| · |
3mh Iuchar – 28mh Lùnastal 2010 – Innse Gall – Air a dhèanamh san Òlaind Taisbeanadh Ealain Uibhist a Tuath
|
| |
Ann an 2009, thug Taigh Chearsabhagh cuireadh do Fred Schley tighinn a chòmhnaidh greis a dh’Innse Gall airson cothrom a thoirt dha an obair san taisbeanadh seo a dhèanamh. Tha an fhaireachdainn iongantach a chruthaich e mu mheudachd mhòr nan eileanan seo a’ glacadh gu soilleir nàdar annasach an t-solais, a bhios ag atharrachadh cho tric, air tìr agus aig muir.
Tha e cudromach nach eil fianais air beatha dhaoine sna dealbhan seo. Chan e a-mhàin gu bheil e a’ toirt sealladh neo-thìmeil air na mìltean bhliadhnachan a chaidh seachad, nuair nach robh buaidh cho dona againn air a’ phlanaid, ach tha e cuideachd na rabhadh mun àm ri teachd, nuair a tha beatha air na h-eileanan seo fhathast a’ fàs neo-sheasmhach dìreach mar a thachair ann am Miùghlaidh agus ann a’ Hiort agus, on uair sin air iomadh eilean eile ann an Innse Gall.
Tha Taigh Chearsabhagh a’ toirt taing airson taic bho Urras Nàiseanta na h-Alba airson fiosrachadh fhoillseachadh mun taisbeanadh a tha a’ comharrachadh 80 bliadhna bho chaidh Hiort fhàsachadh.

Innse Gall – Air a dhèanamh san Òlaind Fred Schley
dealbhan-fìor de sheallaidhean tìre agus mara ann an Innse Gall
gailearaidhean 1 & 2
3 iuchar- 28 lùnastal
fosgailte diluain - disathairne 10m – 5f
an-asgaidh. inntreadh do chiorramaich
TAIGH CHEARSABHAGH
taigh-tasgaidh & ionad-ealain
Loch nam Madadh
Uibhist a Tuath
Innse Gall
HS6 5AA
|
| · |
Làrach-lìn Hiort |
| |
Bidh cuimhne aig mòran agaibh air an àm a chaidh Plana Riaghlaidh Làrach Dhualchas na Cruinne a chur air bhog airson Hiort ann an 2003. Thachair tòrr on uair sin agus thar nan 18 mìosan a tha romhainn, bidh Urras Nàsieanta na h-Alba a’ sgrùdadh adhartas a’ phlana seo agus a’ suidheachadh nam prìomhachasan riaghlaidh sna 5 bliadhna ri teachd. Gus seo a choileanadh, bidh an t-Urras ag obair còmhla ri com-pàirtichean is luchd-caidreachais, coimhearsnachdan ionadail nam measg, agus duine sam bith le ùidh sna h-eileanan, co-cheangailte ri prìomhachasan riaghlaidh sna bliadnaichean ri teachd. Tha sinn dìreach a’ tòiseachadh air a’ phròiseas seo ach bidh sinn ag innse mun adhartas againn air an làrach-lìn aig deireadh na bliadhna agus toiseach 2009. Mar sin, thoir sùil an-dràsta is a-rithist agus gabh pàirt sa cho-chomhairleachadh nuair a thòisicheas e.
|
| · |
St Kilda - LIVE WEBCAST |
| |
Haoine 22/06/2007 20:20GMT
|
| · |
St Kilda - Plockton Gallery |
| |
Claire Harkess RSW, 9th June - 8th July 2007
|
| · |
A’ comharrachadh 50 bliadhna fo sheilbh Urras Nàiseanta na h-Alba |
| |
Urras Nàiseanta na h-Alba 50 bliadhna ann a’ Hiort
A’ coimhead air ais thar nan leth-cheud mu dheireadh, tha an t-Urras, agus iomadh neach-obrach saor-thoileach, air a bhith ag obair gus àilleachd iongantach an eilein a dhìon
.
|
| · |
Gailearaidh Ealain is Taigh-tasgaidh Kelvingrove |
| |
Taisbeanadh ùr mu Hiort ann an Taigh-tasgaidh Kelvingrove, Glaschu - (www.glasgowmuseums.com/projects.cfm)
|
| · |
Aithisg Airc-eòlaiche Hiort 2005 |
| |
Tha Airc-eòlaiche Hiort aig NTS a’ foillseachadh
aithisg gach foghar le iomradh air an obair airc-eòlais
air an eilean agus air falbh on eilean. Am measg na tha aithisg
na bliadhna seo a’ còmhdach tha: sgrùdadh
nan cleitean is nam ballachan, obair a rinn buidhnean obrach
as t-samhradh, agus iomradh air obair airson mìosan
a’ gheamhraidh air falbh on eilean.
|
| · |
Inbhe Dhùbailte a thaobh Dualchas na
Cruinne do dh'eileanan Albannach Sònraichte: Iuchair 2005 |
| |
Chaidh am fios naidheachd an cois an leudachaidh air
sònrachadh dhualchas na cruinne gus an sealladh cultarach
a ghabhail a-steach a chur ris an làrach.
|
| · |
Seallaidhean
Cultarail Dhualchas na Cruinne: An Giblean 2005 |
| |
An dèidh do Chomataidh Dhualchas na Cruinne aig UNESCO iarraidh, agus
às leth Phàrlamaid na h-Alba agus Riaghaltas
Bhreatainn, tha Urras Nàiseanta na h-Alba air mion-sgrùdadh
coimeasail ullachadh a’ coimeas Hiort ri àiteachan
eile air an t-saoghal. Faodaidh tu seo a luchdachadh a-nuas
agus chì thu dhut fhèin carson a tha sinn dhen
bheachd gu bheil Hiort gun shamhail! Tha pàipear eile
ann a thugadh seachad aig còmhdhail eadar-nàiseanta
air seallaidhean cultarail sa Ghiblean 2005 agus faodar am
fear seo a luchdachadh a-nuas cuideachd. Tha e a’ còmhdach
cuid dhe na ceistean a chaidh a thogail ann a bhith ag ullachadh
a’ Mhion-sgrùdaidh Choimeasail.
|
| · |
An
t-Iuchar 2004 |
| |
·
Chaidh am brath naidheachd,
a bha an cois an leudachaidh ann an comharrachadh dhualchas
na cruinne gu bhith a' gabhail a-steach àrainneachd na mara,
a chur ris an làraich.
|
| · |
An
Dùbhlachd 2003 |
| |
·
Chaidh làrach-lìn Ghàidhlig www.hiort.org.uk
a chur air bhog air an 29mh dhen Lùnastal 2003.
·
’S e Rhodri Evans am
manaidsear ùr aig Urras Nàiseanta na h-Alba
airson nan Eileanan Siar, stèidhte ann am Beinn a’
Bhaoghla.
·
B’ e Neil Mitchell an
neach-raoin ùr, ràitheil aig Urras Nàiseanta
na h-Alba.
·
Fhuair Urras Nàiseanta na h-Alba Inbhe
Buidheann Ceadaichte bho Dhualchas Nàdair na h-Alba
gus Tèarmann Nàdair Nàiseanta Hiort a
riaghladh.
·
Chaidh aonta mail airson 25 bliadhna
a shoighnigeadh le Ministrealachd an Dìon.
·
Chaidh tagradh ainmeachaidh
air ath-sgrùdadh a chur gu UNESCO a’ sireadh
in-sgrìobhadh a bharrachd airson Dhualchas na Cruinne.
|
| · |
Sgrìobhainn
Ainmeachaidh airson Làrach Dhualchas na Cruinne:
An Giblean 2003 |
| |
Sa
Ghearran 2003 chuir Pàrlamaid na h-Alba ainmeachadh
a bh’ air ath-sgrùdadh gu UNESCO a’ sireadh
tuilleadh leudachaidh san inbhe sna roinnean Dualchas Nàdarra
agus Seallaidhean Tìre Dualchasach air sgàth
dualchas sònraiche nan uisgeachan timcheall nan eileanan,
agus an eisimpleir gun shamhail a tha na h-eileanan a’
toirt dhuinn air eachdraidh is cultar Alba. Tha tuilleadh
fiosrachaidh agus sgrìobhainn an ainmeachaidh gu leir
a-nis air an làraich seo.
|
| · |
Plana
Riaghlaidh Hiort 2003-2008: 30 Faoilleach 2003 |
| |
Tha
Riaghlaidh Hiort 2003 – 2008 a-nis deiseil agus tha
e ri fhaotainn air-loidhne. Chaidh am Plana Riaghlaidh cuideachd
a chur gu UNESCO còmhla ris an ainmeachadh airson inbhe
Làrach Dhualchas na Cruinne sna h-eileanan a leudachadh
gu bhith a’ gabhail a-steach àrainneachd na mara
agus an dualchais.
|
| · |
Aithisg
Airceòlaiche Hiort 2002: 23 Dùbhlachd 2002 |
| |
Aithisg
Bhliadhnail Airceòlais An Dùbhlachd 2002. ’S
e iomradh air obair airceòlaiche Hiort san t-samhradh
2002 a tha san aithisg.
|
| · |
Cuairtlitir
a’ Phlana Riaghlaidh – An t-Sultainn 2002: 1
Damhair 2002 |
| |
Tha
Cuairtlitir a’ Phlana Riaghlaidh a’ toirt fiosrachaidh
air iomairt Phàrlamaid na h-Alba air inbhe Làrach
Dhualchas na Cruinne do dh’àrainneachd na mara
ann a’ Hiort agus dhan dualchas. Tha iomradh ann air
Dreachd Co-chomhairleachaidh a’ Phlana Riaghlaidh.
|
| · |
A’
riaghladh Hiort: 1 Damhair 2002 |
| |
Chaidh
an earrann air Riaghladh Hiort ùrachadh le Dreachd
Co-chomhairleachaidh slàn de Phlana Riaghlaidh Hiort
airson 2002-2007. Tha am Plana
Riaghlaidh a-nis ri fhaotainn ann an cruth PDF.
Tha Bileag
Freagairt ann airson do bheachdan air a’
Phlana Riaghlaidh.
|
| · |
Cuairtlitir
a’ Phlana Riaghlaidh – Am Màrt 2002:
27mh Cèitean 2002 |
| |
Tha
seo a’ toirt beagan fiosrachaidh air an obair a tha a’
dol dhan Phlana Riaghlaidh, agus tha e ag innse na h-ìre
aig an robh e sa Ghiblean 2002. Airon tuilleadh fiosrachaidh
mun dòigh-obrachaidh, theirig gu Co-chomhairleachadh
a’ Phlana Riaghlaidh.
|
| · |
Cudrom
agus Amasan: 27 Cèitean 2002 |
| |
Tha
na pàirtean cudromach seo dhen Phlana Riaghlaidh a’
toirt iomraidh air na rudan a tha daoine a’ smaoineachadh
a tha cudromach mu Hiort, agus mar a dh’fhaodadh na cùisean
cudromach sin a bhith air an riaghladh sa cheann fhada. Tha
fàilte ron h-uile duine beachd a thoirt air an seo oir
tha e aig cridhe Phlana Riaghlaidh Hiort.
|
| · |
Beachdan
air Hiort: 27 Cèitean 2002 |
| |
Fiosrachadh
air rannasachadh a tha a’ toirt sùil air Hiort
on taobh a-muigh.
Nochdaidh toradh an rannsachaidh seo air an làrach-lìn
seo. Ma tha thu an sàs ann an rannsachadh mu Hiort agus
cuideachadh a dhìth ort, no ma tha fiosrachadh agad a
tha thu airson a sgaoileadh, cuir fios thugainn aig: stkilda@nts.org.uk.
|
| · |
Plan
Riaghlaidh Hiort: 4 Gearran 2002 |
| |
Fiosrachadh
ùr air Plana Riaghlaidh Hiort le beachdan on Choinneimh
Phoblaich sna Hearadh.
|
| · |
Earrann
Ùr: Ealain, Cànan agus
Dualchas
24 Dùbhlachd 2001
|
| |
"Pasgan
Hiort" ga thoirt do NTS.he St Kilda Portfolio, a new work
of art, is described.
|
| · |
Ath-dhealbhadh:
24mh An Dùbhlachd 2001 |
| |
Chaidh
an làrach-lìn gu lèir ath-dhealbhadh ach
am bi i nas beòthaile agus gum bi e nas fhasa do shlighe
a dhèanamh. |
| · |
Goireas
Luirg na Làraich: Lorg 24mh An
Dùbhlachd 2001 |
| |
Goireas
luirg luath airson na làraich-lìn gu lèir.
|
| · |
Dealbh
Sheallaidhean: Cuairtean ann an Dealbhan
7mh An t-Samhain 2001 |
| |
Sealladh
360 ceum de Bhàgh a’ Bhaile. A’ cur feum
air bathar bog a dh’fhaodas tu a luchdachadh a-nuas. |
| · |
Earrann
Ùr: A’ riaghladh Hiort
1mh An t-Samhain 200 |
| |
Earrann
ùr a tha a’toirt an fhiosrachaidh as ùire
air mar a chaidh Plana Riaghlaidh Hiort a chur na chèile.
|