Tha thu an seo: Hiort An-diugh > Ealain, Cànan agus Dualchas


Ealain, Cànan agus Dualchas          

         
Cruinneachadh Hiort

Tha Cruinneachadh Hiort, a tha a’ comharrachadh cultar agus fàsachadh Hiort, na cho-obrachadh sònraichte eadar am bàrd is an sgrìobhadair Bill Duncan, agus an neach-ealain is an neach-phriontan Susan Wilson.

Air a chur na chèile le Dundee Contemporary Arts Print Studio, tha an cruinneachadh stèidhte air còig dàin a sgrìobh Bill Duncan an dèidh a bhith air cladhach arc-eòlais ann a’ Hiort do Urras Nàiseanta na h-Alba. Thug an cruth-tìre agus an eachdraidh uiread de bhuaidh air ’s gun robh e airson eachdraidh an eilein innse ann an ìomhaighean mar a chithear sna dàin.



Cruinneachadh Hiort Dealbh: Susan Wilson

Tha na dealbhan a rinn Susan Wilson, airson a dhol an cois nan dàn, a’ nochdadh brìgh nan dàn agus an dàimh a bh’ aice ris an sgrìobhadh, agus tha an dà chuid freagairt phearsanta annta agus fiosrachadh eachdraidheil bhon rannsachaidh aice fhèin. Tha faclan agus ìomhaighean a’ sruthadh còmhla mar aon.



Susan Wilson Dealbh: Susan Wilson

Tha an cruinneachadh na chuimhneachan air muinntir an eilein agus an dòigh-beatha aca; tha gach folio dhe na 36 a’ cuimhneachadh gach neach a dh’fhàg Hiort air 29mh Lùnastal 1930.

Dhe na sia lethbhreacan dearbhaidh, thugadh fear dhiubh do Ian Davidson, Manaidsear Glèidhteachais Urras Nàiseanta na h-Alba aig Caisteal nam Frisealach. Chaidh a thaisbeanadh ann an Taigh Wemyss, Ceàrnag Charlotte mar phàirt de shreath thaisbeanaidhean "500 Years of Printing in Scotland 1508 - 2008" còmhla ris a’ chiad dreachd (1698) dhen leabhar aig Martin Martin "A Late Voyage to St Kilda".

Airson tuilleadh fiosrachaidh mu Chruinneachadh Hiort, taisbeanaidhean san àm ri teachd agus mar a gheibhear an dreachd a cheannach, cuir post-d gu:

annis.fitzhugh@dca.org.uk and susanwilsonprintmaker@gmail.com

no fòn: DCA Print Studio +44 (0) 1382 909242

 

© Urras Nàiseanta na h-Alba