|
Tha
thu an seo: Hiort
an-diugh >
A’
sgrùdadh Eachdraidh nan Daoine
> Rannsachaidhean Airceòlais
Rannsachaidhean
Airceòlais
|
| Ann
an 1983 dh’aontaich An t-Urras agus Alba Eachdraidheil air
program de rannsachadh airceòlais ann a’ Hiort. B’
e an t-amas a bh’ aca faighinn a-mach ciamar a bha na h-eileanan
air an cur gu feum thar nan linntean, agus ciamar a bha togalaichean
fa leth a’ tighinn a rèir a’ phàtarain.
Am Baile
An Lag agus Ruabhal
Mullach Sgar
Sgrùdadh na h-Àrainneachd
Cuaraidhean Cloiche Ro-eachdraidheil
Am Beàrn
|
| Am
Baile
Eadar 1986
is 1990 rinn Oilthigh Dhurham sgrùdadh is cladhach ann a’
Hiort. Bha rannsachadh baile an 19mh linn a’ gabhail a-steach
sgrùdadh nach do mhill càil, cladhach agus sampaill
is sgrùdadh àrainneachdail.
|

Mapa: Chris Smith
|
| De
na taighean a thogadh sna 1860an, rannsaich buidhnean obrach Urras
Nàiseanta na h-Alba Taigh 6 mus deach a thogail às
ùr. Chlàr iad fiosrachadh mun fhiodh a bha sna ballachan-tarsainn
air an taobh a-staigh agus mun fhiodh a bha san làr. Chaidh
cladhacha dhèanamh air Taigh 8 agus timcheall air, agus chaidh
a dhearbhadh gun do chleachd taigh-tughaidh a bhith ann ri linn
nas tràithe, mar a nochd ann an sgrùdadh RCAHMS.
Nochd sgrùdadh
RCAHMS gur dòcha gur e sabhal àtha a bha ann an Taigh
W. Bhathar uaireigin dhen bheachd gur e taigh-còmhnaidh Lochlannach
no bho na Meadhan Linntean a bha ann. Nuair a chaidh a chladhach,
lorgadh àth le sabhal bualaidh is fasgnaidh ceangailte rithe.
’S iongantach mura buin i dhan 19mh linn.
|

An àth agus an sabhal
Dealbh: Taighean-tasgaidh Ghlaschu
|
| Dhearbh
soithichean de steatait (clach-shiabainn), a chaidh a lorg nuair
a bhathar a’cladhach, gun robh co-cheangal aig na Lochlannaich
ri na h-eileanan seo. Fhuaradh dearbhadh cuideachd air na bha muinntir
nan eilean a’ toirt a-steach de bhathar deireadh an 19mh linn
agus san 20mh linn. Nam measg sin bha soithichean glainne, obair
chrèadha shaor, stocan-leapa iarainn agus lampaichean paireafain.
Tha sin a’comharrachadh mar a bha a’ choimhearsnachd
ag atharrachadh o bhith fèin-fhòghainteach gu bhith
an urra barrachd is barrachd air an t-saoghal mhòr.
|
| An
Lag agus Ruabhal
Ann
an 1992 ghabh Oilthigh Ghlaschu thairis am program rannsachaidh.
Chaidh sgrùdadh a dhèanamh air An Lag Bhon Tuath,
coire air cùl a’ Bhaile sa bheil ceithir pàircean
mòra le ballachan cloiche timcheall orra. Sheall seo gun
robh na pàircean air uachdar feartan na bu thràithe
– dromannan is bruaichean a bha fo na pàircean agus
nam broinn. Nuair a chaidh an rannsachadh, fhuaradh a-mach gur e
imirean àitich a bh’ annta sin. Dhearbh sgrùdadh
air poilean sìol gràin gun robh mòran eòrna
is coirce ga chur.
Bhathas an toiseach an dùil gur ann do bheathaichean a bha
na pàircean a b’ùire ach, tha e nas coltaiche
gur ann a bha iad airson am bàrr a dhìon o bheathaichean.
Bha ùir à àitichean timcheall air a cruinneachadh
agus air a cur dha na pàircean. Cha mhòr gun robh
sgath ùir-uachdarach air fhàgail timcheall nam pàircean,
ach bha suas ri 80cm de dhoimhneachd air an taobh a-staigh. Tha
seo a’ dearbhadh gun robh na Hiortaich a’ feuchainn
ri imirean àitich a chruthachadh ann an àitichean
far nach robh mòran ùir-uachdarach gu nàdarra.
|
click for enlargement

Far an robh na rannsachaidhean air Lag Bhon Tuath agus Ruabhal
Dealbh: GUARD
|
| Tha
tobhtaichean cuideachd san sgìre seo de dh’fheartan
le cumadh bàta orra agus structaran coltach ri cùirn.
Cha do chuir an rannsachadh soillearachadh orra sin. Dh’fhaodadh
gur e carraighean tìodhlacaidh a bh’ annta, a tha ’s
dòcha a’ dol air ais gu Linn an Umha. Ach dh’dhaodadh
cuideachd gur e cleitean a bh’ annta agus gun deach falbh
leis a’ mhòrchuid dhuibh. Feumar barrachd rannsachaidh
a dhèanamh air an seo.
A’ cladhach am measg nan clachan air An Lag Bhon Tuath
Dealbh: Alex Morrison
Sheall sgrùdadh
geo-fiosaigeach agus de chumadh-tìre air Ruabhal comharran
air mhuabhraighean uchdach, pàircean agus ’s dòcha
togalaichean na bu shine.
Muabhraighean air Ruabhal
Dealbh: Alex Morrison
Cha tàinig
co-dhùnadh sam bith bho chladhach air Carson a bha na structaran
cloiche coltach ri cill. Cha d’fhuaradh deit no càil
a bhuineadh dhan dualchas.

A’cladhach structaran coltach ri cill air Ruabhal
Dealbh: Alex Morrison
|
|
Mullach
Sgar
Chum cladhach
airceòlais a’ dol air Mullach Sgar ann an 2000 agus
2002. Thàinig toradh ùr,inntinneach asta seo. B’
e an rud a b’ inntinniche structar beag 5 X 3 meatairean a
bha air a ghleidheadh cho math ’s a ghabhadh.Bha cuid dheth
air cladhach a-steach dhan sgàirneach. Fhuaradh iomadh pìos
crèadha is innealan cloiche ann an làr an togalaich
seo. Nochd na ballachan cloiche agus tha còrr is meatair
a dh’airde air fhàgail dhuibh.Tha tobhtaichean thogalaichean
eile an iar air an structar Seo ged nach eil iad air an gleidheadh
cho math.
Nuair a thòisich
an obair seo ann an 1997, chaidh an sgìre seo a thaghadh
oir bhathas an dòchas gun deaghadh làrach teampall
Chalum Chille, air nach eil sgeul againn,a lorg. Ach, ann an dòigh,
tha na chaidh a lorg nas inntinniche buileach. Tha an obair a’dol
air adhart fhathast. Nuair a bhios am pròiseact deiseil,
bidh fiosrachadh cudromach againn air dòigh-beatha ann a’
Hiort ri Linn an Iarainn. ’S e an obair chrèadha a
chaidh a lorg an seo a’ chiad chruinneachadh tomadach ro-eachdraidheil
a th’ againn à Hiort.
|

Pìos Crèadha o Linn an Iarainn
Dealbh: Susan Bain
|
Clachan Suathaidh
Dealbh: Susan Bain
|

Structar coltach
ri cill air Mullach Sgar
Dealbh: Susan Bain
|

Cladhach ann
an 2003
Dealbh: Susan Bain
|
|
Sgrùdadh
na h-àrainneachd le Oilthigh Dhurham (1986-90)
Lorg sgrùdadh
àrainneachd Oilthigh Dhurham poilean eòrna is coirce
air làraich ann am Bàgh a’ Bhaile. Lorgadh poilean
feòir is fraoich air An Lag Bhon Tuath, agus poilean o eòrna,
coirce is luibhean àitich. Tha an obair seo gar cuideachadh
gu bhith a’ tuigsinn mar a bha na Hiortaich a’ cleachdadh
na talmhainn agus mar a dh’atharraich an cleachdadh sin thar
ùine. Chrìon àiteach a’ choirce agus
chaidh àiteach an eòrna am meud. Tha comharran ann
nach robh àiteach leantainneach ann an cuid de dh’àitichean.
Chaidh an t-uabhas poilean a lorg o Chelidonium majus (ceann ruadh)
a bhuineas do theaghlach nan crom-lus agus a bhathar a’ cleachdadh
mar ìocshlaint airson galaran sùla agus neasgaidean.
Tuilleadh
fiosrachaidh
Leabhraichean:
Emery, N.,
1996 Excavations on Hirta 1986-90 NTS/HMSO, Dùn Èideann.
Emery,
N., agus Morrison,A., 'The Archaeology of St Kilda'
Buchanan, M.
(deas) 1995 St Kilda: The Continuing Story of the Islands HMSO,
Dùn Èideann.
Johnson, P.G.
agus Pollard, A. 1998 Archaeological Fieldwork on Hirta, St Kilda:
The 1998 Season GUARD Aithisg 517
Pollard, A.
agus Will, B. 2000 Archaeological Fieldwork on Hirta, St Kilda:
The 1999 Season GUARD Aithisg 702
Huntley, J.P.
1999 Life at the Edge of the World: evidence for crop and medicinal
plants from St Kilda, Outer Hebrides Foillseachadh eleactronaigeach
le World Archaeological Congress
J.P.Huntley@durham.ac.uk
Johnson, P.
1999 Hovels, Hidey-Holes or Houses for the Dead: The Scree Structures
of Mullach Sgar, Hirta, St Kilda Foillseachadh eleactronaigeach
le World Archaeological Congress
Morrison, A.
1999 An Introduction to the Later Settlement history of St Kilda
Foillseachadh eleactronaigeach le World Archaeological Congress
Pollard, A.
1999 New Horizons: St Kilda and the Colonisation of Scottish Islands
Foillseachadh eleactronaigeach le World Archaeological Congress
GUARD
Tha Roinn
Rannsachadh Airceòlais Oilthigh Ghlaschu (Glasgow University
Archaeological Research Division) a’ riaghladh obair-raoin
agus pròiseactan co-chomhairleachaidh do bhuidhnean riaghaltais
agus do ghnìomhachas. Tha GUARD a’ gabhail os làimh
sgrùdaidhean aig deasg, sgrùdaidhean raoin agus cladhach.
GUARD
Roinn an Airceòlais
Gregory Building
Lilybank Gardens
Glaschu, G12 8QQ
Breatann
Fòn: (0141) 330 5541
Facs: (0141) 330 3863
|
| Cuaraidhean
Cloiche Ro-eachdraidheil
Tha an t-Àrd-ollamh
Andrew Fleming (Oiltigh na Cuimrigh Lampeter) agus an t-Ollamh Mark
Edmonds (Oilthigh Sheffield) air cunntas fhoillseachadh ann an iris
airceòlais Alba, Proceedings of the National Society of Antiquaries
of Scotland mu na fhuair iad a-mach agus na rannsaich iad. Chuir
iad thugainn a’ chunntas seo air an obair aca:
Riamh o na 1870an bha fios gun robh innealan cloiche ann a’
Hiort. Sheall an obair againn gun tàinig a’chlach airson
nan Innealan sin à cuaraidhean an iar air Bàgh a’
Bhaile. Os cionn
an sgàirnich dolarait timcheall Clais na Beàrnaich,
(‘An Similear’) chithear comharran mullaichean chuaraidhean
a tha caran coltach ri uamhan. Tha an sgàirneach fhein an
ìre mhath nàdarra, ach na
mheasg cuideachd tha innealan briste, fuigheall a bha air fhàgail
nuair a chaidh an dèanamh, clachan muile beaga a bha air
an cleachdadh mar ùird airson na h-innealan a dhèanamh,
agus corra
ulbhag tràghadh mhòr a bha air an cleachdadh mar shlacraichean
sna cuaraidhean.
|

Cuaraidhean
lannan-tobha aig Clais na Beàrnaich; tha an sgor fada san
dolarait gu math follaiseach
Dealbh: Andrew Fleming
|
|
Beagan gu tuath air an aon bheinn aig gearraidh Àrd tha cnapan
a shaoileas tu a tha a’comharrachadh chuaraidhean le feur
air fàs thairis orra. Nas fhaide tuath air an sin, tha sinn
gu mòr dhen bheachd (fianais o dhealbh a thogadh on adhar
ann an 1957) gun do chuir cuaraidh an airm aig Creagan Breac às
do sheann chuaraidh a bha gu math mòr. Mar sin, chaidh a’
mhòrchuid dhen dolarait a bha ri fhaicinn a chleachdadh san
àm a dh’fhalbht.
|
A’
ghrian a’ deàrrsadh air
Cuaraidhean aig Gearraidh Àrd
Dealbh: Andrew Fleming
|
| Cuin
a bha seo? Cha robh coillteach gu leòr ann a’ Hiort
riamh airson gum biodh na h-innealan cloiche seo air an cleachdadh
mar chinn thuaghan. ’S iongantach mura robh a’ mhòrchuid
dhiubh air an cleachdadh mar lannan air tobhaichean no caibean air
sgàth na tha orra de sgriaban ’s de làraich.
Chaidh innealan gu math coltach riutha a lorg ann an Arcaibh ’s
ann an Sealtainn. Chaidh deit a chur orra sin a bha a’ dèanamh
a-mach, an ìre mhath cinnteach, gum buineadh iad do dhan
Linn Nuadh-chreagaich is Linn an Umha, timcheall air 3000 RC. Cha
do dhearbh sinn fhathast gum buin innealan Hiort dhan linn seo,
ach tha fios againn gum buin iad co-dhiù do Linn na Cloiche,
mu 300RC, seach gun deach an lorg san taigh-ùire fon talamh,
no souterrain, agus air làrach a chaidh a chladhach o chionn
ghoirid air Mullach Sgar.
Ach cha bhiodh e uabhasach coltach gun dèanadh luchd-obrach
a bha eòlach air obair chloiche lannan thobhaichean cloiche
airson a’ chiad uair ann a’ Hiort cho fada ri Linn na
Iarainn nuair a bha iad anns na h-Eileanan mu Thuath dà mhìle
bliadhna roimhe sin. Lorg sinn dà phìos de dh’obair
chrèadha ann an stac-mhara ann a’ Hiort agus tha iad
air an sgeadachadh san dòigh a bha àbhaisteach ann
an Ìnnse Gall san Linn Nuadh-chreagaich. B’iad seo
a’chiad fheadhainn a chaidh a lorg ann. Tha sinn cuideachd
mothachail gun robh an t-Àrd-ollamh Mike Walker, a rinn diagram
a’phoilean airson Hiort tràth sna 80an, gu làidir
dhen bheachd gun robh an t-àm a nochd Plantago lanceolata
(bodach dubh) timcheall air 3000RC mar fhianais air nuair a thàinig
na daoine (’s ann mar seo a tha an aon rud air a mhìneachadh
ann an Sealtainn).
|
Dà
shlacraich chloiche (clachan ùird) bhriste on sgàirneach
fo chuaraidhean Chlais na Beàrnaich
Dealbh: Andrew Fleming
|
| Tha
lannan thobhaichean briste bitheanta ann am ballachan nan structaran
ann am Bàgh a’ Bhaile, far an robh iad uaireannan air
an cleachdadh mar spallan sna cleitean (stòran cloiche le
mullaichean de sgrathan) san 19mh linn. ’S e am mìneachadh
as coltaiche airson lannan thobhaichean sna cleitean gun deach an
lorg agus an cleachdadh a-rithist san 19mh linn nuair a chaidh cuid
de na seann bhallachan mòra, a bha nam pàirt de sheann
shiostam nan achaidhean tuath air an t-sràid, a ghlanadh
air falbh. Mhair pàirt dhen t-seann shiostam agus tha e a’nochdadh
air plana a’ Choimisein Rìoghail dhen Bhaile. ’S
e ceist inntinneach a th’ ann co-dhiù bhuineadh an
siostam seo do Linn an Iarainn no do linn nas tràithe. Chan
eil teagamh nach eil argamaid ann airson e bhith dhen aon aon aois
ri lannan nan tobhaichean; bha sinn a’ lorg innealan ann an
gàrradh-cùil 1830, ach cha do lorg sinn iad ach ann
am pìosan a bha a’ dol a rèir seann ghàrraidhean
achaidh a bhith ann (prìomh shiostam nan achaidhean timcheall
Tobar Childa, agus fear nas lugha far an robh teampall Chalum Chille
a rèir aithris).
|
Gàrradh
seann shiostam achaidhean nuair a thar ga chladhach
Dealbh: Andrew Fleming
|
Lann tobha
dolarait air a dheagh sgealbadh
Dealbh: Andrew Fleming
|
| Bidh
e coltach o na rudan a chaidh a lorg gun robh a’dol aig daoine
fuireach ann a’ Hiort san Linn Nuadh-chreagaich/Linn an Umha,
agus gun robh iad ri àiteach. Seach gun robh uiread de chuaraidhean
ann, feumaidh gur e obair a bha seo a mhair greis mhath. Tha beagan
fianais, ann nach eil uabhasach soilleir, gur dòcha gun robh
muinntir Hiort a’ cleachdadh innealan cloiche aig àm
nach eil a’dol cho fada air ais, ’s dòcha nuair
a bha meatailt gann. Ach tha a’ mhòrchuid de na cuaraidhean
a’coimhead ro shean airson gun biodh iad air an cleachdadh sna
dhà no trì linntean mu dheireadh. |
Inneal (air
a dhèanamh de dholarait dorcha) mar
spalla ann an cleit (air a dhèanamh de ghranophyr,
a’ bhun-chreag shoilleir an ear air Bàgh a’ Bhaile)
Dealbh: Andrew Fleming
|
|
Bhiodh muinntir Hiort a’ feumachdainn chasan fiodha airson nan
tobhaichean. Mar sin, tha iomadh ceist oirnn mun cho-cheangal a bh’
aca ris an t-saoghal mhòr. An robh iad a’ faighinn fiodh
às na h-Eileanan an Iar? Ma bha, nach biodh iad air sgealban
dolarait a thairgse air a shon? Gu mì-shealbhach, cha do lorgadh
lannan thobhaichean de dholarait Hiort sna h-Eileanan an Iar fhathast.
Ach feumaidh sinn cuimhneachadh gu bheil mòran de na làraich
Nuadh-chreagach agus de Linn an Umha doirbh an rannsachadh. Tha iad
fo mhòine, fo ghainmhich no fon mhuir. Mar sin, chan eil cion
fianais a’ciallachadh nach eil fianais ann, mar a bhios luchd-airceòlais
ag ràdh. Tha coltas ann gu bheil na fhuair sinn a-mach ag aontachadh
ri na tha fios againn mu dhaoine air eileanan beaga eile ann an Alba
’s ann an Èirinn agus chaidh iad sin a thuineachadh uaireigin
san linn Nuadh-chreagaich. Feumaidh gun robh na daoine math air a’
mhuir agus eòlach air bàtaichean is seòladh,
gun luaidh air iasgach is eunachd – luchd-tuineachaidh a leag
buanaitean eachdraidh fhada Hiort. |
| Tuilleadh
fiosrachaidh
Fleming, A.
1995 'St Kilda: stone tools, dolerite quarries and long-term survival.'
Antiquity 69, 25-35
Fleming, A
agus Edmonds, M. 2000 'St Kilda: quarries, fields and prehistoric
agriculture' Proceedings of the Society of Antiquaries of Scotland
129(1), 119-160
Stell, G. agus Harman, M.1988. The Buildings of St Kilda Dùn
Èideann
Walker, M.
J. C. 1984 'A pollen diagram from St Kilda, Outer Hebrides' New
Phytologis 97, 99-113
Andrew Fleming
Roinn an Airceòlais
University of Wales
Lampeter, Ceredigion
SA48 7ED
Breatann.
Fòn: (+44) 01570 422351
Facs: (+44) 01570 423669
Post dealain: andrew.fleming@lampeter.ac.uk
Andrew.fleming@lamp.ac.uk
http://archaeology.lamp.ac.uk/fleming/stkilda.html
|
|
Am
Beàrn – A’cladhach
Ann an 1995
chladhaich Urras Nàiseanta na h-Alba ‘làrach
air chumadh bàta’ aig A’ Bheàrn ann a’
Hiort. Bha a’ chladhach air oir bearradh cas a bha 650 troigh
a dh’àirde agus fhuair sinn fiosrachadh cudromach mus
tuit an làrach dhan mhuir air sgàth bleith na talmhainn.
Ged a bha an structar air a ghleidheil gu math, cha robh deit follaiseach
airson na fianais. Thathar dhen bheachd gur e làrach ro-eachdraidheil
a bha ann bho Linn an Umha (mu 2000 RC). Bidh e coltach gun robh
ceangal aig làraich mar seo ri creideamh, ged nach urrainn
dhuinn a ràdh le cinnt nach e tobhtaichean chleitean a tha
annta.

A’cladhach an làraich
Dealbh: Robin Turner
|