1957
Tèarmann Nàdair Nàiseanta
’S e pìosan fearainn a tha
glè chudromach a thaobh glèidhteachais a tha ann
an Tèarmainn Nàdair Nàiseanta (TNNan) agus
tha iad air an riaghladh airson dèanamh cinnteach gun
tèid an nàdar sònraichte aca a ghlèidheadh
agus gun soirbhich e.
tuilleadh fiosrachaidh
1976
Tèarmann
Dà-àrainneil
Tha eco-siostaman talmhainn is cladaich
ann an tèarmainn dà-àrainneil. Tha iad
air an aithneachadh gu h-eadar-nàiseanta taobh a-staigh
an t-suidheachaidh obrach Man and the Biosphere Programme aig
UNESCO.
tuilleadh fiosrachaidh
1979
Achd nan Seann Làrach
is Sgìrean Airceòlais
Tha togalaichean agus làraichean
airceòlais a tha cudromach gu nàiseanta air an
clàradh fo na h-Achdan. Tha seo a’ciallachadh gu
bheil dìon laghail air na làraich agus feumar
cead fhaighinn o Mhinistearan na h-Alba airson obair sam bith
a nì milleadh, leagail no sgrios air an làraich,
obair-chàraidh sam bith, gluasad, atharrachadh no leasachadh.
Tha seo a’ gabhail a-steach rannsachaidhean airceòlais
agus atharrachadh no leasachadh nan togalach.
tuilleadh fiosrachaidh
1981
Sgìre Bòidhchead
Nàiseanta
Tha Sgìrean Bòidhchead
Nàiseanta nan sgìrean a thathar a’ meas
cudromach gu nàiseanta air sgàth sheallaidhean
inntinneach no bòidhchead air leth. Feumar an gleidheadh
mar phàirt de dhualchas nàdarra na rìoghachd.
tuilleadh fiosrachaidh
1984
Ionad de Shuim Shònraichte
Shaidheansail
’S e Ionad de Shuim Shònraichte
Shaidheansail (ISSS) prìomh chomharra glèidhteachas
nàdair ann am Breatainn. Tha na h-àitichean seo
sònraichte airson lusan no ainmhidhean no àrainnean,
creagan, cumadh na tìre no measgachadh dhiubh sin.
tuilleadh fiosrachaidh
1986
A’ chiad Làrach
Dhualchas na Cruinne ann an Alba
Làrach nàdarra no dualchais
a tha comataidh Dhualchas na Cruinne aig UNESCO a’comharrachadh
mar àite le luach sònraichte dhan chruinne.
tuilleadh fiosrachaidh
1992
Sgìre Dìon
Shònraichte an Aonaidh Eòrpaich
Tha Sgìrean Dìon
Shònraichte nan sgìrean air an comharrachadh leis
an Aonadh Eòrpach tro Stiùireadh nan Eun Fiadhaich.
’S e an t-amas àrainnean eòin shiùbhlach,
agus cuid de ghnèithean a tha ann an cunnart mòr
a dhol à bith, a dhìon.
tuilleadh fiosrachaidh
An-dràsta
Sgìre Shònraichte Glèidhteachais a tha
an t-Aonadh Eòrpach a’ moladh
Tha
Sgìrean Sònraichte Glèidhteachais air an
cruthachadh fo Stiùireadh nan Àrainn is Ghnèithean
an Aonaidh Eòrpaich. Tha an stiùireadh mar thoradh
air feum aithnichte taobh a-staigh an Aonaidh Eòrpaich
gach seòrsa fiadh-bheatha ’s an àrainnean
a dhìon.
tuilleadh fiosrachaidh
2003
Ainmeachadh air Ath-sgrùdadh airson Làrach Dhualchas
na Cruinne
Sa Ghearran
2003 chuir Pàrlamaid na h-Alba ainmeachadh a bh’
air ath-sgrùdadh gu UNESCO a’ sireadh tuilleadh
leudachaidh san inbhe sna roinnean Dualchas Nàdarra agus
Seallaidhean Tìre Dualchasach air sgàth dualchas
sònraiche nan uisgeachan timcheall nan eileanan, agus
an eisimpleir gun shamhail a tha na h-eileanan a’ toirt
dhuinn air eachdraidh is cultar Alba. Tha tuilleadh fiosrachaidh
mun tagradh ùr, agus ceangal chun na sgrìobhainn
ainmeachaidh gu lèir, air duilleag an Ainmeachaidh.
2004 - Inbhe Dhualchas na Cruinne ga Leudachadh
Aig coinneimh
ann an Suzhou ann an Sìona, leudaich
Comann Foghlaim, Saidheans is Dualchais nan Dùthchannan Aonaichte
(UNESCO) Làrach Dhualchas na Cruinne ann a' Hiort gu bhith a'
gabhail a-steach àrainneachd na mara mu thimcheall nan eilean.
2005 Làrach Dhualchas na Cruinne air a bhuileachadh
San Iuchair
2005 fhuair Làrach Dhualchas na Cruinne Hiort
Inbhe Dhùbailte a thaobh Dualchas na Cruinne airson a chudromachd
nàdarrach agus cultarach. An dèidh Mion-sgrùdadh Coimeasail ullachadh,
ghabh Comataidh Dhualchas na Cruinne UNESCO, a' coinneachadh ann an Durban,
Afraga a Deas, ris an leudachadh air na sgrìobhaidhean a fhuaireadh roimhe
bho Dhualchas na Cruinne airson dualchas nàdair mara agus tìre. Gabhaidh
an sgrìobhadh a-staigh a-nis an 'sealladh cultarach' a dh'fhàg mìltean
bhliadhnachan de dhaoine a' tàmh ann.