadh bidh taisbeanadh de dhealbhan-camara agus nithean a thàinig à Hiort ann an Gailearaidh NTS an Charlotte Square, Dùn Èideann tro mhìos an Lùnastail. Bheir an taisbeanadh sàr bheachd air co ris a bhiodh beatha air Hiort coltach tràth sna 1900s.

Suas gu 1931 bha Hiort ann an làmhan MhicLeòid na Hearadh & Dhùn Bheagain, agus chaidh a reic ri Iarla Dhùn Fris a bha a-rithist na 5mh Iarla Bhòid. Ghlèidh e na h-eileanan, gun daoine agus air an ruith mar thèarmann eun, gus an do chaochail e ann an 1956 agus ann an 1957 thàinig na h-eileanan fo chùram Urras Nàiseanta na h-Alba. Bho 1958, tha pàrtaidhean obrach saor-thoileach NTS air tadhal gach bliadhna a' dèanamh suas às ùr cuid de na togalaichean eachdraidheil airson luchd-siubhail, luchd-obrach saor-thoileach agus luchd-rannsachaidh, còmhla ri bhith a' cumail suas nan tobhtaichean a' cuideachadh le cladhach arc-eòlasach. An-diugh tha mu 1750 duine a' tadhal air Hiort gach bliadhna.

Tha Hiort air a riaghladh le Urras Nàiseanta na h-Alba còmhla ri Dualchas Nàdair na h-Alba, Alba Eachdraidheil, Comhairle nan Eilean Siar, Ministreachd an Dìon agus a riochdairean QinetiQ. Airson tuilleadh fiosrachaidh tadhail air: http://www.kilda.org.uk or http://www.hiort.org.uk.

Tha an Liosta Shònrachadh a' gabhail a-staigh:

  • Làrach Dhualchas na Cruinne airson a chomharran nàdarra - ann an 1986 (tìre) agus 2004 (mara), agus gu sònraichte airson a shàr chomharran nàdarra, na h-àrainnean aige airson gnèithean gann agus ann an cunnart, agus a ghnèithean eun-mara a tha cudromach gu nàiseanta.
  • Ionad Sònraichte Glèidhteachais 2004 airson nan creagan còmhdaichte le lusan, nan sgeirean agus nan uaimhean mara. Thathar a' meas gu bheil iomadh seòrsa àrainn/gnè le cudrom Eòrpach sna h-àiteachan sin.
  • Sgìre Dìon Shònraichte (1992) a' cur dleastanas air Riaghaltas na RA a bhith a' cumail a' dol no ag ath-stèidheachadh raon iomchaidh de àrainnean eadar-dhealaichte don h-uile gnè eun fiadhaich a tha gu nàdarrach sna h-àrainnean Eòrpach aca.
  • Tèarmann Nàdair Nàiseanta (1957) airson a chudrom nàiseanta mar làrach a ghabhas a bhith air a ruith san fhad-ùine airson prìomhachd nàdair.
  • Ionad de Shuim Shònraichte Shaidheansail (1984) airson a chomharran bith-eòlasach, gu sònraichte feur is monadh ri taobh na mara, talamh-mònach, uisge fosgailte agus oirthir, eunlaith agus airson a ghnèithean dùthchasach den dreathan-donn, luch-fheòir agus caoraich Shòdhaigh.
  • Sgìre Bòidhchead Nàiseanta (1981) airson a sheallaidhean luachmhor agus a bhòidhchead air leth ann an structar nàiseanta.
  • Sgìre Comhairleachaidh Mara (1990) aon de 29 an Alba airson a chliù shònraichte a thaobh càileachd agus mothachadh air an àrainneachd mara agus far a bheil fiosrachadh saidheansail a' dearbhadh a chudromachd a thaobh glèidhteachas nàdair.
  • Làrach Ath-sgrùdadh Geòlais (1984) fo thrì chinn-cuspair eadar-dhealaichte: geòlas teinntidh tertiary; geòlas quarternary; agus geocruth-eòlas oirthireach.
  • Làraichean Àrsaidh Clàraichte (1963, 1972, 2002) bha ceithir prìomh cheàrnaidhean air Hiort air an clàradh le Alba Eachdraidheil airson an cudrom nàiseanta a thaoch arc-eòlais. Tha iomadh seòrsa stutha bho iomadh linn air a ghleidheadh ann bho thuineachadh air Hiort, structaran a tha ann bho àm ro-eachdraidh gu tràth san 20mh linn. Tha comas aig an stuth sin air fiosrachadh cudromach a thoirt seachad mun bheatha air Hiort tro na mìltean de bhliadhnachan, beatha iomallach a bha, agus a tha fhathast, fìor inntinneach do luchd-coimhid Albannach agus eadar-nàiseanta a chum cunntas air beatha an t-sluaigh bho na linntean a dh'fhalbh.

© The National Trust for Scotland