|
|
Tha thu an seo: Fo-laghan Hiort
Ro-ràdh
|
|
Tha fo-laghan oifigeil air na h-eileanan airson làraichean
eachdraidheil agus fiadh-bheatha Hiort a dhìon. Tha Urras
Nàiseanta na h-Alba, mar luchd-seilbh eileanan Hiort a tha
iad a’ cumail a chum maith na rìoghachd, agus gus a
bhith a’ coileanadh an dleastanais a chuireadh orra fo Earrainn
33 de Òrdugh Urras Nàiseanta na h-Alba, (dearbhte
le Achd Dearbhaidh Òrdugh Urras Nàiseanta na h-Alba,
1935) agus Le Earrainn 4 de Òrdugh Urras Nàiseanta
na h-Alba, 1961 (dearbhte le Achd Dearbhaidh Òrdugh Urras
Nàiseanta na h-Alba, 1961) agus an dèidh co-chomhairleachaidh
ri Dualchas Nàdair Alba agus Ministrealachd an Dìon,
le Dualchas Nàdair Alba mar Luchd-aonta an Tèarmann
Nàdair, mar a thathar ga mhìneachadh on seo a-mach,
agus le Ministrealachd an Dìon mar fho-luchd-aonta ann an
cuid dhen Tèarmann, a’ dèanamh agus a’
cur gnìomh nam fo-laghan a leanas gus dìon a chur
air Eileanan Hiort ann am Paraiste na Hearadh de Shiorrachd Inbhir
Nis.
|

A’ mìneachadh nam fo-laghan do luchd tadhail
Dealbh: Davina Graham
|
|
Fo-laghan Hiort (Urras Nàiseanta na h-Alba)
|
- (i) Sna
fo-laghan seo tha “An Tèarmann” a’ ciallachadh
eileanan Hiort, Sòdhaigh, An Dùn, Lìobhanais,
Boraraigh, Stac Lì agus Stac an Àrmainn, agus na
h-eileanan far nan cladaichean aca ris an canar Hiort ann am Paraiste
na Hearadh de Shiorrachd Inbhir Nis, agus a chaidh ainmeachadh
mar Thèarmann Nàdair ann an Cùmhnant le Dualchas
Nàdair Alba air a’ 4mh dhen Ghiblean, 1957.
(ii) Tha Achd a’ Mhìneachaidh, 1989, a’ buntainn
ri mìneachadh nam fo-laghan
seo mar a tha iad a’ bualadh air mìneachadh Achd
Pàrlamaid.
(iii) Tha cuid dhe na fo-laghan nach eil a’ buntainn ri
feadhainn ann am Feachdan na Bànrighe (ris an canar “luchd
an airm” on seo a-mach) nuair a bhios iad an ceann an dleastanais.
Far nach eil fo-laghan a’ buntainn ri muinntir an airm,
bidh sin air a chomharrachadh anns gach fo-laghan.
- Chan fhaod
duine cuairt a ghabhail ann a’ Hiort gun na fo-laghan seo
a leughadh an toiseach. Bidh iad rim faicinn aig Ceann a’
Chidhe. Chan fhaod duine a dhol dhan Tèarmann, taobh am
muigh Cheann a’ Chidhe, gun chead o Riochdaire Urras Nàiseanta
na h-Alba (ris an canar “An t-Urras” on seo a-mach).
- Chan fhaod
duine cù, no beathach sam bith eile a bhuineas dha no a
tha an urra ris, a thoirt dhan Tèarmann, gun chead laghail.
- Chan fhaod
duine falbh le, no ruith an dèidh, no dragh a chur air
eun no beathach sam bith san Tèarmann no a leòn,
a mharbhadh no feuchainn ri mharbhadh le sealg no dòigh
sam bith eile, no lìon a sgaoileadh no chleachdadh, no
lampa no inneal eile a chur suas no chleachdadh, no ribe no càil
eile a chleachdadh airson falbh le eun no beathach sam bith eile
no airson a leòn no a mharbhadh.
- Chan fhaod
duine san Tèarmann falbh le nead no uighean eòin
no dragh a chur orra no am milleadh no an sgrios air dhòigh
sam bith.
- Chan fhaod
duine san Tèarmann lus no càil eile a tha a’
fàs a bhuain, no mhilleadh no falbh leis co-dhiù
tha e beò gus nach eil, gun chead laghail.
- Chan fhaod
duine san Tèarmann falbh le ùir, creag no morghan
gun chead laghail.
- Chan fhaigh
duine cead creutair beò, no ugh creutair beò, no
lus, no sìol, no pàirt sam bith eile de lus a thoirt
dhan Tèarmann ann an suidheachadh sam biodh a leithid sin
de chreutair no de lus buailteach gintinn, no do dh’isean
tighinn à ugh, no gum fàsadh an sìol oir
dh’fhaodadh sin na tha a’ fàs air an eilean
atharrachadh agus cron a dhèanamh air an talamh agus a’
chùis a mhilleadh air a’ mhòrshluagh.
- Chan fhaod
duine carbad cuibhleach sam bith a thoirt dhan Tèarmann,
ach a-mhàin carbadan an airm, gun chead laghail.
- Chan fhaod
duine, ach a-mhàin muinntir an airm, Bàgh a’
Bhaile fhàgail leotha fhein, agus chan fhaigh duine cead
na bearraidhean a dhìreadh gun chead fhaighinn an toiseach
o Riochdaire an Urrais. Cha toirear an cead sin ach do dhuine
as urrainn a chomas agus earbsachd a dhearbhadh.
- Chan fhaod
duine oidhche a chur seachad san Tèarmann, no bhith ann
an teanta, seada, carabhan no càil sam bith eile mura dearbh
iad do Riochdaire an Urrais gu bheil am biadh fhein aca, aodach
is àite fuirich, agus fhad ’s nach eil cus dhaoine
san Tèarmann mu thràth. Chan eil am fo-laghan seo
a’ buntainn ri muinntir an airm.
- Mura h-eil
cead aca ro làimh o Riochdaire an Urrais, chan fhaod duine
teine a lasadh no càil a dhèanamh a dh’fhaodadh
teine adhbharachadh, ach tha cead aig muinntir an airm airson
luathadair a chleachdadh a rèir an aonta a tha ann ri Ministrealachd
an Dìon.
- Chan duine
san Tèarmann pàipear, botail, glainne, sgudal no
fuidheall fhàgail an àite ach anns na soithichean
airson nan rudan sin.
- Chan fhaod
duine uisge sam bith san Tèarmann a thruailleadh le mì-chùram.
- Chan fhaod
duine san Tèarmann cron, milleadh, sgrios no gluasad a
dhèanamh air togalach sam bith, cidhe, balla, cleit, clach-uaghach,
carragh cuimhne no structair cloiche sam bith eile no tobhta,
no air gnothaichean taighe a tha nan cuimhneachan air an àm
ro 1930 nuair a bha daoine a’ fuireach ann a’ Hiort,
no air clàr shanas, inneal shanas, balla, gàrradh
crìche, feansa, crann bacaidh, rèile, post, togalach
no inneal air a chleachdadh ann an carbadan no uidheamachd airm
sam bith eile air an eilean. Chan fhaod duine a dhol a-steach
dha na togalaichean air fearann Ministrealachd an Dìon,
a tha air a chomharrachadh le clàir shanas, gun chead on
Oifigear os cionn an Aonaid, agus cha mhotha a dh’fhaodas
duine gnothach a ghabhail ri uidheamachd airm sam bith, co-dhiù
tha e air an fhearann aca fhein no nach eil, no a mhilleadh no
ghluasad.
- Chan fhaod
duine san Tèarmann gunna a bhith aige gun chead laghail,
agus chan fhaod plèanaichean (no heileacoptair) tighinn
gu talamh ach a-mhàin feadhainn leis an arm aig a bheil
cead.
- Faodaidh
Urras Nàiseanta na h-Alba, Riochdaire an Urrais, no oifigear
on Urras, cead a dhiùltadh do dhuine tighinn dhan Tèarmann
gun adhbhar a thoirt. Feumaidh a leithid sin de dhuine an t-eilean
fhàgail, ma tha e ann, air a’ chiad chòmhdhail
a bhios ri fhaotainn no air còmhdhail an airm, ma tha sin
ri fhaotainn.
- Chan fhaod
duine san Tèarmann bacadh a chur air oifigear Urras Nàiseanta
na h-Alba, no air duine sam bith eile, no air searbhanta no duine
eile air fhastadh le Urras Nàiseanta na h-Alba, Dualchas
Nàdair Alba no Ministrealachd an Dìon, ann a bhith
a’coileanadh an dleastanais a thaobh an obair laghail san
Tèarmann, no air duine sam bith eile a tha a’ cleachdadh
an Tèarmainn mar bu chòir.
- Faodaidh
Urras Nàiseanta na h-Alba cead sgrìobhte a thoirt
seachad airson rudeigin a dhèanamh san Tèarmann,
agus a tha a-rèir lagh na rìoghachd, a bhiodh mì-laghail
ann an seagh sam bith eile a-rèir nam fo-laghan seo, agus
sònraichidh a leithid sin de chead na gnìomhan a
dh’fhaodar a dhèanamh mar thoradh air, agus bheirear
seachad e a-rèir nan cùmhnantan a leanas:-
(a) nach bi e dligheach ach airson na h-ùine a tha comharraichte
ann, no, mura bheil pàirt dheth comharraichte mar sin,
san Tèarmann gu lèir;
(b) nach bi e dligheach ach sa phàirt dhen Tèarmann
a tha comharraichte ann, san Tèarmann gu leir;
(c) nach bi e dligheach ach dhan duine, no na daoine, a tha comharraichte
ann;
(d) nach bi e dligheach ach airson an adhbhair a tha comharraichte
ann;
(e) gum feum e bhith aig duine gach turas a thig e dhan Tèarmann,
agus gum feumar a shealltainn nuair a dh’iarras neach-obrach
e no riochdaire Urras Nàiseanta na h-Alba;
(f) gum faod Urras Nàiseanta na h-Alba a tharraing air
ais uair sam bith. Duine sam bith a bhriseas gin dhe na fo-laghan
seo, feumaidh e an Tèarmann fhàgail air a’
chiad chòmhdhail a bhios ri fhaotainn no air còmhdhail
an airm, ma tha sin ri fhaotainn, ma dh’iarras an neach-gleidhidh
no oifigear on Urras air sin a dhèanamh, agus bidh e dualtach,
an dèidh dha bhith air a dhìteadh ann an cùirt
lagha, do chàin nach bi barrachd air fichead not airson
gach latha a mhair an eucoir, an dèidh fios sgrìobhte
fhaighinn o Urras Nàiseanta na h-Alba. Bidh deit an fhios,
a chuirear sa phost, no a bheirear seachad leis an neach-gleidhidh
no oifigear on Urras, air a chunntas mar an deit an latha an dèidh
dhan fhios a phostadh no thoirt seachad leis an neach-gleidhidh,
no le oifigear on Urras.
- Chan eil
càil sna fo-laghan seo a chuireas bacadh air luchd-obrach
Dhualchas Nàdair na h-Alba o bhith a’ gabhail os
làimh nam programan rannsachaidh agus an obair-ghlèidhteachais
aca.
NÒTAICHEAN
- A bharrachd
air dleastanas Urras Nàiseanta na h-Alba, Dualchas Nàdair
Alba agus Ministrealachd an Dìon, dh’ainmich Rùnaire
na h-Alba na toglaichean agus na tobhtaichean airceòlais
air pàirt dhen Tèarmann mar Làrach, taobh
a-staigh Earrann 6 de dh’Achd nan Seann Làrach 1931
(a chaidh a dhaingneachadh ann an Achd nan Seann Làrach
is Sgìrean Airceòlais 1979, agus tha riaghailtean
na h-Achd sin a’ buntainn ri na cuspairean seo).
- Chan urrainn
dhan Urras, Dualchas Nàdair Alba no do Mhinistrealachd
an Dìon uallach a ghabhail airson tubaist sam a dh’fhaodadh
tachairt san Tèarmann. ’S e àite comharraichte
a tha san Tèarmann agus duine sam bith a tha a’ dol
ann, tha e a’ dèanamh sin le thoil fhein.
- Ma lorgas
duine sam bith càil eachdraidheil san Tèarmann,
no fianais sam bith eile mu dhaoine a bha a’ fuireach san
àite agus nach eil air a chlàradh, feumaidh e innse
san spot dhan neach-gleidhidh no do dh’oifigear on Urras.
|
|