|
Tuairmse cosgais bàta ùr a thogail airson Hiort
Ath-tharraing:
Urras Nàiseanta na h-Alba
Gus an do
thogadh laimrig ann am Bàgh a’ Bhaile ann an 1901,
bha am bathar air fad ga chur air tìr air na creagan –
rud a bha gu math cugallach.
Muinntir an eilein a’ cur bathar air tìr on S.S.
Dunara Castle
Dealbh: O chairt puist
Cha robh mòran
conaltraidh eadar iad fhèin agus tìr-mòr gu
meadhan an naoidheamh linn deug. Bhiodh am bàillidh a’
tighinn ann am bàta uair sa bhliadhna a thogail a’
mhàil. Bhiodh ministear còmhla ris a bhiodh a’
baisteadh agus a’ pòsadh dhaoine.
Am Bàillidh, Mgr MacCoinnich, a’ tighinn a thogail
a’ mhàil c.1910
Dealbh: Anna Mackenzie
|