| ’S
fhiach iad seo a leughadh
Tha mòran
stuthan ann an clò mu Hiort. Tha an fheadhainn a leanas math
airson toiseach tòiseachaidh:
Eachdraidh
fharsaing is Leabhraichean Iùil
Tha a’
mhòrchuid de na leabhraichean as ùire ann an clò
agus gheibhear iad tro bhùth Club
Hiort.
Martin,
M. 1698 A Late Voyage to St Kilda Lunnainn (ath-chlòbhualadh
1986 James Thin, The Mercat Press Dùn Èideann)
Martin, M. 1716 Description of the Western Isles of Scotland
Lunnainn
Martin, M. 1753 A Voyage to St Kilda, (4th ed.) Lunnainn
Rugadh Màrtainn san Eilean Sgitheanach,
agus thug e greis na thaoitear aig teaghlach MhicLeòid. Chaidh
e Hiort as t-samhradh 1697 còmhla ri Iain Caimbeul, ministear
na Hearadh. Sgrìobh e a’ chiad chunntas mhionaideach
a tha againn air dòigh-beatha nan eilean seo.
Macaulay, K.
1764 The History of St Kilda Lunnainn
Bha MacAmhlaigh na
mhinistear anns na Hearadh agus thadhail e air Hiort ann an 1758.
’S e cunntas inntinneach a tha seo, agus tha fiosrachadh ann
mun bhreac a bhuail ann an 1727 agus a theab cur às dhan
t-sluagh gu lèir.
Sands, J.
1878 Out of the World; no, Life in St Kilda Dùn
Èideann
’S e fear-naidheachd
a bha ann an Sands agus thadhail e air Hiort ann an 1875 agus 1876.
Chan fhaigheadh e far an eilein fad a’ gheamhraidh agus chuir
e ‘long’ air bhog airson fios fhaighinn gu tìr-mòr
a dh’innse cho gann ’s a bha biadh ann a’ Hiort.
Seton, G. 1878
St Kilda Past and Present Dùn Èideann (1980
ath-chlò-bhualadh, James Thin, The Mercat Press, Dùn
Èideann. 2000 ath-chlò-bhualadh, Birlinn, Dùn
Èideann)
Chaidh Seton a Hiort
air a’ chiad chuairt a ghabh an stiomair an Dunara Castle.
Sgrìobh e cunntas mhionaideach air eachdraidh is nàdar
nan eilean.
Kearton, R.
1897 With Nature and a Camera Lunnainn (ath-chlòbhualadh
Melven Press, Inbhir Nis 1978)
Thadhail Richard
Kearton air Hiort còmhla ri bhràthair, Cherry, a bhiodh
a’ togail dhealbhannan. Tha cunntas inntinneach aige air Hiort
aig àm a bha an t-eilean ag atharrachadh air sgàth
turasachd. Tha dealbhannan a bhràthar a’ dol leis a’
chunntas.
Heathcote,
N. 1900 St Kilda Lunnainn
Bha Heathcote càirdeach dhan fhear
leis an robh an t-eilean, Reginald MacLeod. Thadhail e air Hiort
còmhla ri phiuthair. Bha ise gu math tapaidh a’ streap
nan creag agus a’ dol gu muir ann an eathraichean beaga.
Mackenzie,
J.B. 1911 Episode in the life of the Rev. Neil Mackenzie at St
Kilda from 1829 to 1843 (foillseachadh prìobhaideach.)
Bha
an t-Urr. Niall Mac Coinnich na mhinistear ann a’ Hiort eadar
1830 agus 1844. Bha e a’ fuireach sa mhansa ùr agus
a’ teagasg san eaglais ùir a thogadh ann an 1827. Bha
buaidh mhòr aige air muinntir an eilein agus rinn mòran
leasachaidh air àiteachas agus air a’ bhaile.
Williamson,
K. agus Boyd, J..M. 1960 St Kilda Summer Hutchinson,
Lunnainn
Bha na h-ùghdair
a’ riochdachadh Urras Nàiseanta na h-Alba agus Comann
Glèidhteachais Nàdair agus bha iad còmhla ri
muinntir an airm aig àm Operation Hardrock nuair
a bha iad a’ stèidheachadh ionad-airm ann a’
Hiort. Tha cunntas aca air eachdraidh is nàdar an àite
le beachdan mu na tobhtaichean.
Quine, D.A.
1988 St Kilda Portraits Downland Press, Frome
Cuimhneachain phearsanta
air muinntir Hiort agus daoine a thadhail air na h-eileanan.
Steel, T. 1988
(Tionndadh ùr) Life and Death of St Kilda Fontana,
Lunnainn
Fìor chunntas air sgeulachd Hiort
a tha air ùidh iomadh leughadair a thogail.
Charnley, B.
1989 Last Greetings from St Kilda Richard Stenlake, 1 Overdale
Street, Langside, Glaschu G42 9PZ
Leabhran inntinneach de dhealbhannan cairtean
puist o na 1800an gu timcheall air àm an fhàsachaidh.
MacFhearghuis,
C. 1995 Hiort: far na laigh a’ ghrian Acair, Steòrnabhagh
Loma-làn fiosrachaidh, ‘s
e seo an aon leabhar a bheir sùil air Hiort bho shealladh
muinntir Hiort fhèin, le ùghdar a bha gu math eòlach
orra, agus gu dearbh càirdeach riutha cuideachd.
RCAHMS 1998
St Kilda: Settlement and Structures on St Kilda RCAHMS, Dùn
Èideann
Mapa leathann de Bhàgh a’
Bhaile, le fiosrachadh mu na làraich airceòlais agus
na chaidh a lorg. Feumail do luchd-tadhail, agus airson beachd fhaotainn
air eachdraidh nan eilean. Ri fhaotainn bho RCAHMS.
Quine, D.A.
2000 (Tionndadh ùr) St Kilda Colin Baxter Photography,
Coit Gairtein
Leabhar-iùil a tha furasta a leughadh
agus a tha air a chur air dòigh le fiosrachadh mu chuairtean
coise a dh’fhaodas tu ghabhail. Cuid de dhealbhannan le Colin
Baxter. Dh’fhaodadh gur e seo an leabhar as fheàrr
san latha an-diugh airson a’ chiad fhiosrachadh fhaotainn
mu Hiort.
Quine, D.A.
(deas.) 2001 Expeditions to the Hebrides by George Clayton Atkinson
in 1831 and 1833 MacLean Press, An t-Eilean Sgitheanach
Cunntas
air turas a Hiort ann an 1831 le dealbhannan àlainn. Bha
seo dìreach mus deach an seann bhaile a sguabadh air falbh
agus an t-sràid a th’ann an-diugh a thogail. Uabhasach
inntinneach le timcheall air 100 dealbh a lorgadh o chionn ghoirid
on leabhar-latha a bha ann o thùs. Tha cunntas ann cuideachd
air leabhar-latha mu thuras air taobh an iar na h-Alba ann an 1833.
Rannsachadh
o chionn ghoirid
Harman,
M. 1996 An Isle called Hirte Maclean Press, An t-Eilean Sgitheanach
Obair mhòr
air eachdraidh agus dualchas Hiort mar thoradh air proiseact Ph.D.
ann an Sgoil Eòlais na h-Alba, Oilthigh Dhùn Eideann.
Emery,
N. 1996 Excavations on Hirta 1986-90 HMSO, Dùn Èideann
Fiosrachadh air toradh nam proiseactan
airceòlais a rinn Oilthigh Dhurham air Hiort. Fiosrachadh
inntinneach air gnothaichean a thugadh a-steach a Hiort san 19mh
agus san 20mh linn.
Buchanan,
M. (deas.) 1995 St Kilda:The Continuing Story HMSO, Dùn
Èideann
Fiosrachadh mu phroiseactan rannsachaidh
air eachdraidh, airceòlas agus nàdar Hiort. Chaidh
a sgrìobhadh airson a dhol còmhla ris an taisbeanadh
St Kilda Explored ann an Taighean Tasgaidh Ghlaschu 1995-6.
Harris,
M..P. agus Murray, S. 1989 Birds of St Kilda Institute of
Terrestrial Ecology & Natural Environmental Research Council, UK
Rannsachadh mionaideach
air na h-eòin ann a’ Hiort.
Stell,
G.P., agus Harman M. 1988 Buildings of St Kilda. Royal Commission
on the Ancient and Historical Monuments of Scotland/HMSO, Dùn
Èideann
Toradh rannsachadh RCAHMS ann a’
Hiort tràth sna 1980an.
Jewell, P.
A., Milner, C. agus Morton Boyd, J. 1974 Island survivors: the
ecology of the Soay sheep of St Kilda Athlone Press, Lunnainn.
Toradh
an rannsachaidh fhada air caoraich Shòdhaigh, le caibideil
air an ùir agus na tha a’ fàs ann a’ Hiort.
|