| Ann
an 1983 thòisich còmhraidhean eadar an t-Urras agus
Alba Eachdraidheil mu ghlèidhteachas nan togalaichean san
àm ri teachd agus mu rannsachadh airceòlais air na
tobhtaichean. Chaidh aontachadh gun robh feum air sgrùdadh
mionaideach a dhèanamh air na togalaichean ma bhathas a’
dol gan càradh agus airson tuigse mhath fhaotainn orra mus
tòisicheadh a’ chladhach. Chaidh cuireadh a thoirt
do Choimisean Rìoghail nan Làrach Àrsaidh is
Eachdraidheil (RCAHMS) an obair a ghabhail os làimh.
’S ann
air RCAHMS a tha an t-uallach airson fiosrachadh mu làraich,
carraighean-cuimhne is togalaichean air feadh Alba a chlàradh
is a chumail. Chaidh obair sgrùdaidh a dhèanamh thairis
air ceithir ràithean eadar 1983 is 1986. Chaidh gach àite-tuineachaidh
air Hiort fhèin a sgrùdadh , a bharrachd air na togalaichean
fa leth a b’fheàrr a bha a’ sealltainn amannan
eadar-dhealaichte de dhaoine a bhith a’ fuireach ann agus
ag àiteach na talmhainn. Chaidh dealbhannan a chlàradh
cuideachd. Tha dùil tuilleadh obair sgrùdaidh a dhèanamh.
|
| Brùth
airson dealbh nas motha

Plana de sgìre a’ Bhaile, a’ sealltainn far
an robh pàircean is ballachan
Còraichean: RCAHMS
|
Brùth
airson dealbh nas motha

Plana de Thaigh-tughaidh C, a thogadh sna 1830an, far an robh
teaghlach MhicIllIosa a’ fuireach. Bha an crodh a’
fuireach ann an ceann na bàthcha sa gheamhradh.
Còraichean: RCAHMS
|
| Tuilleadh
Fiosrachaidh
Chaidh toradh
sgrùdadh RCAHMS fhoillseachadh ann an Stell, G P, agus Harman,
M. Buildings of St Kilda, HMSO, Dùn Èideann, 1988
agus tha geàrr iomradh air a’ cheathramh duilleig ann
an sreath RCAHMS, St Kilda, Settlement and Structures on Hirta,
Urras Nàiseanta na h-Alba/Alba Eachdraidheil, 1998. Tha eachdraidh
an sgrùdaidh seo, agus mar a chaidh a dhèanamh, sa
chaibideil ‘The Study of Buildings’ ann am Buchanan,
M (deas.), St Kilda, The Continuing Story of the Islands, HMSO,
Dùn Èideann, 1995, td 24-38. Chaidh 53 ìomhaigh
le RCAHMS, a’ mhòr-chuid dhiubh à Buildings
of St Kilda, a sganadh airson a’ phròiseact ioma-meadhan
foghlaim aig an Scottish
Cultural Resources Access Network (SCRAN).
Tha mòran
dhealbhannan is mhapaichean aig RCSHMS co-cheangailte ri structaran
eachdraidheil ann a’ Hiort. Tha iad uile rim faotainn tron
National Monuments Record of Scotland (NMRS). Tha e fosgailte dhan
phoball Diluain-Dihaoine 9.30am – 4.30pm. Tha a’ chuid
dhen tasg-lann a chaidh a chur dhan stòr dàta coimpiutair
CANMORE ri fhaotainn aig http://www.rcahms.gov.uk
Chan eil ach
glè bheag fhathast dhen stuth co-cheangailte ri Hiort (gheibh
thu thuige le ‘St Kilda’ a chur ann an raon an ainm)
san stòr dàta seo.
The Royal
Commission on the Ancient and Historical Monuments of Scotland,
John Sinclair House,
16 Bernard Terrace,
Dùn Èideann, EH8 9NX.
Breatann
Fòn: (+44) 0131-662 1456
Facs: (+44) 0131-662 1477/1499
www.rcahms.gov.uk
|