Tha thu an seo: A’ riaghladh Hiort


Plana Riaghlaidh Hiort 2010

Fiosrachadh Eile mun Phlana Riaghlaidh (tasg-lann) (Ann am Beurla)

Do chothrom cur ri plan Hiort san àm ri teachd

 

CO-CHOMHAIRLEACHADH AIR PLANA RIAGHLAIDH LDC HIORT 2011 – 2016 & AITHISG ÀRAINNEACHD

12RA SAMHAIN – 31MH DÙBHLACHD 2010

Tha Urras Nàiseanta na h-Alba a’ dèanamh co-chomhairleachadh an-dràsta air dreachd ùr de phlana riaghlaidh airson Làrach Dualchas na Cruinne (WHS) Hiort. Gheibhear an sgrìobhainn seo ann an cruth pdf.

Tha am Plana ag aithneachadh carson a tha Hiort cho cudromach agus na dh’fheumar a dhèanamh airson a bhith cinnteach à glèidhteachas agus dìon sa cheann fhada. ’S e dreachd a’ phlana a tha seo agus chuireadh an t-Urras fàilte air beachdan mu chàil sam bith sa phlana, gu h-àraidh air na Prionnsapalan Stiùiridh agus Lèirsinn agus na h-Amasan agus na Riaghailtean sa gheàrr-ùine. A bheil am plana a’ còmhdach a h-uile càil a bu chòir? An deach eileamaid sam bith fhàgail às?

Measadh Àrainneachd Ro-innleachdail

A bharrachd air, agus a rèir iarrtasan Achd Measadh Àrainneachd (Alba) 2005, tha Urras Nàiseanta na h-Alba a’ dèanamh measadh àrainneachd ro-innleachdail (SEA) de Phlana Righlaidh Hiort 2011-2016.

Sònrachadh sgrùdaidh

Fo earrann 8(1) dhen Achd gu h-àrd, shònraich Urras Nàiseanta na h-Alba gu foirmeil ann an co-chomhairleachadh còmhla Buidheann Dìon Àrainneachd na h-Alba, gum bi e dualtach gum bi buaidh mhòr aig a’ phlana air an àrainneachd agus gum bu chòir measadh àrainneachdail a dhèanamh air mus tèid gabhail ris. Gheibhear lethbhreac dhen t-sònrachadh seo bho Urras Nàiseanta na h-Alba aig an t-seòladh gu h-ìosal.

Gheibhear lethbhreac de dh’Aithisg na h-Àrainneachd, a tha ag innse mun bhuaidh chudromach a dh’fhaodadh a bhith aig a’ Phlana Riaghlaidh, còmhla ri molaidhean airson an lùghdachadh, ann an cruth pdf.

Beachdan

Bu chòir beachdan air a’ Phlana Riaghlaidh agus air Aithisg na h-Àrainneachd a chur gu Vicky Cairns aig an t-seòladh gu h-ìosal no air post-dealain gu: stkildaconsultation@nts.org.uk

Vicky Cairns
Neach-planaidh Riaghladh LDC Hiort
Urras Nàiseanta na h-Alba
Cidhe Hermiston
5 Rathad Cultins
Dùn Èideann EH11 4DF

Mairidh a’ cho-chomhairleachadh gu Dihaoine, 31mh Dùbhlachd 2010.

Cuiridh sinn còmhla freagairtean a’ cho-chomhairleachaidh a bhios againn air an deit gu h-àrd. Thèid an sgrùdadh agus cleachdar na gheibhear a-mach airson Plana Riaghlaidh LDC Hiort.

Air sgàth cuingealachadh stòrasan, cuimhnich nach urrainn dhan Urras freagairt a thoirt do bheachdan fa leth.

Mòran taing airson pàirt a ghabhail agus gus dèanamh cinnteach à glèidhteachas agus dìon Làrach Dualchas na Cruinne ann a’ Hiort.

© Urras Nàiseanta na h-Alba