Tha thu an seo: A’ tadhal air Hiort > Riaghailtean do Bhàtaichean Cuairt


      Riaghailtean do Bhàtaichean Cuairt

Tha a’ chomhairle seo a’ bualadh air bàtaichean a’ dol air tìr air eilean sam bith ach gu h-àraidh air Ionadan Tèarmann Nàdair (NNRs) Hiort (Hirta), Rònaigh a Tuath agus Hèisgeir (Hyskeir), agus na Làraich le ùidh Shònraichte Shaidheansail / Sgìrean le Dìon Sònraichte, na h-Eileanan Flannach, na h-Eileanan Mòra, Miùghalaigh agus Beàrnaraigh.

Air sgàth ’s gu bheil e cunnartach, agus gum faodadh cus fuaim dragh a chur air eòin a tha a’ neadachadh, cha bu chòir feuchainn ri dhol air tìr air NNR Sula Sgeir. Cha mhotha na sin a bu chòir a dhol air tìr gun chead air gin de stacan no eileanan Hiort (a bharrachd air Hiort fhèin); mura bheil thu cinnteach theirig an toiseach gu Neach-gleidhidh SNH/NTS, a bhios ann a’ Hiort eadar An Giblean agus An t-Sultain.

  • Nuair a bhios tu a’ planadh cuairt a Hiort, cuir fios, greis mhath ron àm, gu oifis Urras Nàiseanta na h-Alba ann an Inbhir Nis (fòn 01463 232 034; facs 01463 732 620) gus deitichean freagarrach a chur air dòigh. Nuair a bhios tu a’ planadh cuairt a Rònaigh a Tuath, Hèisgeir, na h-Eileanan Flannach, Miùghalaigh no Beàrnaraigh, bhiodh SNH nad chomain nan innseadh tu dhaibh ron àm (fòn 01851 705258; facs 01851 704900 - no 01870 620238; facs 01870 620350 airson Hèisgeir).

  • Ann a bhith a’ cur dheitichean is uair air dòigh airson a dhol a Hiort, feuch gun smaoinich thu air an Neach-gleidhidh agus air luchd-obrach MoD a tha a’ fuireach agus ag obair air an eilean. Mar eisimpleir na teirig air tìr ro thràth sa mhadainn oir thathar a’ sùileachadh gun coinnich an Neach-gleidhidh thu. Ma ghabhas idir, feuch ri Dimàirt a sheachnadh (nuair a bhithear ag aiseag luchd-obrach is bathar - air heileacoptair no soitheach) agus feuch cuideachd an seachain thu Là na Sàbaid.

  • Chaidh fo-laghan a stèidheachadh airson Hiort agus bu chòir dhut fhèin agus na bhios a’ dol air tìr a bhith eòlach orra ro-làimh. Chithear lethbhreac cuideachd ann an Taigh a’ Bhàillidh, far a bheil an Neach-gleidhidh stèidhte.

  • Mus teirig thu air tìr ann a’ Hiort, cuir fios chun an Neach-gleidhidh. Coinnichidh an neach sin am buidheann agad agus bheir e fiosrachadh air an NNR/Làrach Dualchais na Cruinne. Dh’fhaodadh gum bi cuairt threòraichte ann de Sgìre a’ Bhaile agus ’s dòcha gun tèid aig an Neach-gleidhidh air a dhol còmhla riut san t-soitheach agad timcheall Bhoraraigh agus na Stacan gus àitichean inntinneach a shealltainn dhut: (fhad ’s a bheir thu e/i air ais a Hiort a-rithist!) Fòn gu 01870 604628 no cuir fios air an rèidio ro-làimh gu ionad MoD Hiort.

  • Cuimhnich nach eil taighean-beaga poblach ann an gin dhe na h-eileanan (fiù ’s ann a’ Hiort). Mar sin feuch gun cleachd luchd-siubhail na goireasan air an t-saoitheach mus tèid iad air tìr. (Cha lorg iad àite falach air na h-eileanan agus cha dèan math dhaibh cur ri sgudal sna h-eileanan. Mar sin bu chòir dhaibh an gnothach a dhèanamh mus tèid iad air tìr).

  • Na leig le cait no coin a dhol air tìr oir dh’fhaodadh iad teiche, cron a dhèanamh air fiadh-bheatha (agus air caoraich) agus dh’fhaodadh e bhith doirbh beireachdainn orra nuair a thig an t-àm airson falbh. Cuideachd, dh’fhaodadh coin dìosganaich a thoirt far tìr-mòr a mheasg treud iomallach, gun shamhail chaoraich Shòdhaigh. (Chan eil fada ann bho chaidh cait fhiadhaich à bith ann a’ Hèisgeir ach ’s math gun deach).

  • Tha laimrig bheag ann am Bàgh a’ Bhaile ann a’ Hiort ach chan eil e sàbhailte fiù ’s do bhàta beag ceangal ris. Cha mhotha a tha seo ga iarraidh oir bhiodh cunnart ann gum faigheadh radain air tìr. Aon uair ’s gum faigheadh iad sin grèim, dhèanadh iad cron mòr air na h-eòin-mhara, msaa. Aisig luchd-siubhail air tìr ann an eathraichean beaga.

  • Chan eil goireasan ann an gin dhe na h-eileanan airson a dhol air tìr agus faodaidh na creagan a bhith gu math sleamhain; mar sin bu chòir do luchd-siubhail a bhith glè fhaiceallach nuair a bhios iad a’ dol air tìr agus comhairle fear a’ bhàta a ghabhail. Bu chòir caisbheart làidir a bhith orra, le buinn nach sleamhnaich, ach bu chòir dhaibh a bhith a’ sùileachadh an casan a bhith fliuch!

  • Tha soidhnichean aig na h-Ionadan Tèarmainn Nàiseanta ann a’ Hiort, Rònaigh a Tuath agus ann a’ Hèisgeir faisg air far an àbhaist do luchd-siubhail a dhol air tìr. Tha map agus fiosrachadh ann mun eilean airson gum faigh luchd-tadhail nas urrainn dhaibh on cuairt. Tha ìomhaighean beaga ann cuideachd ag innse dè dh’fhaodas cron a dhèanamh air an àite agus air an fhiadh-bheatha: feuch gun toir thu feart orra.

  • Gheibhear bileag fiosrachaidh SNH mu Hiort on Neach-gleidhidh no bho Oifis SNH ann an Uibhist a Deas (fòn 01870 620238). Tha bileag fheumail cuideachd aig NTS agus Alba Eachdraidheil mu nithean àrsaidh. Tha mòran leabhraicheann ann mu Hiort agus eileanan eile.

  • Tha bùth bheag ann a’ Hiort agus dh’fhaodadh gun gabhadh a fosgladh do luchd-tadhail le sin a chur air dòigh ro-làimh còmhla ris an Neach-gleidhidh. Tha e air iarraidh air luchd-tadhail gun iad a bhith a’ coiseachd air feadh ionad QinetiQ no taighean an NTS gun chuireadh oir tha daoine a’ fuireach annta.

  • Tha taigh-tasgaidh beag ann an Taigh 3 ann a’ Hiort agus ’s àbhaist dha a bhith fosgailte do luchd-tadhail (agus is fhiach e tadhal air). Thèid taigh eile a chur air dòigh uaireigin leis an NTS mar eisimpleir de dhachaigh ann a’ Hiort.

  • Tha e air iarraidh air luchd-tadhail gun a bhith a’ coiseachd timcheall an eilein leotha fhèin gun fhios nach èirich càil dhaibh, agus gun a dhol ro fhaisg air oir a’ bhearraidh. Chan e a-mhàin nach eil e stèidheil ann an àitichean ach faodaidh gaoth mhòr no sgal obann a dhèanamh nas cunnartaiche buileach. Tha brogan-mòra le buinn nach sleamhnaich riatanach. Fiù ’s an uair sin fhèin bidh na leòidean sleamhainn le feur fliuch agus faodaidh e bhith uabhasach doirbh stad a chur ort fhèin bho thuiteam le briogais uisge-dhìonach no oillsgein! Chan eil seirbheis teasairginn bearraidh ann an gin dhe na h-eileanan agus tha an t-slighe gu math fada chun an ospadail as fhaisge.

  • Tha na h-eileanan seo air fad ainmeil airson beairteas agus iomadachd fiadh-bheatha agus tha sin air iomadh comharrachadh nàiseanta agus eadar-nàiseanta a chosnadh dhaibh. Ged a bu mhath leinn gum faigheadh luchd-tadhail nas urrainn on chuairt, cuimhnich gur e feumalachdan na fiadh-bheatha agus na h-àrainneachd as cudromaiche.

  • Feuch gun toir thu spèis dha na togalaichean eachdraidheil, na tobhtaichean, na leacan-uaghach agus dha na structaran arc-eòlais. Chaidh mòran dhiubh a chlàradh mar Charraighean àrsaidh.

  • Na buain dìtheanan, na feuch òrd air na creagan agus na toir leat lusan, clachan no càil sam bith eile agus na cuir dragh air an tìr, air na tha a’ fàs no air na beathaichean. Faodaidh coltas soitheamh agus dàimheil a bhith air na beathaichean ach cha bu chòir luchd-tadhail a bhith air am mealladh gus a dhol rud beag nas fhaisge oir togaidh lionsan telefoto dealbhan glè mhath. Bu chòir do luchd-tadhail a bhith air am faiceall cuideachd mus toir iad a-steach, gun fhios dhaibh no air dhòigh eile, lusan no ainmhidhean coimheach; mar eisimpleir faodaidh sìol a bhith sa pholl air do bhrògan. Feumaidh SNH cead a thoirt ro-làimh airson cearcaill a chur air eòin san NNR; cha bu chòir gunna sam bith a thoirt air tìr.

  • Na buain dìtheanan, na feuch òrd air na creagan agus na toir leat lusan, clachan no càil sam bith eile agus na cuir dragh air an tìr, air na tha a’ fàs no air na beathaichean. Faodaidh coltas soitheamh agus dàimheil a bhith air na beathaichean ach cha bu chòir luchd-tadhail a bhith air am mealladh gus a dhol rud beag nas fhaisge oir togaidh lionsan telefoto dealbhan glè mhath. Bu chòir do luchd-tadhail a bhith air am faiceall cuideachd mus toir iad a-steach, gun fhios dhaibh no air dhòigh eile, lusan no ainmhidhean coimheach; mar eisimpleir faodaidh sìol a bhith sa pholl air do bhrògan. Feumaidh SNH cead a thoirt ro-làimh airson cearcaill a chur air eòin san NNR; cha bu chòir gunna sam bith a thoirt air tìr.

  • Tha e uabhasach furasta dragh a chur air eòin a tha a’ neadachadh, air ròin a tha a’ gintinn agus air caoraich le uain agus bu chòir do luchd-tadhail an seachnadh no, ma thig iad air nead no iseanan gun fhiosta, fàgail sa charachadh airson cothrom a thoirt dha na pàrantan tilleadh. Tha faoileagan agus fasgadairean an-còmhnaidh deiseil airson brath a ghabhail air uighean no iseanan nach eil air an gèard.

  • Tha uighean agus àl aig eòin a tha a’ neadachadh air an talamh air am falach gu math agus tha e doirbh am faicinn. Mar sin bu chòir do luchd-tadhail a bhith faiceallach càit an cuir iad an casan ma tha tha iad dhen bheachd gu bheil nead faisg orra. Bidh steàrnain agus cuid de dh’eòin grunnachachaidh a’ breith nan uighean air gainmheach lom/morghan ris a’ chladach agus tha iad iad seo ann an cunnart nas motha.

  • Tha faoileagan, fiù ’s steàrnain – ach gu h-àraidh fasgadairean – a’ cur dìon mòr air na neadan aca, agus a’ dàibheadh a-nuas air duine sam bith a thèid ro fhaisge agus fiù ’s a’ toirt sgleog do dhaoine mun cheann. Feumaidh luchd-tadhail a bhith faiceallach ach tha e nas fheàrr an seachnadh uile gu lèir.

  • Corra uair dh’fhaodadh nach bi cead aig duine a dhol gu cuid de dh’àitichean ann a’ Hiort air sgàth fiadh-bheatha a tha frionasach, rannsachadh no adhbhar eile. Bheir an neach-gleidhidh fiosrachadh mun sin nuair a ruigeas tu agus thèid iarraidh air luchd-tadhail gabhail ris an riaghailt. Cha tachair sin ge-tà ach mar a dh’fheumas e.

  • Cha bu chòir do luchd-tadhail cruinneachadh no fuireach ro fhada san aon àite oir sheall rannsachadh gum faod luchd-tadhail – gu h-àraidh faisg air laimrigean – lùghdachadh mòr a thoirt air gintinn agus beatha cuilein ròin agus iseanan. • Cha bu chòir do luchd-tadhail sgudal fhàgail an àite agus bu chòir dhaibh an t-eilean fhàgail mar a fhuair iad e, no nas fheàrr.

  • Chan eil gin dhe na h-acarsaidean sàbhailte ri droch shìde. Tha fiù ’s Bàgh a’ Bhaile ann a’ Hiort fosgailte ris a’ ghaoith an ear no bhon ghaoith a shèideas a-nuas bho na mullaich. Cuimhnich gum faod an t-sìde atharrachadh gu h-aithghearr agus gum faod e bhith cunnartach falbh on eilean. Feumaidh luchd-tadhail leantainn gu mionaideach ris a’ chomhairle a gheibh iad bho fhear a’ bhàta. Cha bu chòir dhaibh gabhail orra a dhol cho fada air falbh agus nach faighear fios thuca ma dh’fhàsas an t-sìde dona gu h-aithghearr. Faodaidh sgòth ìosal agus ceò duine a chur tuathal, agus faodaidh e bhith doirbh an acarsaid a lorg.

  • Ma ghabhas idir, feuch gun tadhal Dimàirt no Dihaoine oir is iad sin na làithean solair.

  • Bu chòir do luchd-tadhail a bhith a cheart cho faiceallach nauir a tha iad a’ fàgail an eilein agus tha sinn an dòchas gun còrd a’ chuairt riutha.

© Urras Nàiseanta na h-Alba