|
Tha thu an seo: Hiort
An-diugh > A’
sgrùdadh na h-Àrainn Nàdarra
>
Gnàth-shìde
Gnàth-shìde
ann a’ Hiort
Tha
buaidh mhòr aig Sruth a’ Chuain Shiar air an t-sìde
ann a’ Hiort. Tha na geamhraidhean ciùin agus na samhraidhean
fionnar. Tha na h-eileanan fosgailte do dh’ìsleachadh
aimsir sa Chuan Shiar agus tha tòrr uisge is gaoithtean mòra
ann. ’S e a’ ghaoth an iar-dheas as trice bhios ann,
agus mar as trice, cha bhi i nas àirde na Ìre 3. Ach,
chan eil e neo-àbhaisteach dhan ghaoith tighinn na grìosaich
aig còrr is 100 mìle-mara san uair. Tha e uabhasach
doirbh coiseachd air an eilean an uair sin. Air an làimh
eile, tha i uaireannan teth agus grianach.
|